This is a Clilstore unit. You can .
B. Bha mi fhìn ’s mo mhàthair ’s m’ athair, agus bha piuthar agam a bhàsaich gu math òg – ceathrar againn a bh’ ann. ’S bha an cidsin ann agus dà rùm. Agus bhiodh teine mòr sa chidsin daonnan. Sin an aon àite a bha blath.
Bhiodh teine a’ dol sa cheann shìos an taighe cuideachd. Sa gheamhradh bhiodh iad a’ cur teine an sin.
T. Aidh, bidh – fear dhe na ceistean a bhios daoine a’ faighneachd a-nis, carson a tha uiread de dhaoine a’ leigeil na taighean-tughaidh na dhollaidh. Ach…
B. Tha iad seo gu math doirbh a chumail suas is tughadh fhaighinn. ’S e obair mhòr a th’ ann, agus obair dhaor a th’ ann a-nist.
T. Agus, an taigh sin, tha mi a’ smuaintinn gun robh beagan de dhroch chlachaireachd air a’ chùlaibh. Bha am balla air tòiseachadh air brùchdadh a-mach. Dh’fheumadh e a bhith air a thogail às ùr co-dhiù, cha mhòr.
B. Agus bhiodh cruach mhòr mhòr mhònadh aig daoine daonnan. Bha sin a’ dèanamh fad a’ gheamhraidh ’s suas as t-samhradh, gus an do thòiseach iad… Well bheireadh iad dhachaidh a’ mhòine ùr, agus bhiodh mòine chruaidh dhubh ann. Bhiodh sin a’ cur teas mòr. Bha sin cho math ri gual.
T. Bhitheadh, a’ mhòine dhubh. Caorain dhubh, aidh.
’S e a’ chiad chuimhne a th’ agamsa, nuair a thachair sin an toiseach, ’s e às dèigh na h-eaglais a h-uile Latha na Sàbaid, bhiodh sinn a’ tadhal airson cùpa tì san taigh. Bhiodh do mhàthair – bhiodh a’ phoit tì bheag a bha sin, agus bhiodh an t-uamhas sgudalaich a’ dol le uisge teth is coire is bhiodh a’ phoit tì ga lìonadh dhà no trì thriopan…
B. Bhitheadh. Agus tì làidir a bhiodh ann, daonnan.
T. Leis na duilleagan.
B. Agus bhiodh daonnan aran. Daonnan a’ fuine.
T. Agus bhiodh bràthair do mhàthar, Aonghas Eairdsidh – bhiodh e fhèin a’ tadhal a-staigh às dèidh na h-eaglaise gu math tric. Agus bha esan - ’s e geamair a bh’ ann aig an oighreachd, ’s e a bha os cionn na geamairean eile, tha mi a’ smuaintinn – agus bha an t-uabhas mòr de sgeulachdan aig Aonghas Eairdsidh, agus aithreachas mòr oirnn nach do dh’èist sinn na b’ fheàrr leis, gus cuimhne a chumail air na sgeulachdan a bha sin, fhad ’s a bha e beò.
B. Bha fios aige air tòrr rudan, an t-uabhas, mu na daoine, ’s mun àite, ’s mun a h-uile sìon – na h-àrainneachd. Bha.
T. Aon stòiridh a bhiodh a’ tighinn nam inntinn-sa nuair a bha – tha sgeulachd air innse mu Cù Mòr Cheann an t-Sruthain eadar Tobha Mòr agus Dreumasdail. Bhiodhte a’ faicinn cù mòr an sin ’s bhiodh na sùilean aige, mar gum biodh, a’ lasadh teine. Agus chan eil fhios agam, am biodh ceò is… Bha daoine a’ smuaintinn saoil an robh iad a’ faicinn manadh de tractar mun àm mun robh tractaran ann?
Ach tha cuimhne agam, aon triop, thug mise iomradh air Cù Mòr Cheann an t-Sruthain ’s Aonghas a-staigh. Thuirt do mhàthair-sa “Oh, bha gu dearbh, cù mòr, tha cuimhne agam air grunn dhe na sgeulachdan sin. Saoil dè bh’ ann?” Thuirt Aonghas, “Oh, thàinig sin gu buil.” “Oh an tàinig?”, thuirt do mhàthair. “Dè thachair?” So, thuirt Aonghas, “Chan eil mi a’ dol a bhruidhinn ma dheidhinn idir”. Tha mi a’ smaoineachadh gun do dh’èirich e na sheasamh ’s gun do dh’fhalbh e. Dh’fhàg e sinn an uair sin a’ uandraigeadh dè bh’ air cùlaibh na sgeul a bha seo. Cha d’ fhuair sinn a-mach chun an latha an-diugh dè bh’ air cùlaibh – an robh sìon eile air cùlaibh Cù Mòr Cheann an t-Sruthain.
Ach tha sgeulachd san leabhar beag a chuir Ministear MacChoinnich a-mach. Dhà no trì sgeulachdan Uibhist mu bhòcain is rudan. ’S e “Nach neònach sin” - ’s e an t-ainm air an leabhar a tha sin. Cù Mòr Cheann an t-Sruthain – chan fhaca sinne riamh e co-dhiù.
Short url: https://clilstore.eu/cs/11880