Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Student introduction to Clilstore in Scottish Gaelic

Air an làraich-lìn multidict.net, gheibhear trì goireasan a bheir taic do luchd-ionnsachaidh: Clilstore, Wordlink agus Multidict.

Tha Multidict ga dhèanamh furasta faclan a lorg ann an diofar fhaclairean air-loidhne - faclairean aon-chànanach, agus faclairean dà-chànanach. Gu tric, ’s e Multidict an dòigh as fhasa faclair a lorg a fhrithealas air paidhir air choireigin de chànanan.

Tha Wordlink a’ leigeil leibh duilleag Eadarlìn a thionndadh gus am bi gach facal ceangailte ri faclairean air-loidhne. Tha Wordlink a’ cur feum air Multidict.

Tha Clilstore na stòras de dh’aonadan airson cànan ionnsachadh. Tha iomadh cànan ann. Tha e a’ toirt taic do luchd-ionnsachaidh teacsa a leughadh le bhith a’ ceangal gach facal ri Multidict.

Gus a’ bhuannachd as fheàrr fhaighinn bho Chlilstore, tha e cudromach Multidict a thuigsinn. Air sgàth sin, tòisichidh sinn le Multidict.

Nuair a bheir sibh sùil an toiseach air Multidict, tha e gu math sìmplidh. Sgrìobhaidh sinn facal air choireigin - “transducer” - agus cleachdaidh sinn an clàr-taice teàrnach gus innse do Mhultidict dè an cànan a th’ ann.

Chithear gu bheil tòrr chànanan aig Multidict. Tha mi a’ taghadh “English” agus tha mi a’ briogadh “Go”.

Chithear gu bheil roghainnean eile a-nis air nochdadh. Nam b’e mìneachadh sa Bheurla air “transducer” a bha a dhìth orm, bhithinn a’ taghadh “English” sa chlàr-taice “To”. Ach an-dràsta ’s e eadar-theangachadh Spàintis a tha mi ag iarraidh agus leis an sin, ’s e “Español” a tha mi a’ taghadh.

Feuchaidh Multidict ri facal a lorg an toiseach anns an fhaclair Beurla-Spàintis as trice a bhios daoine a’ cleachdadh. Gu ruige seo, tha Multidict eòlach air 24 de dh’fhaclairean Beurla-Spàintis.

Ach ma tha sibh eòlach air faclair math nach eil sa liosta fhathast, briogaibh “About” aig mullach na duilleig agus gheibh sibh a-mach ciamar is urrainn dhuibh fios a leigeil dhuinn ma dheidhinn.

Tha e cudromach gun tagh sibh am faclair is fheàrr dhuibh fhèin. Oir tha neartan agus laigsean aig gach faclair. Agus mura bheil an dàrna faclair eòlach air an fhacal, feuchaibh fear eile.

Gheibhear faclairean eile leis a’ chlàr-taice theàrnach. Air neo le bhith a’ briogadh na h-ìomhaigheagan aig na faclairean fa leth, aon uair ’s gum fàs sibh eòlach orra.

Am facal “transducer”, ’s e facal teicnigeach a th’ ann nach eil aig a h-uile faclair. Feuchaidh mi faclair eile le bhith a’ briogadh na h-ìomhaigheagan.

Fear de na faclairean is fheàrr leamsa, ’s e am faclair IATE. ’S e seo am faclair as fheàrr airson faclan a bhuineas ri riaghailtean agus lagh, ach tha e cuideachd math airson faclan teicnigeach.

Tha IATE a’ dèanamh sgaradh eadar diofar co-theacsan, agus bidh sin gur cuideachadh ann a bhith a’ taghadh an t-eadar-theangachadh as fhreagarraiche.

Faodaidh sibh feuchainn ri sreathan de dh’fhaclan leithid “look for” no “look after” a lorg le Multidict cuideachd.

Bheir sinn sùil a-nis air mar a thèid Multidict a chleachdadh le Wordlink. Tha mi a’ dol air ais dhan chlàr-taice Multidict.net, agus tha mi a-nis a’ taghadh “Wordlink”.

Ann an Wordlink, is urrainn dhomh duilleag WWW a thionndadh gus am bi a h-uile facal san teacsa ceangailte ri faclairean air-loidhne.

An toiseach tha mi ag innse do Wordlink dè an cànan anns a bheil an duilleag. Tha mi a’ taghadh “English”.

An uair sin tha mi a’ sgrìobhadh seòladh na duilleige, “cnn.com”, agus tha mi a’ briogadh “Go”.

Faodaidh mi a-nis facal a bhriogadh gus a lorg le Multidict.

Chan urrainn dhomh ach aon fhacal aig an àm a lorg san dòigh sin. Ma ’s miann leam sreath de dh’fhaclan a lorg, feumaidh mi fhìn na faclan a bharrachd a sgrìobhadh a-steach gu Multidict.

Chithear gu bheil Multidict a’ cumail cuimhne air an fhaclair mu dheireadh a chleachd sibh, agus air a’ chànan anns an robh sibh ag iarraidh eadar-theangachadh.

Ach gabhaidh iad atharrachadh mar a thogras sibh.

Ma bhriogas mi ceangail air an duilleig WWW, théid an ath dhuilleag a thionndadh le Wordlink cuideachd.

Ma tha mi ag iarraidh facal eadar-theangachadh a tha na cheangal, feumaidh mi “Remove existing links” a thaghadh, agus “Go” a bhriogadh a-rithist.

Chì sinn a-nis ciamar a thèid Multidict a chleachdadh le Clilstore. Tha mi a’ dol air ais dhan chlàr-taice Multidict.net.

Tha dà shaighead an sin a tha a’ dol gu Clilstore. Briogaibh an tè airson “Students”.

A’ chiad cheum, ’s e an cànan a thaghadh a tha sibh ag ionnsachadh.

Tha mi a’ taghadh “English”. Agus is dòcha gu feum sibh “Choose” a bhriogadh.

A-nis chan eil romham ach liosta de dh’aonadan airson Beurla ionnsachadh.

Air an taobh chlì de thiotal an aonaid, chì mi ìre an aonaid, ’s i air raon a tha a’ dol bho A1 gu C2. ’S e A1 an ìre is fhasa.

Faodaidh mi a-nis an ìre agam fhèin a thaghadh gus aonadan a lorg a tha freagarrach dhomhsa. Nuair a bhriogas mi na putain, tha mi a’ faicinn dè a tha ri fhaighinn aig an ìre ud.

Tha an ath cholbh a’ sealltainn a bheil an t-aonad a’ cleachdadh bhideo no fuaim.

Gabhaidh aonadan a shireadh; gabhaidh na h-aonadan a chur ann an diofar òrduighean.

Ma bhriogas mi “Media”, théid na h-aonadan a rangachadh a-rèir bhideo no fuaim.

Ma tha mi a’ feuchainn ri aonad air choireigin a lorg a-rithist, no a’ feuchainn ri aonadan a lorg air cuspair fa leth, faodaidh mi am facal a tha mi a lorg a sgrìobhadh san fhaiche “Title” no san fhaiche “Text and summary”, agus “Find” a bhriogadh.

Tha barrachd cholbhan rim faighinn - ma tha mi ag iarraidh faighinn a-mach cò a rinn an t-aonad, mar eisimpleir, no co mheud facal a th’ ann.

Faodaidh mi colbh a sguabadh às le bhith a’ briogadh an X dheirg.

No gnothaichean a chur air ais mar a bha, le bhith a’ briogadh “Clear all” no “Restore”.

Lorgaidh sinn an t-aonad “Wiring a Typical British Plug (Intermediate level)”.

Is urrainn dhomh a-nis am bhideo a chluich.

Agus faclan a bhriogadh gus an lorg san fhaclair. Anns an teacsa tha tar-sgrìobhadh facal air an fhacal den bhideo.

Anns an uinneag “Multidict” air an taobh dheas, chì mi na toraidhean bhon fhaclair.

Cha ghabh ach aon fhacal a lorg le bhith a’ briogadh anns an dòigh sin. Ma tha mi ag iarraidh sreath de dh’fhaclan leithid “look for” no “look after”, feumaidh mi fhìn na faclan a bharrachd a sgrìobhadh a-steach ann am Multidict.

Aig cuid de na h-aonadan tha ceanglaichean ann gu duilleagan eile no gu eacarsaichean. Tha “Exercises” aig an aonad seo, agus is urrainn dhomh cuideachd “handout” fhaighinn.

Clilstore

Short url:   https://clilstore.eu/cs/1188