This is a Clilstore unit. You can .
Coinneach 0:04 Fàilte oirbh gu fear eile de na còmhraidhean seo a tha sinn a' dèanamh aig Comann Eachdraidh Sgìre a' Bhac, airson cuimhneachain dhaoine ùrachadh air mar a b' àbhaist dha cùisean a bhith.
Làithean a dh'fhalbh agus nach eil againn, is nach bi againn. Le bhith a' cluinntinn na sgeulachdan bho bheul nan daoine fhèin, agus 's ann a Chol a tha sinn a' dol a-nochd. Tha tè còmhla riumsa ann an-seo an-dràsta, Catrìona NicArtair.
Uill, sin an t-ainm ceart a th' oirre, ach tha i fhèin a' dol a dh'innse dhuinn a-nise dè chanadh iad rithe. A Chatrìona, dè chanadh iad riut ann an Col?
Catrìona 0:39 Uill, bhàsaich mo mhàthair is cha robh mi ach trì bliadhna, agus 's ann ann an Col a bha mi às dèidh sin agus bliadhna ron sin in fact.
Agus tha, 's e Catrìona Dhuirl a chanadh iad rium ged e 's e an Caragan m' athair. 'S e Duirl màthair mo mhàtha…athair mo mhàthar. Agus bha mi ann an-sin an còrr…'s ann an-sin a chaidh mo thogail.
Coinneach 1:04 Dè seòrsa àite a bh' ann aig an àm? Dè a’ chiad chuimhne a th' agad?
Catrìona: 1:08 Dè a’ chiad chuimhne a th' agam air? Uill, tha mi a' creids’ gur e…an e Dòmhnall 'an na Craoil? Bha bodach a-staigh…ann an Ceann a-staigh Chuil, is bhiodh e a' dol a-mach le cairt is each gu na mònach. Agus bhithinn-sa a' ruith a-steach gu far a bheil taigh Iain Khelson an-diugh gus am faighinn raighd a-mach anns a' chairt chun an taighe againn fhìn. Is mi na mo shuidhe ri taobh a’ bhodach sin.
Coinneach 1:31 Agus dè seòrsa rathad a bh’ ann?
Catrìona 1:33 Ò rathad corrach. Cha robh teàrr na càil air. Cha robh teàrr idir air gu bliadhnaichean mòr às dèidh…cha robh tèarr air, cha chreid mise nach e…'s ann às dèidh bliadhnaichean…às dèidh a' chogaidh a chaidh a thearradh.
Coinneach Is bha thu a' bruidhinn air each agus cairt, an robh tòrr eich ann? An robh tòrr chairtean timcheall?
Catrìona 1:53 Ò bha tòrr, agus ann an ùine glè ghoirid agus faodaidh mi innse, bha mi…bha mi pòsta aig an àm, ach cha b' e am balach agam fhìn a bha seo idir, ach bha e a' coimhead a-mach air an uinneig is bha e a' cantainn ri a mhàthair, thòisich e ag ràdh ‘Ò bò, ò tha maide às a dèidh’.
Cha robh e…cha do dh'aithnich e each. Bha…bha na h-eich air falbh an uair sin.
Coinneach 2:25 Cha robh…cha robh na h-eich ann.
Catrìona 2:26 Cha robh na h-eich ann. Cha robh esan air am faicinn co-dhiù.
Coinneach 2:29 Ach chan e…chan e a-mhàin gun robh eich ann, bha feum air na h-eich aig an àm a bha sin. Bha iad gan cleachdadh.
Catrìona 2:34 Ò ghràidh bha. 'S e, iad a' treabhadh is a' criathadh, is a' toirt dhachaigh na mònach. Is dè an còrr a bhiodh iad a' dèanamh? Sin e dìreach, bha iad…bha iad le cairt is each a' toirt dhachaigh na mònach.
Coinneach 2:54 Agus nighean òg a' fàs suas ann an-sin an-dràsta, cò…cò na companaich a bhiodh agad?
Catrìona 3:01 Uill bha…'s e mise a b' òige den…den…den chlann-nighean a bh' ann…a bh’ ann an Ceann a-muigh Chuil an uair ud.
'S e…’s e clann-nighean Dàraidh is clann-nighean Iain 'an Òige agus bha clann-nighean a’ Bhounce, Jessie Bell Làdaidh is Katie Bell Chalum 'an Duncan agus clann-nighean Sheonaidh.
Coinneach 3:26 Seonaidh 'an Alasdair?
Catrìona 3:27 Seonaidh 'an Alasdair. 'S e.
Coinneach 3:29 Is dè bhiodh…is ciamar a bhiodh sibh a' cur seachad ur n-ùine?
Catrìona 3:33 Ò a’ cluiche le cèise-ball, nam biodh cèise-ball againn.
Bha a h-uile càil cho gann an uair sin, nuair a…cha bhiodh, cha bhiodh daoine a' dol a Steòrnabhagh tric an uair sin, is tha cuimhne agamsa a’ dol a…nuair a dheigheadh duine anns a' bhaile a Steòrnabhagh bhiodh sinn a' cruinneachadh, a' feitheamh gun tigeadh i agus a' dèanamh pìosan le rud ubhal…chan fhaca sinn…
Is tha cuimhne agam cuideachd nuair a thòisich an cogadh agus 's iongantas mura robh mo sheanmhair a' tighinn a-nuas air…air bus agus bha…bha Magaidh a’ Chanadian le poca ùbhlain aice a thàinig à Canada, is bha am fàileadh sin cho àlainn tha e coltach.
Agus thuirt i, can ri Catrìona a thighinn sìos is gum faigh i ubhal. Is bha sin pìos math dhomhsa coiseachd an uair sin bha…'s ann anns an t-seada dhubh a bha iad shìos ann am Bhatasgeir. A-mach à Ceann a-muigh Chuil airson aon ubhal.
Coinneach 4:29 Seadh. Nise, nuair a tha thu ag ràdh Magaidh Canadian, an e sin Maggie aig an robh a’ bhùth dhearg?
Catrìona 4:33 'S i, ’s i, uh-huh. Bha trì bùthan ann an-sin an uair sin. Bha…bha Màiri Iain Ruairidh, agus chan eil cuimhne agam dè…bha, bha tè eile ann cuideachd agus a’ bhùth acasan shìos agad.
Coinneach 4:57 An robh gin a bhùth ann an Col?
Catrìona 4:59 Bha, Niall Anndra ann an Col.
Coinneach 5:02 Agus dè bhiodh anns a’ bhùth sin?
Catrìona 5:02 Agus bha…bha…bha bùth…bha bùth aig muinntir Làdaidh greis cuideachd, bha.
Coinneach 5:08 Is dè bhiodh…bhiodh anns na bùithtean sin?
Catrìona 5:12 Uill nuair a…nuair a thòisich…cha robh mise ach ochd bliadhna nuair a thòisich an cogadh agus tha…cha robh tòrr airgead a' dol ann a bharrachd an uair sin. Mura biodh obair agad cha bhiodh airgead agad. Cha robh guth air…air welfare an uair sin agus tha…bhiodh iad, bhiodh a h-uile càil anns a’ bhùth, bho…bho siùcar is teatha agus hama is even am paireafain ann am pìosan…pàirt eile den…tarsainn an rathad canadh…chanadh tu.
Coinneach 5:47 Dh'ainmich…dh’ainmich thu an siud an cogadh. A bheil cui…dè a’ chuimhne a th' agad air nuair a thòisich an cogadh?
Catrìona 5:54 Uill 's iongantas mar an robh reòthadh dian ann an geamhradh mus do thòisich an cogadh, is innsidh mise dhut dè a’ chuimhne a th' agam air.
A bhith a' slaighdigeadh sìos lot mo sheanmhar, banntrach Sheorais. Bha leathad an-sin. Agus fear de na balaich air tòirt bòrd…stòl a-mach à taigh, agus dithis againn nar suidhe air…air an stòl agus ar casan os a chionn is iad gar…gar brùthadh sìos an leathad.
Agus tha cuimhne agam coiseachd dhachaigh, agus sgiorta chlò a bhiodh oirnn an uair sin agus i …i a' reòthadh mar a…mar a bha i fluich a' dol sìos air an t-slaighd, bha i a' reòthadh is a' goirteachadh cùl ar casan, a’ geàrradh cùl ar casan.
Coinneach 6:40 Cò na balaich a bh’ ann?
Catrìona Uill, bha Aonghas Dàraidh ann is Uilleam agus fuirich a-nise…tha mi a' creids’ Iain Chaluim Mhic Cutty agus Tom Làdaidh.
Coinneach 7:04 Tha e annasach…tha e annasach gu bheil cuimhne agad air a’ chlann-nighean nas fheàrr na na balaich!
Catrìona 7:08 Dè tha thu a' minigeadh le sin?
Coinneach 7:10 Ò fàgaidh mise sin agad fhèin! Ach…ach a bheil cuimhne agad air duine a' falbh chun a’ chogadh?
Catrìona 7:18 Ò tha. Tha cuimhne agamsa bhiodh am Peel, nuair a bhiodh iad…tha cuimhne agamsa even nuair a dh'fhalbh iad. An ann ann an 1938 rud ris an canadh iad an crisis ann? Is tha cuimhne agam am Peel a thighinn gu an doras againn ann an Col. Bha am Peel a' fuireach ann an Col Uarach, agus am bus làn de bhalaich òga a' falbh gun…dhan chogadh gus an canadh iad beannachd…bannachd le mo sheanair is mo sheanmhair. Tha cuimhne agam air an-sin cho math ri càil.
Is gu leòr aca nach do thill. Gu leòr aca nach do thill.
Coinneach 7:55 Is dè a’ chuimhne a th' agad air àm a’ chogaidh fhèin agus na rations agus rudan mar sin a bha a' dol aig an àm sin?
Catrìona 8:02 Uill, bha mise a' smaoineachadh gun robh sinne uabhasach math dheth an taca ris a' bhaile mhòr. Agus bha cearcan againn, is mar sin bhiodh uighean againn.
Is bha crodh againn, is bhiodh bainne againn. Is bhiodh ìm againn, is gruth, is bàrr. Cha robh tòrr den bhàrr ga thoirt seachad, chuireadh…'s dòcha gun cuireadh iad rud beag am measg a’ ghruth aig amannan, bhon bha iad ga ghlèidheadh airson dèanamh an ìm.
Agus nuair a bhiodh…nuair a dheigheadh a’ bhò ann an dàrna taigh seasg, bhiodh…bhiodh na taighean eile anns an robh na crodh a’ bleoghann a' cur bainne is gruth agus rudan mar sin dhan taigh. Bha iad…bha iad a' riaghladh air…air a h-uile duine.
Coinneach 8:48 Ach cò bha a' dèanamh an obair a b' àbhaist dha na fìr a bhith a' dèanamh agus na fìr a-nise air falbh anns a' chogadh?
Catrìona 8:55 Bha seann bhodaich nam biodh iad làidir gu leòr, agus na boireannaich.
Bha…tha cuimhne agamsa mo sheanair agus gu deimhinn bha…thuirt mi ris e aig an àm, cha toirinn a bheag a thaing dha duine a dhèanadh sin orm. Is bhiodh e ag èirigh tràth co-dhiù, ’s e iasgair a bh’ ann dheth is bhiodh e ag èirigh tràth.
Agus bhiodh e…bha dà bhanntrach air ar taobh-a-muigh is nuair a dhùisg iad anns a' mhadainn bha an clàr-coirce aige air an làr aca air a spealadh, agus bhiodh acasan an uair a' coimhead, is bhiodh…bhiodh sin gu math trom orra a' coimhead is bhiodh e…bhiodh e na b’ fhasa dhaibh a bhith a' leantainn an speal na an clàr gu leir a bhith romhpa nuair a dh'èireadh iad ann am madainn. Ach bhiodh iad taingeil cuideachd air an-sin, gun robh e a' dèanamh sin dhaibh.
Coinneach 9:45 Agus, cò ris a bha an sgoil coltach an uair sin aig àm a' chogaidh? Bha pìos coiseachd agaibh.
Catrìona 9:53 Bha…bha sinne a' coiseachd à Ceann a-muigh Chuil, agus cha robh…cha robh aodach agad an uair sin even freagarrach. Cha robh…cha robh an t-airgead ann agus cha bhiodh coupons agad a dheigheadh…a dheigheadh…a ruigeadh air…air tòrr de rudan. Is bhiodh sinn gu math fliuch. Bhiodh steam ag èirigh dhinn anns an sgoil leis…leis an teine agus tha…tha sinn…tha mi a' creids’ nach robh sinn a' saoilsinn càil dheth bhon 's e sin a bh' againn ri dhèanamh is bhiodh an fheadhainn mhòra a' toirt an fheadhainn bheaga dhan sgoil a' chiad…a’ chiad latha cuideachd, agus a h-uile latha.
Coinneach 10:35 Agus aig an àm a bha sin cuideachd 's e an dealbh a bhios sinn a' faighinn an-diugh gun robh…gun robh an eaglais uabhasach làidir agus gum feumadh…gun robh rudan a bha ceadaichte agus rudan nach robh ceadaichte. Dè cho mothachail sa bha sibhse air an-sin? No an robh sibh?
Catrìona 10:50 Uill bha a h-uile duine an uair sin a' glèidheadh na Sàbaid glè mhòr. Dh’fheumadh tu an t-ullachadh gu lèir a dhèanamh oidhche Shathairne. Bhiodh am buntàta agus na currain agus na snèapan agus a h-uile càil a tha sin deis airson…airson latha na Sàbaid. Agus chan fhaodadh tu even sguabadh an làr.
Tha cuimhne agam fhèin mo mhì-shealbh a thoirt dhomh triop is mi a’ breith air a' bhruis. Bha.
Coinneach 11:18 Is cò na…cò an luchd-…pearsachan eaglais? Cò na h-èildearan a bha a-muigh anns a cheann a-muigh aig an àm sin, a bheil cuimhne agad?
Catrìona 11:23 Ò bha èildearan àlainn. Iain 'an Òige, is Murdo Beef agus Seumas Thomson, agus Iain Mhurchaidh Iain, sin Tinty. Sin uncail m' athar, agus às dèidh…Alec John Dhòmhnaill Dhoilidh. Sin an fheadhainn a tha mi a' cuimhneachadh air an-dràsta.
Coinneach 11:54 Seach gun do dh'ainmich sibh Alec John Dhòmhnaill Dhoilidh ann an-sin cuideachd, agus bha sibh a' bruidhinn na bu thràithe…mu thràth ron seo air na busaichean. Bhiodh esan a' dèanamh na busaichean nach biodh?
Catrìona 12:02 Ò bhiodh.
Coinneach 12:03 A bheil cuimhne agad air an-sin?
Catrìona 12:04 Uill beagan. Tha cuimhne agam, 's e m' antaidh a bha pòsta aige, is tha cuimhne agam an t-seada, seada mhòr aige is bhiodh e an-còmhnaidh ag obair air fiodh agus ag obair air busaichean, bha e a' dèanamh…bha e uabhasach làmhach, bha. Agus tha cuimhne agam air a bhith ag obair an-sin.
Coinneach 12:27 Uill tha ciste agus cabineat againn a-staigh agus tha…bha e air a ràdh gur e Alec John… gur e a rinn iad.
Catrìona 12:33 Cha ghabhainn iongantas ged a b' e.
Coinneach 12:35 Agus mar sin tha mi…tha mi air an cumail gu…gu ruige seo.
Ach, an uair sin thòisich sibh a' fàs suas, tha…suas ann an…ann an Col is tha mi…tha mi a' creids’ gum biodh sibh…am biodh sibh a' dol a Steòrnabhagh uair sam bith? A bheil cuimhne agad a' chiad triop a-riamh a chaidh thu a Steòrnabhagh?
Catrìona 12:51 Ò bha mi aosta nuair a chaidh mi a Steòrnabhagh, bha mi, chanainn-sa gun robh mi…uill aosta. Chanainn-sa gun robh mi deich bliadhna co-dhiù nuair a…nuair a bhiodh iad a' falbh dhan an dròbh, tha…
Is tha cuimhne agam gur ann a-null a thaigh a' Pheel a bhithinn-sa a' dol is a bhith ag ithe aran-cridhe is lemonade, lemonade an-sin, agus…ach bhiodh an fheadhainn a bu shine na sin a' dol…a’ dol a Steòrnabhagh.
Uill, tha mise a' bruidhinn air, air…cha robh…cha robh airgead ann is bha…bha a h-uile càil air coupons is sin is rationed. Bho…bho thòisich mi a' tighinn gu mar gun canadh tu ochd blia…uill, thòisich an cogadh. Cha robh mi ach naoi bliadhna nuair a thòisich an cogadh.
Coinneach 13:44 Agus…ach ge-tà, latha na dròbha, a bheil fhios agad dhan ghinealach agamsa bhiodh sinn a' cluinntinn mu dheidhinn latha na dròbha, ach chan eil…a dh’innse na fìrinne chan eil fhios againn tha…dè bh’ ann an latha na dròbha. Dè a’ chuimhne a th' agadsa air?
Catrìona 13:57 Cha robh mi a-riamh…cha robh mi a-riamh shuas aig latha na dròbha. Bha mi ro òg airson sin, no cha robh iad gam leigeil ann. 'S ann latha na dròbha ann an taigh a' Pheel a bhiodh latha na dròbha againne, is bhiodh sinn a' faighinn, tha cuimhne agam…fuirich a-nise, dè chanadh tu ris…cragan a' tighinn, is bhiodh aran coirce…bhiodh gingerbread aige.
Coinneach 14:23 Aran-cridhe.
Catrìona 14:24 Aran-cridhe, sin am facal agus ò bhiodh…nuair a ghabhadh tu pìos dheth agus an uair sin nuair a shlugadh tu lemonade as a dhèidh bhiodh e dìreach cho teth. Bhiodh do thaobh a-staigh a' dol na theine leis.
Coinneach 14:39 Nise, bha mi a' bruidhinn ri tè air a’ Bhac an latha roimhe agus bha ise ag innse dhomh gum biodh iadsan a' falbh a-mach dhan abhainn còmhla ris na fìr nuair a bhiodh iad às dèidh na bradain. Am biodh…am biodh sibhse a’ dol…a' dèanamh càil dhan t-sèorsa sin?
Catrìona 14:51 Ò cha robh a-riamh, cha robh.
Coinneach 14:53 Cha robh crostachd mar sin air ar n-àire idir an robh?
Catrìona 14:55 Uill, tha mi a' creids’ gun robh crostachd gu leòr air ar h-aire ach…ach cha… nuair…nuair a bhiodh iad a' dol a dh'iarraidh na…na brodain…na bradain cha robh sin ceadaichte dhaibh an uair sin agus 's ann air anmoch air…
Coinneach 15:09 ’S ann, ’s ann.
Catrìona …anmoch, anmoch air an oidhche, is cha bhiodh sinne a-muigh air an oidhche ann. Bhiodh tu na do leabaidh. Bhiodh sinne nar leabaidh an uair sin.
Ach a’ chuimhne a th' agam a bhith…a bhith a-muigh is e dorcha, 's e a bhith a' toirt leinne ar fighe is a' dol mas fhìor a thaighean…a thaighean cuideigin agus a' dèanamh fighe is an uair sin nuair a thigeadh àm an dannsa aig…aig drochaid Chuil air neo shìos…bha sinn even shìos ceann rathad a’ Bhac. Bhiodh sinn a' stobadh an fhighe dha na…dha na cruachan.
Coinneach 15:46 Seadh.
Catrìona 15:47 Gus an do thòisich iad a' tuigs’ an rud a bha a' tachairt is thòisich iad an uair sin a' coimhead dè na bha sinn air a dhèanamh air an fhighe fhad ’s a bha sinn…! Cha robh tòrr…cha robh tòrr air a dhèanamh. Cha robh an fhighe air fàs glè mhòr.
16:00 Coinneach Innis dhomh mu dheidhinn dannsa an rathaid.
Catrìona 16:05 Uill, bhiodh…bhiodh e aig drochaid Chuil, dannsa an rathaid aig drochaid Chuil, agus tha…
Coinneach 16:10 Is cò bhiodh a’ cluiche a' mhaileòidean?
Catrìona 16:12 Geordie agus bhiodh balaich Bhast a’ cluiche an accordion cuideachd, is Geordie.
Coinneach 16:21 An e sin bràthair Neilly Dubh?
Catrìona 16:22 Bràthair Neilly Dubh.
Coinneach 16:23 Am fear a chaidh a Chanada?
Catrìona 16:24 Am fear a chaidh a Chanada. Is bha e iongantach math air a’…air a’…air a’ bhucas.
Coinneach 16:30 Agus dè…dè seòrsa aodach is brògan a bhiodh oirbh? An robh e gu diofar?
Catrìona 16:34 Cha robh…cha robh e gu tòrr diofar. Cha robh sinn dressed up ann airson sin. Bhiodh rudeigin blàth oirnn. Cha b’ e frocaichean a bhiodh oirnn no càil mar sin aig ceann an rathaid a' dannsa.
Coinneach 16:46 Agus ’s e…tha…dè seòrsa dannsa…dè seòrsa dannsa a bh’ ann? Am biodh duine a' seinn cuideachd no an ann dìreach leis a'…leis a’ mhaileòidean?
Catrìona 16:54 ’S e am maileòidean an rud as motha air a bheil cuimhne agam air. Maileòidean agus…agus sinne a' dannsa mar ar beatha agus nam biodh…nam biodh cnuip àrd ort, 's iomadh tè a chaidh dhachaigh leis a' chnuip air falbh bho aon de na brògan aice. Bhiodh e cho corrach, an rathad cho corrach.
Coinneach 17:15 Agus an ann an-sin a bhiodh balaich is clann-nighean a' coinneachadh ri cheile?
Catrìona 17:20 Bhitheadh, bhiodh...uill, nuair a…nuair a…’s ann às dèidh a' chogaidh, uill 's ann nuair a bha mise aosta gu leòr airson a…son a dhol gu dannsan agus bha an uair sin…chruinnich na balaich airgead airson hàlla.
Uill, an toiseach bha na…bha na dannsan againn ann an…anns an sgoil. Aon rùm anns an sgoil. Agus chruinnich an uair sin na balaich, thòisich iad às dèidh a' chogaidh a' dèanamh cèilidhean às, agus a' cruinneachadh airgead airson ceannachd hàlla. A' togail hàlla.
Coinneach 18:04 Sin an hàlla a bha mise eòlach air nuair a bha mi beag, hàlla a’ Bhac.
Catrìona 18:07 Hàlla a’ Bhac, ’s e.
Coinneach 18:08 Agus an e an fhìrinn a th' ann gur e… gun do sheòl iad a-nall anns an Rubha i? No an ann bhon…bhon airport, bhon a phort-adhair a bha i? Tha mise a' smaoineachadh gur e sin a chuala mi, gun deach a seòladh a-nall às an-sin.
Catrìona 18:17 Chan eil mi glè chinnteach mu dheidhinn sin idir.
Coinneach 18:21 Tha mi a’ smaoineachadh…tha mi an ìre mhath cinnteach gur e siud…gur e siud a chuala mi. Agus tha…an do rinn sin diofar, a' hàlla a thighinn?
Catrìona 18:28 Ò rinn, rinn. Bhiodh consairtean againn an…an uair sin agus, agus tha…agus uill bhiodh barrachd aig na consairtean an uair sin agus bhiodh dannsa às a dhèidh.
Coinneach 18:41 Is bhiodh bainnsean ann.
Catrìona 18:42 Ò bhiodh cuideachd, bhitheadh. Bha iomadach banais anns…ann an-sin.
Coinneach 18:50 Tha, tha cuimhne agam fhìn a bhith…a bhith aig banais…banais ann an-sin mus…mus do dhùin e. Ann an dòigh an do chuir a' hàlla fhèin a-rèiste às dha dannsa an rathaid?
Catrìona 18:58 Ò chuir, ò chuir, chuir, agus...
Coinneach 19:04 Agus nuair…nuair a tha sibh ag ràdh dannsa an rathaid, an ann…an ann air an drochaid a bhiodh sibh air dannsa a dhèanamh le na brògan bragail, an e sin a bh’ ann?
Catrìona 19:09 Bha, bhiodh…bhiodh sinn…bhiodh sinn a' dol chun an drochaid agus bhiodh sinn cuideachd…dè as coireach gun robh sinn a' dol gu…chun a’ Bhac, chan eil fhios agam.
Ach tha cuimhne agam a bhith aig dannsa aig crois rathaid a’ Bhac, mura robh sinn às dèidh balaich shìos air a’ Bhac. Chan eil fhios agam.
Coinneach 19:25 Cò na balaich eireachdail a bh’ air…a bh' air a’ Bhac aig an àm sin, a bheil cuimhne agad?
Catrìona 19:28 Ò chan eil…tha cuimhne glè mhath agam air a h-uile duine aca.
Coinneach 19:31 Siuthad innis dhomh iad, innis dhomh iad!
Catrìona 19:33 Cha chreid mi gun innis!
Coinneach 19:36 Chan eil iad ann…chan eil iad ann airson a thighinn a throd ribh!
Catrìona 19:39 Ò pàirt aca gu mì-fhortanach chan eil, ach tha feadhainn eile a tha fhathast beò, tha gu deimhinn.
Coinneach 19:44 Siuthad innis dhomh cò an fheadhainn a bha òg eireachdail a dh'aithnicheadh sinne mar bhodaich?
Catrìona 19:50 Bodaich, chan fhaca mise iad a-riamh mar bodaich.
Coinneach 19:57 Agus…ach ge-tà, bha sibh ag ràdh na balaich a bha a’ cluiche a' mhaileòidean, cha robh mòran a’ cluiche maileòidean aig an àm a bha sin ge-tà, an robh?
Catrìona 20:03 Cha robh. Cha robh. Cha robh maileòidean aig tòrr ann an uair sin, a bheil fhios agad, bha...
Coinneach 20:11 Son nuair a bha mi a' bruidhinn ri Oighrig Iain Bhig an latha roimhe, bha i ag ràdh chan e, chan e…Catrìona an Aolaich bha i ag ràdh, a' chiad feadan a fhuair iad a h-athair ’s e…gun do bhris athair-san e a thaobh na h-eaglaise. Nach robh adhbhar, gur e…gur e inneal leis an t-Sàtan a bh’ ann.
Catrìona 20:27 Ò uill, smaoinich.
Coinneach 20:32 Chan eil cuimhne agaibh air càil mar sin?
Catrìona 20:33 Chan eil.
Coinneach 20:34 Cò…cò bha math, an robh duine math air seinn ann an ceann a-muigh Chuil aig an àm sin?
Catrìona 20:40 O bha, bha balaich a’ Bhounce math air seinn. Agus tha…bha is guth math aig a' chlann-nighean an-sin cuideachd is clann…clann-nighean Sheonaidh 'an Alasdair is Ceitidh Bell. Uill 's e Ceitidh Bell Sheonaidh 'an Alasdair is...
Coinneach 20:58 Nach deach òran snog a dhèanamh dha fear de bhalaich a’ Bhounce?Òran Twinkle.
Catrìona 21:02 Ò bhiodh…bhiodh…tha sin ann an leabhar, fuirich nach eil e càirdeach dhi fhèin? Athair…fuirich a-nise gus an cuimhnich mi ceart air an-seo.
Coinneach 21:18 Seoras Dhòmhnaill Ruaidh, an e sin a chanas tu ris?
Catrìona 21:21 Seonaidh, Seonaidh…
Mairead 21:23 Seonaidh Aonghais Dhòmhnaill Ruaidh.
Catrìona 21:24 Seonaidh Aonghais Dhòmhnaill Ruaidh. 'S e, ’s e.
Coinneach 21:28 'S e. Agus tha tè…tha tè ann an-seo agus tha i…tha i uabhasach math air a sheinn. Uill 's e…’s e Margaret a tha a' clàradh seo còmhla rinn a-nochd.
Catrìona 21:35 Is gabhaidh i i òran.
Coinneach 21:37 Ghabh i…ghabh i òran Twinkle a bha sin, agus chaidh…'s e mise a record e agus chaidh mi gu taigh Iomhair a’ Bhounce leis.
Is chan eil mi a' smaoineachadh gun robh e air a chluinntinn a-riamh mar siud, is bha na deòir a' ruith às na sùilean aige is e ag èisteachd…
Catrìona 21:51 Ò bhitheadh.
Coinneach 21:51 …ag èisteachd facail an òrain is e cho brèagha.
Catrìona 21:52 Bhitheadh. Nuair a…nuair a…dè bha…do…do sheanair, nach e do sheanair, an e do sheanair a bh’ ann Margaret?
Mairead 22:02 Cò? Ann an Seonaidh?
Catrìona 22:03 Ann an Seonaidh.
Mairead 22:04 Ò chan e, chan e.
Catrìona 22:05 Chan e.
Mairead 22:06 Seanair Etta Ann, nach e?
Catrìona 22:07 Seanair Etta Ann.
Mairead 22:08 Is athair Ciorstag Sheonaidh.
Catrìona 22:10 Athair Ciorstag Sheonaidh. 'S e, athair Ciorstag Sheonaidh ‘Nuair a sheinneadh tusa Torwood ann an còrnair beag leat fhèin’, sin a bha e ag ràdh airson Twinkle.
Mairead 22:19 ’S e, tha…tha an loidhne sin gu math tiamhaidh.
Catrìona 22:21 Nach eil e. Uabhasach. Sgrìobh e òran eile dha…dhan chiad bhean a bh' aig a' Pheel.
Coinneach 22:29 Ò aidh, tha cuimhne agam air an-sin cuideachd. Mar sin bha…bha spiorad na bàrdachd a’ glua… nar…nar measg ann an-sin cuideachd agus bhon uair sin fhèin.
Catrìona 22:35 Och tha leabhar…tha leabhar Sheonaidh…
Coinneach 22:38 Uill cuideachd, nach…nach biodh Ceitidh Bell Sheonaidh 'an Iain Alasdair bhiodh i fhèin ri bàrdachd?
Catrìona 22:42 Bhiodh cuideachd, bhitheadh.
Coinneach 22:44 Co-dhiù, tha mi…tha mi a' tuigse gu dearbha gun robh thusa eòlach air an teaghlach agamsa mus do rugadh mi a-riamh.
Catrìona 22:48 Bha, bha mise aig…aig banais d' athar is do mhàthar thall ann am Bràgar, agus abair gun robh oidhche mhòr againn agus chan eil cuimhne agam an e an t-àite far an robh bòrd a’ bhìdh no an ann far an robh sinn a' dannsa agus bha e air a lìnigeadh le siotaichean geal, agus bha…'s e na fìreannaich a bha…a bha a’ riaghladh na bùird.
Is bha iad le aparan de…tubhailt shoithichean agus…nuair a… na h-oisein air am brùthadh a-steach am bonn a’ bhriogais aca. Bha e dìreach àlainn.
Coinneach 23:28 Anns an taigh dubh.
Catrìona 23:29 Anns an taigh dubh.
Coinneach 23:31 Taigh dubh mo sheanmhar.
Catrìona 22:32 Taigh dubh do sheanmhar. Agus an robh…an robh piuthar…an robh piuthar do mhàth…do mhàthar ann, agus bha i air a bhith thall anns a' Ghearmailt? Bha.
Coinneach 23:45 Bha. Bha piuthar mo shean…piuthar mo mhàthar a bha sa Ghearmailt. Sin Catrìona. Bha i anns na…na banaltram anns an arm.
Catrìona 23:53 Bha, bha.
Coinneach 23:54 Agus bha…bha piuthar eile mo mhàthar, an tè a b' òige, Ina, agus tha i sin beò fhathast fàisg air Dùn Eideann. Tha i ceithir fichead ’s a trì bliadhna deug. Ach chuala…chuala…
Catrìona 24:02 An e sin…an e piuthar do mhàthar a tha sin?
Coinneach 24:04 Piuthar mo mhàthar, agus chunnaic mi dealbh den…deich diogan den a' phòsadh a bha sin, bha dealbh dheth aig Peigi Uillicean.
Catrìona 24:12 Ò, uill.
Coinneach 24:13 Agus…agus iad a' tighinn a-mach anns an taigh-choinneimh ann am Bràgar.
Catrìona 24:15 Seo dhut.
Coinneach 24:16 Fhuair, fhuair Peigi Uillicean lioft, bha i aig an taigh is fhuair i…fhuair i a-null chun a' bhanais cuideachd.
Catrìona 24:19 …a’ bhanais cuideachd.
Coinneach 24:20 Ach co-dhiù, ’s e tha sin ach…ach ann an dòigh ge-tà, sin mar a bha na bainnsean an uair sin. Bainnsean anns na taighean.
Catrìona 24:27 'S ann, agus bha mi aig…aig…aig banais ann an taigh do sheanar taobh d' athar cuideachd.
Coinneach 24:36 Seadh.
Catrìona 24:38 Uill, cha chreid mi nach e a bh’ ann ach mar, mar banais-taighe. Bha mi air mo holidays ann an taigh a' Pheel a-rithist, nach mi a bha…nach mi a bha fortanach gun robh mi a' turchairt air a h-uile banais a bha a' dol!
Coinneach 24:49 Ach a-rithist nuair a tha thu a' bruidhinn air banais-taighe, dè tha thu a' ciallachadh?
Catrìona 24:53 Uill tha, bha banais nan cearc ann an toiseach, nuair a bhiodh iad a' tighinn le cearc fon achlais is i…i beò, agus bha…bha grunn fheadhainn a bha gu bhith ag ull…ag ullachadh sin, bha iad ann an àite…ann an seada dhaibh fhèin, agus iad a' spìonadh na h-itean sin.
Agus bha iad…bhiodh feadhainn de na cearcan a' dol dhan h-uile taigh a bha timcheall airson am bruich. Agus an uair sin bha iad ga…bha iad ga…basgaidean is iad air an lìnigeadh le…le anart geal, agus bha, bha sin air a…chan eil fhios agam an ann an canadh tu gur ann air an carvigeadh a bha iad. Cha…cha chreid mi nach ann a bha iad gan stialladh na chèile. Agus nuair a bhiodh iad a' riaghladh na bùird bhiodh iad dìreach a' toirt…a’ toirt cròg a-mach à sin is ga chur air truinnsear.
Coinneach 25:49 Seadh. Banais-taighe a bha seo an e?
Catrìona 25:51 ’S e…’s e…bha a’ chiad bhanais, bha a’ bhanais chearc ann an toiseach.
Agus bha an uair sin bha a' bhanais fhèin ann, agus bha…bha a’ bhanais-taighe ann an tritheamh oidhche agus bha sin dìreach airson na cailleachan agus an fheadhainn òg nach robh air am fiathachadh chun a' bhanais mhòr no nach b' urrainn a dhol chun a' bhanais air latha aig…latha na pòsaidh. Sin a’ chuimhne a th' agamsa air co-dhiù.
Coinneach 26:18 Mar sin ’s e…tha…tha i rudeigin mar a bhios iad anns na h-Innseachan an-diugh. Tha a’ bhanais a’ seas…a' seasamh grunn làithean.
Catrìona 26:23 Tha. Bha i…bha i a' seasamh trì latha.
Coinneach 26:26 Agus cha robh leithid an rud ri honeymoon ann, an robh?
Catrìona 26:31 Ò thì…Honeymoon a' dol dhan pholl-mònach na rudeigin mar sin! A’ dol air ais…
Coinneach 26:37 Ach…ach cha robh…cha robh duine a' falbh.
Catrìona 26:38 Ò cha robh.
Coinneach 26:39 Bha pàirt eile dheth a bh’ ann cuideachd, an ciorcaigeadh, nach robh?
Catrìona 26:43 Ò bha, bha sin Latha na Sàbaid, is bhiodh tu…an uair sin bhiodh…bhiodh aodach agad airson an ciorcaigeadh a dh’aona gnothaich is ad, is bhiodh an duine ga do chur a-steach dhan t-seata an toiseach roimhe fhèin.
Coinneach 26:58 Bha sin…bha sin a' chiad Sàbaid às dèidh…às dèidh na bainnse.
Catrìona 27:01 A’ chiad sàbaid às dèidh na bainnse.
Coinneach 27:03 An-diugh…an-diugh chitheadh tu cuideigin a' cur orra going away outfit is iad a' dol air an honeymoon. Ach…ach an uair sin 's e…’s e…’s e deise a bh’ ann mar sin a bhiodh…a bhiodh air a’ bhoireannach agus deise air an fhireannach agus iad a' dol dhan eaglais, seo sinn a' chiad uair a thèid sinn còmhla mar fhear agus bean.
Catrìona 27:16 'S e. Sin e fèir.
Coinneach 27:17 An ciorcaigeadh.
Catrìona 27:18 Ciorcaigeadh, 's e.
Coinneach 27:20 Is sin e an uair sin.
Catrìona 27:22 ’S e. Agus bhiodh iad a' dol an ann…an ann a thaigh…an e thaigh an…'s iongantas mura th' ann dhan taigh an duine a bhiodh iad a' dol gu an diathad an latha sin, bhon bhiodh a h-uile càil eile a' tachairt ann an taigh a’ bhoireannach, ach a…ach a’ bhanais-taighe, bhiodh banais bheag aca dha na…dha na cailleachan ann an taigh an duine cuideachd, nuair a, nuair a…nuair…
Coinneach 27:48 Is dè, dè na cur-seachadan eile a bh' agaibh aig an…aig an àm a bha sin? An robh…an robh Oidhche Shamhna agaibh?
Catrìona 27:57 Bhitheadh. Uill, a bheil fhios agad, mar a tha mi ag ràdh mu na…mu na…cha robh mise ach naoi bliadhna nuair a…nuair a thòisich an cogadh agus an…an uair sin, cha mhòr gun robh càil a' tachairt an uair sin gus an robh an cogadh seachad agus dhà na thrì bhliadhnaichean às a dhèidh bhon nuair… nuair a thigeadh…nuair a bha stuth a' tighinn dha na…dha na bùithtean mar ùbhlan is orainsearan is rudan mar sin. Bha sinne…bha sinne fad a’ chogadh gun chàil den sin.
Coinneach 28:38 Is a bheil cuimhne agad nuair a chrìochnaich an cogadh?
Catrìona 28:43 Tha, bha mi ann an sgoil Steòrnabhaigh an uair sin. Tha cuimhne agam air, is bha tòrr cianalas ann an-sin cuideachd bhon bha tòrr de na balaich a bha còmhla rinn nach do thill. Agus mar a tha mi ag ràdh, nuair a bha mi ag ràdh…a' bruidhinn air slaighdigeadh sìos…sìos lot mo sheanmhar ann an-shin, bha dà bhràthair ann an-shin nach do thill às a’…nach do thill.
Coinneach 29:13 Sin measgachadh a-rèiste de thoileachas gun robh e seachad…
Catrìona 29:16 Seadh.
Coinneach 29:17 …ach cianalas.
Catrìona 29:18 Cianalas mòr, cianalas mòr. Bha, agus tòrr den fheadhainn sin cuideachd nach robh…a bheil fhios agad, cha robh thu a' faicinn na tìodhlacaidhean aca. Feadhainn a chaidh a chall is nach robh dust a' tighinn dhachaigh na càil. Bha sin duilich dha pàrantan. Uabhasach duilich.
Coinneach 29:42 Tha mi airson taing mhòr a thoirt dhut airson a bhith còmhla rinn ann an-seo agus a' toirt dhuinn feadhainn de na cuimhneachain a tha sin bho làithean d' òige ann an Col.
Is tha mi an dòchas dhuibhse aig an taigh cuideachd, gun do dhùisg e cuimhneachain agaibh agus gun tug e dhuibh fiosrachadh mu dheidhinn dòigh-beatha, caitheamh-beatha a tha gu mòr air a dhol seachad a-nise. Mo thaing aon uair eile dha Catrìona ann an-seo airson a bhith còmhla rinn agus do Mhargaret a bha a' togail na deilbh an-diugh. Agus tha mi an dòchas gum bi fear eile againn den seo ann an ùine gun a bhith fada.
Tapadh leibhse airson a bhith a' coimhead an-dràsta.
Short url: https://clilstore.eu/cs/11854