Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Recording Community Conversations for Aire Air Sunnd

So, a’ chiad rud a bu toil leam a’ ràdh, ’s e taing mhòr mhòr mhòr do dh’oilthigh Obar Dheathain agus na daoine ag obair ann an sin, gu h-àraid gu Jess, thoradh chuala sin air an t-seachdain sa chaidh na toraidhean a thàinig a-mach às an survey a bha sin airson “Aire air Sunnd”.

Agus am measg nan ceistean a bh’ ann, bha ceistean ann mu dheidhinn na Gàidhlig cuideachd. Agus chuala sinn na thàinig a-mach às na ceistean sin. So chan fheum mi mòran a bharrachd a ràdh mu dheidhinn sin – dìreach dà rud, ’s dòcha, a tha cudromach.

A’ chiad rud, gun teagamh, tha daoine sa choimhearsnachd a’ faireachdainn trioblaideach, a’ faireachdainn draghail mu dheidhinn crìonadh na Gàidhlig ann an Uibhist a Tuath. Ach an rud a tha inntinneach dhomhsa, ’s e gu bheil na trioblaidean sin, na draghan sin, a’ nochdadh anns gach pàirt dhen choimhearsnachd – chan ann a-mhàin aig luchd na Gàidhlig mar gum biodh. Tha a h-uile duine a’ faireachdainn gu bheil còir againn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn na Gàidhlig, fiù ’s na daoine aig nach eil Gàidhlig. So tha sin inntinneach, agus tha sin a’ sealltainn rudeigin, tha mi a’ smaoineachadh, mu dheidhinn coimhearsnachd Uibhist a Tuath, agus mar a tha iad a’ faireachdainn mun chultar aca.

So, an rud a tha mi fhèin airson dèanamh an-dràsta, ’s e seòrsa de review air na rinn sinne aig Guthan nan Eilean airson pròiseact “Aire air Sunnd” thairis air a’ bhliadhna a chaidh seachad. Agus tha mi a’ dol a dhèanamh sin le bhith a’ coimhead air ais air an duilleag shònraichte a th’ againn air làrach-lìn Guthan nan Eilean. Agus mar sin tha mi a’ dol a dhèanamh “share screen” an-dràsta gus an tèid againn uile air an duilleag sin fhaicinn.

Ceart, so seo duilleag “Aire air Sunnd” air làrach-lìn Guthan nan Eilean, agus chìthear gu bheil clàr againn an seo far a bheil links ann dha na postaichean agus dha na tachartasan san robh sinn a’ gabhail pàirt airson a’ phròiseict. So, thòisich sinn a-mach le launch, far an do mhìnich sinn am plana a bh’ againn gum biodh clàraidhean gan dèanamh, a’ tòiseachadh le muinntir an “Gaelic Crisis” agus an uair sin clàraidhean anns a’ choimhearsnachd fhèin, agus aig an deireadh gum biodh review ann, agus sin far a bheil sinn an-dràsta, a’ coimhead air review, mar gum biodh.

Agus an uair sin, bha na seiseanan ann. So, a’ chiad fhear, sin agad staing na Gàidhlig – Aire air Sunnd – agus an rud a thachair, ’s e gun tug sinn cuireadh dhan sgioba sgrìobhaidh airson an “Gaelic Crisis” – a’ mìneachadh dhuinn na rudan as cudromaiche a thàinig a-mach às an rannsachadh sin.

Agus an rud a bh’ aca aig an deireadh ’s e gun robh feum air “twin-track approach” mar gum biodh eadar societal analysis aig ìre acadaimigeach, aig ìre phoileataigeach, with a small p of course. Agus aig an aon àm gum biodh Empathetic Ethnography – sin agad Community Engagement ann am faclan eile mar gum biodh – gum biodh rudeigin a’ dol sna coimhearsnachdan fhèin far a bheil Gàidhlig fhathast air a bruidhinn, agus clàraidhean nam measg. Agus sin far a bheil Guthan nan Eilean a’ tighinn a-staigh.

So, ma thèid sinn air ais, mas urrainn dhomh…

So bha siud againn an toiseach – mìneachadh air an leabhar cudromach sin, “The Gaelic Crisis in the Vernacular Community”. Agus an uair sin tron t-samhradh bha tachartasan ann, “Gaelic Walks” le Eairdsidh, agus an uair sin an Digital Fèis agus gnothaichean mar sin.

Agus ann an September ’22 bha “progress report” againn. So seo e, seo am progress report, agus an rud a tha inntinneach ma dheidhinn ’s e nach e aithisg sgrìobhte a bh’ ann idir ach YouTube eile le muinntir a’ phròiseict, gu h-àraid an luchd-rannsachaidh, a’ bruidhinn mu na bha iad air dèanamh chun na h-ìre seo.

Agus an rud a tha inntinneach ma dheidhinn, ma choimheadas tu air YouTube fhèin, gun tèid agaibh – mura h-eil sibh airson an rud gu lèir fhaicinn – gu bheil caibideilean ann. So faodaidh sibh putadh air fear sònraichte anns a bheil ùidh agaibh ann, mar eisimpleir Eairdsidh Caimbeul, agus thèid sibh gu dìreach gu na bha aigesan ri ràdh mu na Gaelic Walks a bha e a’ ruith. So bha sin ann, agus bha sin gu math soirbheachail, agus inntinneach san dòigh gun deach a lìbhrigeadh chan ann tro sgrìobhadh ach tro sgilean labhairt, rudan a tha gu math cudromach ann an saoghal na Gàidhlig.

Agus ma thèid sinn air ais a-rithist, tha sinn a-nise a’ tighinn gu na seiseanan chlàraidh air an robh mi a-mach aig an toiseach. Agus bha trì seiseanan ann uile gu lèir, no trì recordings dh’fhaodadh tu ràdh. So na rudan a th’ ann mun deidhinn seo, mar eisimpleir ma choimheadas sinn air Còmhradh air Blàr Chàirinis. Dè bha sinn ag ràdh ma dheidhinn?

There is often-felt pressure on Gaelic speakers to use English more and more and Gaelic less and less. This can be particularly true in community groups with a mission to bring people together. So this is one of the issues that Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath is wanting to address.

And part of the Island Voices contribution is to enable the viewing of selected extracts from the Guthan nan Eilean collection, or other recordings, in order to stimulate Gaelic discussion, reminiscence, ideas, and so creating a contemporary and accessible record of speakers’ thoughts, memories and opinions.

And recordings of these discussions can then be transcribed for wider dissemination to enable any and all interested community members to gain an increased knowledge and understanding.

So, sin a bha sinn a’ feuchainn ri dhèanamh, agus a’ chiad oidhirp a bh’ againn ’s ann leis an triùir seo, na gaisgich seo – Ùisdean, Eairdsidh, agus Catrìona. Agus ma choimheadas sinn air ciamar a tha sin a’ coimhead, chì sinn – ma phutas mi air adhart e rud beag – seo Tormod a’ bruidhinn, mar eisimpleir, agus an uair sin thàinig an còmhradh ann as dèidh sin. Agus seo na subtitles ma tha thu feumach orra, ann an Gàidhlig, ach ma tha thu airson an eadar-theangachadh faodaidh sibh “settings” a phutadh agus an uair sin go to Subtitles Scottish Gaelic agus tagh Auto-translate. Tuitidh seo a-mach às an dealbh, ach thig e air ais. Agus an uair sin, seo na cànanan a tha rim faighinn air an eadar-theangachadh, agus Beurla nam measg.

So sin agad iad a’ bruidhinn ann an Gàidhlig, ach na subtitles a’ tighinn a-mach ann am Beurla. Sin mar a tha e ag obair, mar gum biodh. Sin an rud a bha sinn airson feuchainn a-mach.

Okay, so sin mar a dh’obraich sin. An dàrna fear a bh’ againn, ’s ann le Oilthigh Cill-Rìmhinn a bha na filmichean, ach chuir sinn còmhla iad – an fheadhainn Gàidhlig – chuir sinn còmhla iad air Guthan nan Eilean, agus a-rithist rinn sinn na subtitles, mar a rinn sinn an triop mu dheireadh. Agus cuideachd tha dòigh eile ann, gu h-àraid ’s dòcha airson luchd-ionnsachaidh a tha a’ faighinn air adhart gu ìre mhath leis a’ Ghàidhlig ach uaireannan bidh trioblaidean aca. So seo dòigh eile airson dèiligeadh le sin.

Faodaidh tu a dhol gu Clilstore, mar a chanas sinn ris. So tha sin ri fhaighinn an seo. Agus an rud a chì thu an-dràsta, a-nis, seo am film, embedded, agus an uair sin seo an transcript. So ma tha thu a’ leantail na tha Eairdsidh ag ràdh, mar eisimpleir, faodaidh tu scrolladh sìos gu far a bheil e fhèin a’ bruidhinn. Agus seo e, Eairdsidh Caimbeul. Agus tha thu ag èisteachd ris fhad ’s a tha e a’ bruidhinn. Agus an uair sin tha thu a’ tighinn tarsainn air facal air nach eil sibh eòlach. Mar eisimpleir, an can sinn – well, mar eisimpleir “eileanan” – cò nach eil eòlach air an fhacal “eileanan” – ach co-dhiù, can nach eil thu eòlach air an fhacal sin, agus cuiridh tu click air agus an uair sin thig translation suas mar seo. So tha thu a’ leughadh a’ Ghàidhlig, ach ma tha feum agad air facal an siud ’s an seo faodaidh tu eadar-theangachadh fhaighinn dheth. So sin sin.

Agus an uair sin aig an deireadh, am fear mu dheireadh a bh’ againn – Còmhradh air Crìonadh nan Cladaichean. Agus an rud a tha inntinneach mu dheidhinn seo ’s e gur e seòrsa de “hybrid” a bh’ ann eadar Zoom agus daoine a’ tighinn cruinn còmhla. Bha sinn airson sin fheuchainn a-mach cuideachd.

So, dh’èist iad ri clàradh air Tobar an Dualchais – Ruairidh na Càrnaich a’ bruidhinn – agus tha thu a’ faicinn an sin mar a tha an fhuaim a’ dol. Tha mi air an fhuaim a chur dheth air a’ bhidio fhèin, dìreach gus an tèid agam fhèin bruidhinn. Agus an uair sin, as dèidh sin, tha na daoine fhèin a’ nochdadh a-rithis, agus a’ bruidhinn ri chèile, a h-uile duine anns an aon seòmar. Well, chan eil a h-uile duine san aon seòmar – bha mi fhèin agus Catrìona air astar.

So dh’fheuch sinn sin a-mach cuideachd. Bha e caran doirbh, dh’fheumte aideachadh, thoradh uaireannan ma tha còig daoine còmhla san aon seòmar – well, tha e nàdarra gu leòr gum biodh iad uile a’ bruidhinn aig an aon àm. Agus an uair sin feumaidh tu mikes gu math sònraichte, gu math geur, airson na fuaimean a thogail gu ceart.

So, cha do dh’obraich sin cho math. Ach, aig an aon àm, ’s e pilot a tha seo so tha sinn airson rudeigin fheuchainn a-mach, gus faicinn ciamar a tha iad ag obair. Agus an rud eile a dh’ionnsaich daoine, tha mi a’ smaoineachadh, ’s e ’s dòcha nach robh daoine air èisteachd ri Tobar an Dualchais roimhid. Agus, an rud a th’ ann, chan fheum thu a dhol air Zoom airson sin a dhèanamh, chan eil feum agad ach air coimpiutair no mobile phone, agus tha am beairteas a th’ ann air Tobar an Dualchais – tha e dìreach mìorbhaileach – na daoine a’ bruidhinn ann an Gàidhlig Uibhist cho math, cho soilleir agus a dh’iarraidh tu riamh.

So sin agaibh sealladh goirid, mar gum biodh, air na rinn sinn. Bha e gu math inntinneach, agus dh’ionnsaich sinn tòrr, tha mi a’ smaoineachadh – gu bheil beairteas anns a’ choimhearsnachd, an dà chuid a’ choimhearsnachd san latha an-diugh, gun teagamh sam bith, ach cuideachd a’ choimhearsnachd a dh’fhalbh cuideachd ach tha fhathast ri cluinntinn tro recordings mar a th’ againn, mar eisimpleir air Tobar an Dualchais.

Agus ’s dòcha ma chuireas sinn an dà choimhearsnachd seo còmhla, tha rudan ann a thèid a dhèanamh a bhiodh a’ toirt dòchas a bharrachd dhuinn airson Gàidhlig san àm ri teachd, agus son coimhearsnachd Uibhist san àm ri teachd. Tha sin a’ crochadh gu ìre air dè cho comhfhurtail a tha sinn fhèin a’ faireachdainn a bhith a’ cleachdadh an teicneòlas ùr. Tha tòrr rudan ùra san t-saoghal digiteach a tha seo, agus feumaidh sinn uile ar n-oidhirp a dhèanamh gus cumail suas ris. Agus chan eil sin furasta uaireannan. Tha mi a’ tuigsinn sin.

Ach ma tha sinn a’ coimhead airson an ath cheum, ’s dòcha gur e sin fear dhiubh sin co-dhiù – gun tèid sinn uile nas comhfhurtaile leis an teicneòlas. Agus ’s dòcha gur e sin rudeigin airson a chur romhainn airson an àm ri teachd, agus na tha a’ dol a thighinn as dèidh a’ phròiseact sin.

So sin e bhuamsa. Chan eil agam ri ràdh a-nis ach gu bheil mi a’ coimhead forward a-nis chun na h-ath sheisean, agus ’s e muinntir Cill-Rìmhinn a bhios a’ ruith sin, a’ coimhead air an t-saoghal digiteach ann an dòigh ùr a-rithist. Sin e bhuamsa. Taing airson èisteachd.

Clilstore Aire air SunndIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/11436