This is a Clilstore unit. You can .
N. Well, seo sinn ann an Rann na Feirste an dèis splaoid bheag a ghabhail...
E. Sin a bh’ ann, splaoid, cuideachd, nach e?
N. ...nuall a’ dh’Èirinn. Tha latha eile againn, tha oidhche againn ri dhol fhathast, ach tha e air a bhith gu math inntinneach, nach eil?
E. Tha. Bha mise riamh geur air tighinn an seo. ’S seo a’ chiad turas riamh dhomh a bhith ann an Èirinn, so bha an t-àm agam tighinn, tha mi a’ smuaintinn. Agus tha mi gu math toilichte gun tàinig mi.
N. Bha sinn a’ bruidhinn – gun robh e gu math coltach ris an sgìre againn fhìn.
E. Tha mi a’ smuaintinn – tha e a’ cuimhneachadh na h-eileanan dhomh gu mòr – ’s dòcha Leòdhas ann an dòigh, a’ coimhead air an rubha ann an shin. Tha e a’ cuimhneachadh dhomh, mar gum bitheadh, am port-adhair ann an Steòrnabhagh...
N. Tha e dìreach mar a’ phoirt-adhar againn fhìn nuair a tha thu a’ tighinn a-staigh thuige – shaoileadh tu, nuair a tha thu a’ coimhead a-mach às na h-uinneagan, tha a’ mhuir aig aon taobh ’s tha – chì thu muran ’s tìr...
E. ‘S e an aon fhaireachdainn... uh, a bh’ agam gun teagamh. Bha mi dìreach cuideachd a’ toirt sùil – cha robh e furasta mòran fhaicinn an latha a thàinig sinn, gu mi-fhortanach, ach a’ tighinn faisg air an runway bha – dìreach a’ toirt sùil air an dùthaich, mar gum bitheadh, is na taighean agus mar a bha iad suidhichte – bha iad car na b’ fhaisge air a chèile na na taighean ann an Uibhist, tha mi a’ smuaintinn.
N. Tha sin ceart.
E. ’S e goireas air leth math a tha seo, nach e, an t-àite seo? Tha goireasan spòrs ann ’s goireasan sòisealta..
N. Tha sinn air a bhith an seo dà latha, agus tha sinn air an leithid fhaicinn na bhroinn, eadar a h-uile sìon a th’ ann. Bha sinn air a’ – bha sinn fhìn a’ dèanamh a’ chùrsa seo, is tha aifreann air a bhith ann...
E. Dè nach biodh ann, mar gum bitheadh...
N... tha seachdain na Gàidhlig, ’s an t-àite seo far a bheil sinn...
E... gu math freagarach airson...
N... airson an fheadhainn òg gu sònraichte. So tha iad a’ dèanamh deagh fheum dhan togalach co-dhiù, agus abair togalach cuideachd – tha e ùr is spaideil...
E... Tha e gu math spaideil...
N... agus faisg air a h-uile duine, ann an tèis meadhan a’ choimhearsnachd, tha mi a’ smuaintinn...
E... Tha, ann an deagh àite, tha mi a’ smuaintinn, agus daoine a’ faireachdainn gur ann leotha fhèin a tha, mar gum bitheadh.
N. Tha mi air a bhith ag èisteachd ri bàrdachd, ag èisteachd ris an aifreann, ’s ag èisteachd ri daoine a’ còmhradh, agus feumaidh tu dìreach a bhith gu math geur ag èisteachd, mus tog thu e. Ma tha thu a’ togail facal an siud ’s an seo...
E. Nì thu ciall air choiregin...
N. Nì, nì. Ach sin an rud. Tha mi a’ smaoineachadh gu bheil iad a’ dol caran luath air mo shon.
E. Tha e math cuideachd gu bheil na h-uiread a’ bruidhinn na Gaeilge ann an sheo, cuideachd. Tha mi a’ dèanamh a-mach gu bheil e gu math làidir ann an sheo. Well, tha mi ’n dòchas...
N. Dè eile a bha mi a’ smuaintinn nuair a bha sinn an seo an oidhche roimhid? Gu bheil - tha, dìreach, cidsin ann an sheo, agus tha coltas air gu bheil e air a dheagh chleachdadh. Tha iad a’ dèanamh tì is tha iad a’ dèanamh bonnaich ’s tha iad a’ dèanamh ceiceannan agus a h-uile sìon, agus tha, mar gum biodh, tha e air a chleachdadh cha mhòr fad na h-ùine, agus tha e a’ toirt cothrom do dhaoine anns an sgìre a bhith am measg a chèile, a’ còmhradh agus dìreach a’ cabadaich, agus tha mi a’ smaoineachadh gur e deagh rud a tha sin. Tha sinn ga dhèanamh, ach chan eil fhios ’am a bheil sinn... air sàilleamh gu bheil an t-àite seo cho freagarach agus gu bheil e ann an tèis meadhan a’ choimhearsnachd...
E. Gun teagamh. Bha sinn a’ bruidhinn, nach robh, an-diugh, na bu traithe nuair a bha sinn a’ dol gu aifreann? Nuair a bha sinn na b’ òige – gun robh daoine a’ bruidhinn ri chèile as dèidh na h-aifreann – ach an uair sin bha daoine ann an cabhag, nach robh? Feuchainn ri faighinn air falbh dhachaigh.
N. Bhiodh daoine nan seasamh air taobh a-muigh gàradh an eaglais, airson ’s dòcha lethuair co-dhiù...
E. Tha cuimhne agam orra taghta math.
N... fichead mionaid, dìreach a’ còmhradh...
E... a’ gabhail cigarette...
N... ach, bha an t-àite seo caran mar sin an-diugh nach robh?
E... Bha mi a’ faireachdainn – cha robh cabhag air daoine...
N... Cha robh...
E... Bha ùine aca air bruidhinn ri chèile...
N. ’S e deagh rud a tha sin.
Short url: https://clilstore.eu/cs/1137