This is a Clilstore unit. You can .
G. Hello, ’s mise Gordon Wells, agus tha clàradh againn ann an sheo airson Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath agus a’ phròiseict aca, “Aire air Sunnd”, far am bi sinn a’ coimhead air bhidio a rinn Tormod MacGill-Eain o chionn còig bliadhna a-nis, no barrachd ’s dòcha, air Blàr Chàirinis.
N. Anns a’ bhliadhna sia ceud deug ’s a h-aon thàinig sgioba às na Hearadh agus ràinig iad air tìr ann an Sìdinis ann an Uibhist a Tuath. ’S e droch sheat a bh’ annta, agus an ceannard a bh’ aca Dòmhnall Glas, fear dha na Leòdaich a bha airson sgrios a dhèanamh air muinntir a’ chinn a Tuath. Choisich iad – tha mi a’ smaoineachadh gu robh còrr air dà fhichead dhiubh anns a bhuidheann – choisich iad à Sìdinis gu ruige Càirinis. Agus nuair a ràinig iad Teampull na Trianaid theich a h-uile duine a bha mun cuairt. Na dìolachan-dèirce ann an Càirinis – bha iad air an stòras aca a chur dhan Teampull, a' saoillsinn gum biodh e sàbhailte ann an sin. Ach co-dhiù nuair a thàinig na Tearaich chuir iad ruaig oirre is dh’fhalbh na boireannaich a’ sgiamhail ’s a rànaich.
Coma leibh co-dhiù, gun fhiosta dhaibh, thàinig Mac Iain ’Ic Sheumais à Deas. Cha chreid mi nach ann a Èirisgeidh a thàinig e an toiseach, agus choisich e suas (uill, choisich iad mar a chanas iad ann an Uibhist, sìos) gu Tuath, fad Uibhist a Deas, fad Beinn na Faoghla, tarsainn air an fhadhail agus ràinig iad Càirinis. ’S chaidh iad air falach air cùl na Teampull.
A-nis, aig àm àraid, tha mi a’ smaoineachadh mu thrì uairean feasgar, thàinig Dòmhnall Glas agus gille bha ri thaobh le pige na laimh. Agus o chionn ’s gun robh e a’ feuchainn ri dhèanamh fhèin pròiseal is mòr dh’iarr e air a’ ghille deoch làidir a dhòrtadh dhan bhobhla a bha seo, cuach a bha seo.
Agus, co-dhiù, rinn an gille mar a chaidh iarraidh air. Dhòrtaich e an deoch làidir dhan bhobhla, agus am fear a bha greimeachadh ris a’ bhobhla, thog e i. Agus bha e dìreach an imis an cuach a chur ri bhilean nuair a thàinig guth socair, a ràdh: ‘Dhòrt thu i. Ach cha ghlug thu i.’ Agus an ath rud, mun can thu ‘Dia leat’, saighead tron sgòrnan aige. Thuit e marbh, ach Dòmhnall Glas – ’s e a dh’aithnich. Ars esan, ‘Chan eil eadar Càirinis ’s An Lùdag ach aon fhear a dhèanadh rud mar sin, agus ’s e sin Mac Iain ’Ic Sheumais.’
Cho luath a thuirt e na faclan, na thàinig na Dòmhnallaich a-mach far an robh iad air am falach agus thòisich iad leis na boghaichean ’s na saighdean, agus mharbh iad – tha mi a’ smaoineachadh gur e dusan air fhichead dha na Leòdaich ann am Blàr Chàirinis. Agus sin a dh’fhàg an t-ainm ‘Fèith na Fala’ ann an Càirinis – tha e ann chun an latha an-diugh.
Agus Mac Iain ’Ic Sheumais fhèin, chaidh a leòn. Chaidh saighead na shliasaid ann a sheo, agus tè dha na boireannaich, bha ise a’ deoghail air an leòn, agus ’s ann mar sin a ghlan i an lot a bha na shliasaid. Agus tha sin ri innse anns an òrain ‘A Mhic Iain ’Ic Sheumais’. Agus cha chreid mi nach eil Julie Fowlis ga ghabhail, no tè dha na boireannaich tha siud, chan eil cuimhne agam a-nist, ach bhiodh e gu math inntinneach a chluinntinn. Ach co-dhiù, sin mar a chuala mise mu Bhlàr Chàirinis agus Fèith na Fala.
G. An cuala sibh sin ceart gu leòr?
U, A. Chuala, chuala.
G. An e seo a’ chiad turas agaibh a bhith ga chluinntinn? No a bheil sibh air fhaicinn roimhid?
A. Tha sinn air fhaicinn turas no dhà, gun teagamh.
U. ’S e a’ chiad turas agamsa, co-dhiù. Nuair a thuirt e – a bheil fhios agad ’s e Saidinis a chanas sinne, ann an Loch Euphoirt, Saidinis. Cha chuala mi duine ga ràdh mar siud riamh.
C. No, no.
G. Right..
C. Feumaidh nach eil e fhèin eòlach air a chluinntinn, thoradh ma tha S agus I còmhla ’s e ‘sh’ a bhios tu a’ dèanamh co-dhiù, so “Sìdinis”, thuirt e, ach nam biodh e air Saidinis a chluinntinn roimhe, bhiodh fhios aige.
G. Dè bhiodh agad fhèin, Eairdsidh, air? “Saidinis” no “Sìdinis”?
A. “Saidinis”, chanainn-sa, tha mi a’ smaoineachadh.
G. Feumaidh gur e “spelling pronunciation” a bh’ ann, mar a tha thu ag ràdh.
U. Aidh, chuir e… Bha mi a’ cuimnheachadh air ais air an òran a bha siudach, agus, tha, a’ cuimhneachadh air ais, a’ chiad turas a bha mi ann an Sgioba Dràma Uibhist, ‘s ann a’ dèanamh dealbh-chluich de Bhlàr Chàirinis. Agus ’s e Fiona a tha pòsta aig Niall aig a’ Chlachan – bha i san dràma. Tha i a’ teagasg ann an sgoil Bhail’ a’ Mhanaich a-nis. ’S i a bha ga sheinn.
Agus chuala mi e ceud mìle turas, agus ’s mi a dh’fhàs searbh dheth mu dheireadh. Nuair a chluinneas mi air an rèidio a-nist e, bidh mi ga chur dheth.
Sin agad e, dìreach.
Aidh, ach nuair a chuala mise Blàr Chàirinis, tha mi a’ smaoineachadh gur e an aon turas a chuala mi an stòiridh, ’s e Ailig Sheonaidh ga aithris, a bha ga innse.
Agus cha robh na h-uidhir dhe na Leòdaich air am marbhadh san stòiridh aige-san co-dhiù. A bheil fhios agad?
Ach bha an aon phìos aige timcheall an teampull ’s rudan mar sineach. Agus bha mi a’ cuimhneachadh air Fèith na Fala. Dh’fheuch sinn o chionn bliadhnaichean ri dhrèanadh. Fhios agad, ’s àite uabhasach bog a th’ ann. Chan fhaigheamaid cead!
Well, ’s e Alba Eachdraidheil a chanadh iad riutha an uair sin. Chan eil fhios agam dè chanas iad riutha a-nis. Tha cuimhne agam air an siudach. Bha sinn airson drèana a dhèanamh troimhe. Chan fhaigheamaid cead airson gun e làrach blàr a bh’ ann.
Tha cuimhne agam cuideigin a ràdh rium – tha mi a’ smuaintinn Neilidh Dhòmhnall Alasdair – gun robh barrachd fuil air a leigeil aig dannsa ann an Talla Chàirinis!
Chan e siud a tha dhith air Gordon truagh idir!
A. ’S e beagan dath a th’ ann, nach e, air an stòiridh.
G. Gu dearbh fhèin, gu dearbh fhèin.
Eairdsidh, tha thu fhèin eòlach air an sgìre. Nach robh thu a’ dèanamh sgrìob air choireigin?
A. Chaidh sinn turas chun an teampull, a Ghòrdain, agus bha daoine ag innse beagan – na daoine fhèin a thàinig air a’ chuairt, bha iad ag innse dhuinn mun teampull, na rudan a chuala iad mun teampull, is iad òg, agus cuideachd mun bhlàir cuideachd.
Tha mi cho eòlach air, dìreach, a’ dol seachad air an àite. A h-uile turas a tha mi a’ dol gu tuath bidh mi a’ dol seachad air. So bidh mi a’ smaoineachadh air na rudan a thachair ann an sineach. Aidh, àite cho socair sàmhach san latha an-diugh, ach bidh thu a’ smaoineachadh air na thachair, is brùidealachd is marbhadh is a h-uile rud eile.
G. Agus, Chatrìona, tha thu fhèin eòlach air an sgìre cuideachd leis cho faisg ’s a tha an sgoil an sin.
C. Well, bha, bha sinne ga chleachdadh gu math tric le na sgoilearan gus am biodh fhios aca air eachdraidh an àite aca fhèin. Bhiomaid a’ dol dhan teampull. Well, bha mi an lùib buidheann co-dhiù, a chaidh … Tha mi cinnteach gu bheil deich bliadhna o choinnich sinn mu dheireadh.
Bha sinn a’ togail – well, bha sinn a’ feuchainn ris an teampull a chumail gun a bhith a’ crìonadh mar a bha i. Agus… ach a bharrachd air an sin, bhiomaid a’ dol gu làrach Blàr Chàirinis uair sa bhliadhna. Agus ’s Aonghas MacPhàil a bhiodh gar toirt ann.
Agus bha stòiridh aigesan glè mhath cuideachd. Bha i caran eadar-dhealaichte ris an stòiridh aig Tormod. Bha esan a’ dèanamh a-mach gun robh iad a’ creach nuair a thàinig iad, fad’ an rathaid à Loch Euphoirt a Chàirinis. Bha iad a’ creach.
Agus ’s ann a chaidh iad – bha an Teampull falamh aig an àm. Bha e an dèidh àm an ath-leasachaidh. Cha robh iad ga cleachdadh. ’S cinnteach gun robh i air a dhol bhuaithe. Chaidh na Leòdaich ann an shin, agus sin far an do chuir iad an crodh, na caoraich, ’s a h-uile sìon a bha iad air a chreach air an rathad a-nall.
Agus ’s anns a’ mhadainn a thàinig fear aca a-mach, agus fhuair e saighead tron amhaich.
Agus mar a bh’ aig Aonghas – tha mi a’ smaoineachadh gun robh na Dòmhnallaich, gun robh iad math air a’ bhogha is saighead. Bha iad na b’ fheàrr na na Leòdaich. Agus, na boghachan a bh’ aca, bha iad fada. ’S e longbows a bh’ aca, mar a chainnte anns a’ Bheurla.
Chan eil mi cinnteach, an e – bhiodh iad co-dhiù ag ràdh gur e am batal mu dheireadh am Breatann a chaidh a shabaid le bogha ’s saighead, mus tàinig na muskets. Ach chan eil fhios agam, tha beagan deasbad mun sin. Tha e coltach gun robh batal an Sasainn ’s dòcha ceithir bliadhna as dèidh sin. ’S dòcha gur e sin am batal a tha a’ faighinn an urram san latha an-diugh, ach ’s e fear dhe na batail mu dheireadh às aonais muskets, tha mi cinnteach, agus gunnachan.
U. Tha sin nas coltaiche ris an stòiridh a bh’ aig Ailig Sheonaidh. Fhios agad, bhiodh… tha mi a’ dol an dàrna taobh a-rithist. Bhiodh… bha earrann aig Ailig Sheonaidh, far an robh ulaidh air a thìodhlacadh aig an teampull, gun robh iad air – fhios agad, o chionn fhada, tha – uidheamachd, a h-uile dad a bhiodh san teampull aig an àm a bhathar a’ dèanamh feum dheth, gun deach a thìodhlacadh, ’eil fhios agad an àiteigin air a’ chroit. ’S bha earrann aig Ailig Sheonaidh a bhiodh e a’ toirt seachad, mar gum bitheadh, ag innse cà’ robh seo air a thìodhlacadh nam b’ urrainn dhut obrachadh a-mach, a bheil fhios agad.
Tha mi air a bhith a ràdh o chionn fhad an t-saoghail gun robh mi a’ dol a dh’fhaighinn metal detector.
C. Tha còir agad. Tha an t-àm agad, Ùisdein.
U. Cha do rinn mi fhathast e co-dhiù. Tha clach caran flat air bàrr a’ chnuic ann an shiudach ri taobh an teampuill far an fhaic thu làrach mar gum bitheadh, ’s dòcha tha glùn cuideigin far am biodh e crom, ’s tha iad ag ràdh gur ann an sin a bhiodh iad ag obair ris an saighead, sìos chun a’ chnoc air an taobh shìos….a’ dèanamh, mar gum bitheadh, practice.
C. Seadh.
U. Well, tha an làrach sin ann, chì thu làrach gun teagamh, fhios agad, ach tha e doirbh a chreidsinn.
C. Seadh.
U. Ach, an teampull, an rud eile – bhiodh mo mhàthair an-còmhnaidh – cha leigeadh an t-eagal le duine a dhol sìos air an oidhche, fhios agad, san dorchadas faisg air an teampull nuair a bha mi òg. Ach bhithinnsa dol air fheadh nam biodh caoraich a’ breith – cha robh e a’ cur dragh sam bith orm, ach bha na seann daoine caran eagalach a dhol faisg air, air an oidhche gu h-àraidh.
C. An robh thu fhèin, Ùisdein, riamh a’ coimhead – nach robh claigeann san uinneag air fhàgail? Agus bha iad a’ ràdh gur e an claigeann aig, chan eil fhios agam, an e Dòmhnall Glas fhèin, no cuideigin a fhuair claidheamh an taobh a chinn. Agus ’s e Neilidh Dhòmhnaill Alasdair a bhiodh a’ bruidhinn ma dheidhinn, ’s tha cuimhne agam, bhiodh an claigeann ann, agus tha e coltach gum biodh clann-sgoile Chàirinis a’ cluiche leis a’ claigeann. Agus bha e mòr, gu math na bu mhotha na claigeann duine sam bith san latha an-diugh, ach ’s dòcha gu bheil mi air am pìos sin a dhèanamh suas.
Ach, bha e ann an shin, agus aon latha, dh’fhalbh e ’s chan fhacas tuilleadh e.
U. Aidh well, chuala mi e. Tha mi a’ creidsinn gur ann aig Neilidh a chuala mi cuideachd e, ach bha iad a’ ràdh cuideachd, gun deach cuideigin sìos dhan taigh-sheinnse leis oidhche, gun tàinig iad a-staigh leis a’ chlaigeann na ruith agus gun do chaith e a-staigh e far an robh a h-uile duine an siud. “Seo agad,” ars esan “claigeann Dhòmhnall Glas,” no rudeigin, “agus tha e fhèin a’ tighinn às mo chùlaibh!”
Oh, bha na stòrannan… Och!
C. Bha, bha. Bha stòiridh eile aig Neilidh. Bha cuideigin, bha amharas aca gur e cuideigin a dh’fhalbh leis, ach chan eil fhios agam an robh sin fìor.
U. Chan eil, chan eil. Aidh, chuala mi, chuala mi. Chan eil beachd agam air rud mar sin idir, idir, ach…
Co-dhiù, fhios agad. Bha na tuill a tha siud air balla an teampuill – bha iad a’ ràdh gun robh e air a shuidheachadh ann an shineach – ach uaireigin o chionn fhad an t-saoghail gun robh e làn dhiubh, fhios agad, gun robh fear sa h-uile toll.
Co-dhiù, co-dhiù.
C. Ach tha e math – an rud a tha a’ còrdadh riumsa ma deidhinn Tormod, ’s e am briathrachas, fhios agad, na seann fhaclan a th’ aige, mar “dìolachan-dèirce”. Cha chluinn thu sin – “dìol-dèirce”, tha sinne ga chleachdadh tric gu leòr ann an Uibhist a Tuath.
A. “Dìol-dèirce” a chanas sinn.
C. “Dìol-dèirce”, so “dìolachan-dèirce”. Agus tha e èibhinn, fhios agad, nuair a bhiodh na bodaich – well “na bodaich”, “na cailleachan”, ge-brith cò – ag innse stòrannan o chionn fada bha mo sheanair, bha tòrr mòr stòrannan aige, agus nuair a bhiodh e, mar gum biodh, a’ smaoineachadh air an ath phìos, bhiodh e a’ ràdh, bhiodh esan a’ ràdh “Cha robh air an sin ach sin fhèin”. Agus an uair sin, chumadh e air leis an ath phìos dhen stòiridh. Ach, Tormod - ’s e “Coma leibh co-dhiù” a thuirt e. Mar gum biodh, bha e a’ smaoineachadh air an ath phìos, mar gum biodh a’ toirt dhaibh ùine smaoineachadh ma dheidhinn. “Thinking time” mar a chanas iad ann am Beurla.
G. Seadh, agus “Nach eil e neònach!” Sin fear eile a bh’ aige cuideachd.
C. Agus “an imis”, fhios agad, cha chluinn thu sin cho tric san latha an-diugh nas motha.
Agus cuideachd, rud eile a thuirt e, agus tha cuimhne nuair a chaidh sinne dhan sgoil ann an Inbhir Nis. Bha sinn a’ faighinn – well, bha iad gar cur ceart. ’S e Tearaich a chanas e. Agus ’s e Tearaich a chanas – a chanadh mise. Bha fear a’ fuireach ann an Loch nam Madadh nuair a bha sinn òg agus ’s e Iain an Tearach a bh’ air. ’S ann às na Hearadh a thàinig e.
Ach nuair a chaidh sinn dhan sgoil còmhla ris na Hearaich, bha iad a’ ràdh, “Oh no, chan eil sin ceart”. Chan eil fhios agam dè chanadh iad ann am Beinn na Faoghla, Eairdsidh, dha na Tearaich.
A. ’S e deagh cheist agad, a Chatrìona. Tha mi a’ smaoineachadh gun e Tearaich a chanadh iad cuideachd. Sin a’ chluinnear gu nàdarra, tha mi a’ smaoineachadh. A bheil adhbhar ann gum biodh daoine a’ ràdh Tearach seach Hearach?
C. Uill, bhiodh iad a ràdh Tioraistich cuideachd? Tiortaich, an àite Hiortaich.
A. Tiortaich. Tha mi a’ smaointinn…an robh beachd aig Tormod e fhèin gun robh e doirbh do dhaoine H fhuaimneachadh, no rudeigin mar sin?
C. Chan eil faclan ann an Gàidhlig a’ tòiseachadh le H.
G. Ach na Hearadh agus Hiorta.
A. Tha mi a’ smaoineachadh gun e “Tearach” a bhiodh timcheall an seo nuair a bha mi beag co-dhiù. Agus “Tiortaich”, cinnteach.
U. An Tearach a bha sinne eòlach air, ’s e fear a bha os cionn nan rathaidean.
C. ’S e, sin e.
U. An e sin am fear a bha thu a’ bruidhinn air?
C. Sin e. Iain an Tearach. No, dìreach “An Tearach” a bh’ aca air.
U. Ach dh’fhàs sinne gu math eòlach air na Hearaich nuair a bha sinn san sgoil ann an Inbhir Nis. Bha tòrr dhiubh ann.
G. Tha mi a’ creidsinn gum bi stòraidh eile mu dheidhinn na Tearaich, ’s dòcha.
C. Bha sinn rèidh gu leòr, tha mi a’ smaoineachadh. Cha chreid mi gun robh blàr a’ dol eadar na Leòdaich ’s na Dòmhnallaich an uair sin…
Short url: https://clilstore.eu/cs/11204