Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Creag Àrd le Dòmhnall MacFhionghuin

Seo an t-Ionad Creag Àrd ann an Loch nam Madadh, Uibhist a Tuath. Tha e air a ruith le Roinn nan Seirbheisean Sòisealta aig Comhairle nan Eilean Siar.

A bharrachd air bùth-obrach, tha cidsin ann agus rùm-suidhe, far am faigh thu cupa tì agus còmhradh.

Bidh grunn dhaoine a’ tighinn an seo airson diofar rudan a dhèanamh.

Bidh mise, Dòmhnall MacFhionghain, a’ tighinn ann dà latha san t-seachdain.

Bidh Jamie MacCumhais a’ dèanamh an aon rud.

Am measg rudan eile, ’s urrainn dhuinn àirneis a dhèanamh, fuirm mar eisimpleir. Bidh sinn gan reic anns a’ choimhearsnachd.

Bidh an luchd-obrach san Ionad a’ toirt taic dhuinn ann an iomadach dòigh – mar eisimpleir ann a bhith a’ cruthachadh phìosan ealain. ’S e Marnie Keltie a tha a’ stiùireadh ghnothaichean bho latha gu latha.

’S dòcha gu bheil an obair a’ coimhead sìmplidh. Ach uaireannan, bho thoiseach a’ ghnothaich gus an cuir thu crìoch air, feumaidh tu ceumanan gu leòr a ghabhail.

’S e screen printing an rud as fheàrr leam a bhith a’ dèanamh

Agus nuair a tha e deiseil, faodaidh tu bhith gu math moiteil às an obair a rinn thu.

Aon latha gach seachdain bidh a h-uile duine a’ dol a Thaigh Chearsabhagh, an taigh-tasgaidh agus ionad-ealain anns a’ bhaile, airson biadh a ghabhail agus coimhead air na taisbeanaidhean.

An-dràsta tha cuid dhe na dealbhan a rinn mise agus Jamie fhèin rim faicinn sa chafaidh. Agus chaidh cuid dhiubh a reic mar-thà.

’S e cothrom snog a th’ ann cuideachd airson faighinn a-mach, faicinn gu dè tha a’ dol anns a’ bhaile, agus biadh a ghabhail.

Ann an aon ghailearaidh tha bonaidean agus geansaidhean is aodach eile air an taisbeanadh, a tha air an dèanamh a-mach à clòimh.

Anns an taigh-tasgaidh tha Flòraidh NicDhòmhnaill a’ sealltainn nan seann chleachdaidhean tradaiseanta airson snìomh agus breabadaireachd.

Tha mise a’ faighinn cothrom an rud fheuchainn leam fhìn.

A bharrachd air ealain, tha mi dèidheil air ceòl. Gu tric, bidh an latha a’ tighinn gu crìoch leam a’ cluich port no dhà air a’ bhocsa, nuair a thilleas sinn gu Creag Àrd. Seo fear dhe na h-old favourites agam. Tha e air fear dhe na recordings tràth aig Runrig, agus ’s e an t-ainm a th’ air Cearcall a’ Chuain.

Clilstore English version

Short url:   https://clilstore.eu/cs/10589