Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Cuairt Chuil Uaraich

Coinneach 00:01  Fàilt’ oirbh … gu bhidio eile bho Chomann Eachdraidh Sgìre a' Bhac.  An-diugh, tha sinn a' comharrachadh gu bheil am baile anns na rugadh ’s na thogadh mi fhìn (Col Uarach), ceud bliadhna a dh’aois. Ceud bliadhna bho chaidh a chlàradh gu h-oifigeil, mar bhaile.  

  

Tha mi fhìn is tè, nach eil buileach cho aosta rium fhìn, a' dol timcheall cuairt a' bhaile, cuimhneachain air na h-ainmean ’s na h-àitichean air an robh sinn eòlach nuair a bha sinn a’ fàs suas – cuimhneachain ’s dòcha bhios fhios agaibhs’ oirre cuideachd, ainmean a bhios fhios agaibh oirre, ach son na ginealaichean a tha ri tighinn, gum bi, co dhiù, an clàradh ann dhiubh.  

  

Nise, gu h-annasach, an-diugh, Màiread .. bha mi a’ dol a ràdh… 's e Màiread,  ’s e Màiread Dhòmhnaill Piugh a bhiodh againn ort, ach ’s e Màiread Cheinidh Gionn a bh’ againn ort agus mar sin air adhart, ach co dhiù, a Mhàiread, shuas an-siud a rugadh ’s a thogadh tusa.  Tha e annasach far a bheil sinn ann an-seo.  Seo far a bheil Col Uarach a’ tòiseachadh.  

  

Maighread  00:53   A’ tòiseachadh, seadh.  Tha, ri taobh an abhainn, Abhainn Chuil.  Chan e sin a’ chrìoch eadar an dà bhaile idir ge tà.  

  

Coinneach  00:59  Càite bheil a’ chrìoch? 

  

Maighread  01:00  Tha a’ chrìoch anns a’ Ghàrradh Tarsainn, agus 's dòcha gum faic sinn e a dh’aithghearr, nuair a thèid sinn suas an sin. An crìoch eadar an dà bhaile.  

  

Coinneach 01:07   Ann an-seo an-dràsta – An Gleann, Abhainn Chuil, A’ Ghil, An t-Sràid Àrd, chan fhaic sinn an t-Sràid Ìosal, Na Taighean Geala shuas ann an-siud (sin taighean an tac a bh’ ann), agus sinn an seo ann am Brùnis. Brùnis … nuair a bha mise beag ... cha robh càil an seo.  Cha robh feans' na càil ana-sheo. An aon rud a bh’ ann a’ seo, air an làrach far a bheil sinn an dràsta’ … bha seada dhubh a' Pheel, far am biodh e a’ cumail linn, agus bhiodh iad gan reic …  agus bha bàta aig a’ Pheel ann an Steòrnabhagh. Agus gu h-annasach, 's gu iongantach, bha seada ann an-seo … seada dhubh Nissen, agus bha m' athair ag obair air beart ann an-seo, e fhèin agus Briogaisean 's Iain a' Lalidh. Bha 'ad air a bhith ag obair air beairtean ann an Steòrnabhagh … thàinig 'ad a-nuas an seo 's bha 'ad ann dhà na thrì bhliadhnaichean 's an uairsin thug 'ad na beairtean dhachaidh … m' athair chun an taigh againn fhìn agus Iain a' Lailidh chun an taigh aige fhèin. 'S tha cuimhne agam m' athair a bhith a’ toirt a' bheairte dhachaidh na pìosan, ann an cùl bhan a' Phope. Morris Commercial a bh’ aig a’ Phope. A' bheil cuimhne aighead oirre ? 

  

Maighread  02:14   Ó, tha cuimhne agam air a' bhan' sin … bhan' a' Phope. Tha, tha … tha cuimhne a'm air an sin.  

  

Coinneach  02:17  Seo Brùnis ge tà ? 

  

Maighread  02:18  'S e … 's e pàirc a bha seo. Pàirc a bha 's an tac … Pàirc Bhrùnis, agus bha pàircean air feadh a’ bhaile. Bha phàirc mhòr uaine tha sin… 's e sin An Leathad Uaine, agus bha pàircean eile ann … Pàirc a' Chonais, sin na lotaichean a tha an-diugh a' tighinn a-nuas bhon an t-sràid àrd, agus Pàirc an Loch, sìos bhon an lot agad fhèin, ann an-sin. 'S Pàirc a’ Mhachair agus bha, cuideachd, bha shuas an sin, eadar Taigh Gone agus Taigh Thàisiadar, bha Druim Fraoich agus An Druim Loisg. Tha mi a’ smaoineachadh, An Druim Loisg … gun deach sgrathan a’ thoirt às an sin airson 's dòcha gàrraidhean crìche a thogail, agus gu h-àraid An Gàrradh Tarsainn.  

  

Coinneach 03:08   Bha Taigh Gone … bha e ann a-sin leis fhèin 

 

Maighread 03:10   Bha  

  

Coinneach 03:11  Chan eil fhios a'm am bheil cuimhne agadsa air?  'S e … chan e drochaid cheart a bh' ann, 's e dìreach drochaid fhiodh a bh' ann 

  

Maighread 03:16   'S e 

  

Coinneach 03:17  Nuair a bha mis' òg … ’s ann mar sin a bhiodh 'ad a' dol air ais ’s air …..  'S tha cuimhne agam cuideachd … tha staran ann an-sin … bhiodh Seonaidh 'ain Alasdair a' tighinn à Col gu Taigh Phòisean. Nach e Seonaidh 'ain Alasdair … nach e piuthar dha a bh’ ann am bean Phòisean?   

  

Maighread 03:28   'S e 

  

Coinneach 03:29  'S bhiodh e a' tighinn tarsaing ann a-sin …. air a shocair, air a shocair, air a shocair gu math tric.  

  

Maighread 03:32  Bha 

  

Coinneach 03:33   An uair sin, ge tà … mus fhàg sinn seo – Abhainn Chuil ann an-seo. Nise, chan fhaic sinn à seo e, ach seo far an robh Am Port. 

  

Maighread 03:38   Port Chuil, 's e. 

  

Coinneach 03:39  Is eathar a' Pheel

  

Maighread 03:41  'S bhiodh eathar a' Pheel a’ dol a-mach à sin. 'S bhiodh mo sheanair ag obair dhan a' Pheel, bhiodh e ag iasgach dha, nuair a dh’fhàs e na bu shine. 'S bhiodh iad a' dol a-mach 's bhiodh … och, bhiodh mo mhàthair cho iomagaineach nam biodh droch aimsir ann … gun tigeadh e dhachaigh sàbhailt'.  Cha robh sinne …. cha robh sinne a' tuigse sin nuair a bha sinn òg, ach tuigidh mi an diugh e, nuair a bhios e stoirmeil.  

  

Coinneach 03:59  Tha cuimhne a'mas, nuair a bha sinn beag, bhiodh sinn a' dol sìos chun a’ phort a bha sin, nuair a bhiodh eathar a' Pheel a' tighinn a-steach. Tha cuimhne agam fhathast fiù 's an fheadhainn a bh' oirre … bha Aonghas Piugh ann, bràthair do sheanair. 

  

Maighread 04:10   Bha, bha. 

  

Coinneach 04:10  Bha Brus oirre. 

  

Maighread 04:12   Bha .

  

Coinneach 04:13  Bha Pìers oirre, 

 
Maighread 04:14   Ò bha. 

  

Coinneach 04:16  Bha ’An Glog’ oirre, aig amannan. 

  

Maighread 04:17   Ò bha, bha an Glog cuideachd. 

 

Coinneach  04:18  agus tha mi a’ feuchainn ri cuimhneachadh an robh duine eile oirre … muinntir … mac a’ Chogaidh a bh’ anns A' Ghlog, agus … tha cuimhne a'm cuideachd … bheireadh 'ad dhuinn cnòdanan. Chan fhaigheadh 'ad reic air na cnòdanan.  Cha robh fios againne duda dhèanadh sinn le cnòdan oir bha gathan oirre. 

  

Maighread 04:31  Bha, bha iad cho … bha iad cho duilich greim a chumail oirre.  

  

Coinneach 04:34  'S tha cuimhn' a'mas turas cuideachd, shuas ann an-siud … chì sinn a-rithist, aig na Taighean Geala …, tha … cha d' fhuair 'ad catch uamhasach mòr idir, agus chuir 'ad a chuile càil a bh’ ann … agus chuir 'ad ann a' ….. rainn 'ad a-mach mar sin e … 's dh'fheumadh cuideigin a dhruim a thionndadh … "Co dhà tha an tè ud?",  tha dhan fhear siud,  Cò dhà tha an tè ud?"  Mar sin a bha 'ad a' roinn a-mach...  Dìreach bha 'ad dhan toirt dhachaidh leotha seach nach robh gu leòr ann a reiceadh iad. 

  

Maighread 04:55  Ò seadh, ò bha sin math. Bhiodh sinne a’ faighinn crùbagan uairean, ach cha bhiodh 'ad a' creic na crùbagan ann, airson adhbhar air choireigin, agus bhiodh mo sheanair a' toirt dhachaigh na crùbagan, 's bhiodh e dhan leigeil air an làr, 's bhiodh sinne a’ sgreuchail 's bhiodh iad a' ruith air feadh a’ chidsin. Cha bhiodh iad a' reic na crùbagan an uairsin ann.  

  

Coinneach 05:13 Bheil cuimhne aighead a bhith a’ dol sìos le cinn adag, no rud mar sin, dhan a’ Phort ann an-sin, cuideachd?  'S nuair a thigeadh am muir a-steach bhiodh sinn a' faighinn portain? 

  

Maighread 05:22  Och, cha robh mis' a' dèanamh sin idir. Bha feagal agamsa romhpa.  

  

Coinneach  05:24  An robh? 

  

Maighread 05:25  Bha. 

  

Coinneach 05:25  Cha bhiodh tusa a’ dol chon a’ chreagach a bharrachd, ann an sin, am bitheadh? 

  

Maighread  05:27  Bhithinn uairean a' dol chon a’ chreagach ….. cha bhiodh a dh'fhaighinn cudaigean, no càil mar sin, ach bhithinn uairean a' dol a dh’fhaighinn biathadh còmhla ri mo sheanair. Sin a' bhithinn-sa a' dèanamh.  

  

Coinneach 05:35  Bhiodh sinn air an tràigh cuideachd, a' faighinn lugaichean … son a chreagaich. Am bheil cuimhne aighead mar a bhiodh tu a’ faighinn lugaichean? 

 

Maighread 05:41  Chan eil.  

  

Coinneach 05:42 Uill, tha rud ann a' dol sìos 's tha an uair sin tha rud ann a' tighinn suas. Dh’fheumadh tu an spaid a chur sìos. Dh'fheumadh i a dhol sìos.  Dh’fheumadh tu an uair sin a togail luath no dh'fheuchadh 'ad às. Bhiodh tu a’ toirt an uairsin … toirt a’ cheann bhon an luga 's ga dìogadh mar sin 's ga gearradh suas 's ga cur air na dubhan.  

  

Maighread 05:58  Ò dhiamh !   Cha dèanainn 'sa sin idir.  

  

Coinneach - 06:01  'S a-rithist, chan aidicheadh tusa seo, ach seall Abhainn Chuil ann an-sin sin an-dràsta. 

  

Maighread - 06:05  Ò Bhithinn-sa a’ pòidsearachd. 

  

Coinneach : 06:07   Siuthad, am bitheadh ? 

 

Maighread : 06:08 Ò bhitheadh, bhitheadh, bhitheadh.   

  

Coinneach : 06:09  Co còmhla ris? 

  

Maighread : 06:10  Leam fhìn. Bha lìon bheag agam, 's bhithinn ga cur a-mach ana-shin, agus bhithinn a' faighinn tòrr … tòrr rudan, ach cha bhithinn a' faighinn bradan idir. Bhithinn a' faighinn leòbagan 's crùbagan 's rudan mar sin. Ach bhithinn ga cur a-mach an sin agus, tha ….. ach dh'fhalbh na poilis leatha.  

  

Coinneach : 06:25 An do dh’fhalbh? 

  

Maighread : 06:26 Dh’fhalbh.

  

Coinneach : 06:26 Ach tha cuimhne agams' …. 's ann a bhiodh iad a' dol a-mach an seo ge tà, le lìon air gach taobh dhan an abhainn. 

  

Maighread : 06:31 Bhitheadh. Agus bhiodh mo sheanair, uairean ..  bhiodh e a’ diogladh na bradain. Bhiodh e a’ faighinn bradan uairean …  tha linne thall a' sin anns a’ ghil, dìreach shìos bhon a' ghàradh ana-shin. Agus tha linne mhòr ana-shin 's bhiodh e uairean gan diogladh ‘s ghabhadh e greim orra 's gheibheadh e am bradan. Nise, chan eil fhios a'mas ciamar a bha e a’ dèanamh sin ach bha sgil aca …   sònraichte aca-san, agus b 'urrainn dhaibh sin a dhèanamh.  

  

Coinneach : 06:57  Nise, do dhaoine a bhios ag èisteachd bi iad a' cantainn riutha fhèin “nach e a’ Ghàidhlig aig na daoine ud a tha truagh”, ach tha mi fhìn is tu fhèin ann an-seo, gu h-urramach, ag ràdh 'brodan', chan e ‘bradan'. 

  

Maighread : 07:05 À ge-tà tha sinn bhon a' Bhac ! Tha sinn bhon a’ Bhac – sgìre a' Bhac, agus tha ... sin dual-chainnt againn. 

  

Coinneach : 07:12  Thèid sinn suas, a-nis, ann an-seo 's gheibh sinn sealladh, 's dòcha nas fheàrr, dhan a’ bhaile. Seo far am bheil am baile a’ tòiseachadh, bhon a’ cheann seo dheth, 's thèid sinn a-nis suas ann an-seo.  

  

Maighread : 07:21 Seo sinn a-nis aig Na Taighean Geala. Bha na togalaichean seo …  bha 'ad mar phàirt dhan an tac – Taigh Aonghais Piugh, an taigh buidhe a tha thall an sin agus Taigh Dhòmhnaill Tholstaidh, an taigh geal, agus bha Taigh Galt – sin taigh an tac. Coll Farm House a bhiodh aca air anns a' Bheurla, agus 's e sin an t-ainm a bha os cionn an doras co-dhiù.  

  

Coinneach : 07:44 Agus Taigh Choinnich Tomaisean. 

  

Maighread : 07:45 Agus Taigh Choinnich Tomaisean air cùlaibh sin a-rithist. Tha cuimhn' a'm fhìn air an-sin fhathast – a bhith a’ dol ann nuair a bha mi beag.  A bheil cuimhn' aighead-sa air? 

 

Coinneach : 07:52 Ò tha!  Tha cuimhn’ a'mas air Coinneach Tomaisean a bhith anns an taigh. 

  

Maighread : 07:55 Tha, tha cuimhn’ a’m fhìn. 

  

Coinneach : 07:56 Agus chaidh an taigh sin a leagail an uairsin, agus chiallaich sin gu robh barrachd rùm aca a dhol a-steach chon a’ chùil aig taigh an tac, agus bidh fhios aighead ... taigh an tac cuideachd ... Galt, tha fhios againn, 's e Galt fear dhan an fheadhainn a bha an sàs ann a bhith a’ sabaist airson ...   

  

Maighread : 08:12 Airson a’ bhaile. 

 

Coinneach : 08:14 Airson a’ bhaile a stèidheachadh, agus bha, nach robh seada shìos an sin aig mac Galt, an Ceatharnach, airson bliadhnaichean. 'S ann aige a bha a’ bhùth phàipeir ann an Steòrnabhagh son iomadach bliadhna.  

  

Maighread : 08:25 'S dè bha iad a’ dèanamh anns an t-seada sin? 

  

Coinneach : 08:27 Chan eil càil a dh'fhios agam a dh'innse na fìrinn. 

  

Maighread : 08:28  An e seada-bheairte a bh’ ann, no an robh iad a' … ? 

  

Coinneach 08:29 Ò chan eil mi a’ smaoineachdainn gu robh beairtean innte idir. Bha 'ad a dìreach a' stòradh rudan innte … cho fad 's as aithne dhomh.   

  

Maighread : 08:32 Ò seadh ! 

  

Coinneach 08:33  Chan 'eil fhios agam dè bha iad a' dèanamh leatha idir.  Bha Seada a’ Cheatharnaich ann cuideachd. Tha e annasach nuair a chì thu na taighean seo timcheall oirnn an-diugh.  Bheil cuimhn' aighead-sa nuair a bha faing ann an-siud ? 

  

Maighread 08:41  Tha cuimhn' a'm nuair a bha faing an sin. 'S tha cuimhn' a'm nuair a bha sibh òg …. bhiodh na balaich a' cluich' … bhiodh 'ad a' cluiche cricket agus rudan ann a' shin, nuair a bhiodh iad a' feitheamh ris a bhus.  

  

Coinneach 08:49  Nise, bha gèama againn a bhiodh sinn a' cluich an sin cuideachd. Bhiodh sinn a' dèanamh trì tuill, ann a-sin thall agus bhiodh sinn a' faighinn oileagan cruinn bhon an tràigh.  

  

Maighread : 08:57 Ò, bha! 

  

Coinneach 08:58 ‘S e 'taighean' a bh’ againn air, 's bhiodh, tha mi a’ smaoineachdainn, dà oileag aighead, agus bhiodh tu a’ feuchainn ri fhaighinn dhan a’ chiad toll, agus nam faigheadh tu ann e, glè mhath, ach an uairsin nam b’ e tusa a bhiodh a' tighinn as dèidh sin, agus nach biodh tu cinnteach am faigheadh tu dhan an toll e, bha thu a’ tilgeil a’ chlach, 's nam buaileadh tu a’ chlach eile bha thu a’ faighinn shot eile.  

  

Maighread 09:15  Ò! 

  

Coinneach 09:16  'S bha thu a’ dol suas dà thrup anns an aon  chùrsa …   Cha robh a’ chlann-nighean a' dèanamh siud ann, an robh?  

  

Maighread 09:21 Cha creid mise gu robh ach bhiodh sinn …  bhiodh sinn a' coimhead nam balaich a bha a’ dèanamh rudan mar sin, 's bhiodh sinn dìreach nar seasamh gur coimhead a’ cluiche cricket ’s na ‘taighean’ a bha sin, ach cha bhiodh a’ chlann-nighean ga dhèanamh idir, cha chreid mi. 

  

Coinneach 09:31  Nise, bha faing eile shuas ann an-seo,  anns a chòrnair a tha sin, air an làmh cheàrr dhan an rathad, shuas ri taobh Lot Aonghais Piugh, ach 's e faing cloiche a bha sin, agus bha diofar fhaingean aca a bha iad a' cumail aig diofar àm dhan a bhliadhna.  Bha an fhaing ud ann, 's bha an fhaing ud ann, 's bha an tè a tha an diugh a-muigh aig … taobh taigh Chaluim Dan a' Pheel ann, ach bha cuideachd, far am bheil an doca an-diugh, sin far an robh an fhaing cheart a's na làithean a dh'fhalbh cuideachd.  

  

Maighread  09:53 Tha cuimhne a'm a bhith a’ dol dhan fhaing agus bhiodh iad a' cur aodach spaideil oirnn' cuideachd.  Chan 'eil fhios carson, 's bhiodh sinn a' tighinn dhachaidh làn cac chaorach, agus bhiodh mo mhàthair a' cuir socks gheal orm agus sandals agus riobanan breagha, 's bhiodh daoine a' tighinn à sgìrean eile – daoine a’ tighinn à Barbhas agus an taobh siar a' lorg na caoraich aca, 's dh’fheumadh sinn a bhith spaideil gus am faiceadh srainnsearan sinn – gu robh sin glan, spaideil.  Chan eil fhios carson.  

  

Coinneach 10:16  Bha Dòmhnall Ruairidh, à Lacasdal ann a-sin … bhiodh e a’ tighinn a-null. Bha e posta aig first cousin dha mo mhàthair (Peigi Dhòmhnaill Glaididh), agus bhiodh e a’ tighinn gu copan teatha nuair a bhiodh e aig an fhaing ann a-sin.  

 

Maighread  10:27 Agus bha iad a' cumail an càirdeas sin. 

  

Coinneach :10:29  Bha .

  

Maighread 10:30  Bliadhnaichean.  Bhiodh daoine a’ tighinn a-nall a Chol cuideachd a bha càirdeach dhuinne. Cha robh 'ad càirdeach dhuinn ach bha sinn a' smaoineachdainn gu robh iad càirdeach dhuinn o chionn 's gu robh iad a' cumail an càirdeas a bha sin.  

 

Coinneach 10:40  Seo a-nise!   Seo a-nise An Loch a Tuath. An tràigh. Am biodh tusa a’ snàmh air an tràigh nuair a bha thu beag? 

  

Maighread 10:48  Cha bhitheadh. Cha do dh'ionnsaich mise snàmh gun tàinig an swimming pool dhan an Nicolson, agus cha bhiodh 'ad gar cumail bhon an tràigh idir, ach bha sinn a' tuigs’ gu robh e cunnartach, agus saoilidh mi 's dòcha nach eil clann an latha an-diugh cho 'street-wise', mar a bha sinne …  nuair a bha sinn ag èirigh suas. Bha iad a' leigeil leinn a bhith a’ falbh air feadh an àite, air feadh a’ mhachair, chon an tràigh 's a-mach chon a' mhòinteach. Cha robh, fhios aighead ... cha robh ar pàrantan còmhla rinn idir.  Bhiodh sinn dìreach a' falbh leinn fhìn.  

  

Coinneach 11:18 Nise, nuair a choimheadas sinn suas an seo tha sinn a' faicinn an abhainn eile, Abhainn Aonghais. Bha i sin math airson na bric. Bhiodh sinne a’ faighinn bric ann a-sin nuair a bha sinn beag.  

  

Maighread 11:25 Cha bhiodh sinne a’ dol faisg oirre.  

  

Coinneach  11:27 Muigh aig an lùib a tha sin. Bhiodh sinn a' dol a-mach ann a-sin gu math tric. Is Gearraidh Ghuirm a-nis' shuas ann a-sin, agus tha e annasach, ma choimheadas tu ri Gearraidh Ghuirm chì thu, mar gum biodh, mar a bha pàirc ann a-sin cuideachd.  

  

Maighread  11:38  Càite? 

  

Coinneach 11:39 Och, ann an sin, far a bheil na lotaichean sin, ana-shin taobh a-muigh na pàirc.   

  

Maighread  11:40 Ò, 's è.  Tha mi creids’ gur e sin an gearradh gorm air am bheil Cnoc a' Ghearraidh Ghuirm ainmichte. An dùil nach e? 

  

Coinneach : 11:49 Agus Aonghas cuideachd. Tha e coltach gu robh taigh shìos ann a' shin, ri taobh Abhainn Aonghais agus gur e Aonghas an daoine a bha a’ fuireach ann.  

  

Maighread : 11:54 Ò seadh, seadh.  

  

Coinneach: 11:56 Tha 'ad ag ràdh sin co dhiù. Nise, bha sinn gu math moiteil às cuideachd gur ann againn a bha a’ phids.   

Maighread : 12:02 Agus an e... ’s e... 

  

Coinneach: 12:02 Chan e “pitch” ach “pids”. 

  

Maighread : 12:04 Agus 's e bodaich a' bhaile a thug am pids sin dhan an sgìre, nach e, airson a bhith dha cleachdadh airson a’ football?  Am “pids”. 

  

Coinneach: 12:13 Tha e annasach nuair a choimheadas sinn an-diugh, fhios aighead? Chì thu man a tha a chuile càil tha sin air a chur air dòigh, ach nuair a bha sinne beag 's bhiodh 'ad a' cluich …. bhiodh Am Bac a' cluich ann a-sin …. thall air na  ….. as na bacannan, far an robh na caravans a tha sin. Cuimhne aighead air na bacannan?  

  

Maighread 12:24 Ò, na bacannan…. Tha.  Tha cuimhn’ a’m air an sin.  

  

Coinneach: 12:26 Sin far am biodh na balaich a' cur dhiubh 's a' cur orra an cuid aodaich.  

  

Maighread : 12:28 Ò an ann? 

  

Coinneach: 12:29 Is thachair mi ri fear aca anns a' bhaile an-dè, is bha sinn a' cuimhneachadh air.  An-diugh tha iad a' faighinn trèinigeadh fad na bliadhna, aig an àm a bha sin bha iad ann a-sin 's bhiodh fag a' dol timcheall eatorra iad. 

  

Maighread : 12:38 Ò mo chreach ! 

  

Coinneach:  12:39  Is an trèinigeadh, ma bha i fuar, bhiodh leth-bhotal a' dol timcheall ….  bha  a chuile duine a’ faighinn todaidh bheag mus deidheadh 'ad a chluich.  

  

Maighread : 12:44 Ò, cha robh càil a dh’fhios a'm air a’ sin. Bhithinn-sa a' faicinn orainsearan. Sin uireas a bha mise a’ faicinn – gum biodh iad a' faighinn orainsearan aig ‘half-time’. Ach bhiodh sinn …. a chuile triop a bhiodh gèama air, chluinneadh tu e a’ tòiseachadh co dhiù, ’s bhiodh sinn a' ruith sìos bhon an t-sràid àrd, sìos chon a' phids, agus bha bacannan mòr timcheall air a phids cuideachd.   

  

Coinneach: 13:02 Bha 's bhiodh sinn a' leum  

  

Maighread  13:02 Bhiodh sinn a' cluich unnta.  Bha iad gu math àrd, ach dh'fhalbh sin nuair a chuir iad an rathad ùr an sàs.   

  

Coinneach: 13:08 Bheil fhios aighead. Tha cuimhne a'masa cuideachd - tha loch ann an-sin an dràsta, agus tha cuimhn' a'm e a’ tighinn thairis aon uair 's ghlac e an t-uamhas de chaoraich a' bhaile ann. Agus anns na ginealaichean a tha ri thighinn, lorgaidh cuideigin tòrr chlosaich chaorach shìos ann a-sin. Chaidh tòrr uain a bhàthadh agus, dìreach ... chaidh an tiodhlacadh ann a-sin anns a ghainmheach.  

  

Maighread : 13:27 Ò bha sin duilich.  

  

Coinneach 13:29 Bha. 

  

Maighread  13:30 Ach tha a’ mhachair air atharrachadh gu mòr. Chan 'eil i cho breagha ’s a b’ àbhaist dhith bhith.  

  

Maighread : 13:39 Seo sinn a-nis aig Na Trì Gheataichean a Choinnich. Chan 'eil cuimhn' agams' air geataichean a bhith ann idir. A bheil cuimhne aigheadsa ? 

  

Coinneach: 13:43 Cha robh geataichean ann nuair a bha sinn ann. Cuideachd, tha sinn a' faicinn ann an-seo an rathad tha seo gu math corrach an dràsta, ach nuair a bha mise òg cha robh leithid de rud ri seo ann. Tha cuimhne agamsa nuair a chaidh rathad teàrr a dhèanamh ann an-seo.  

  

Maighread : 13:55  Tha 's agamsa.  

  

Coinneach: 13:55 Agus tha mi a’ smaoineachdainn gum biodh e timcheall air 58 na mar sin, na mun àm a tha sin. Agus bheil fhios aighead dè as coireach … aon dha na h-adhbharan gu bheil cuimhne agam air?  Tha ... aig an àm sin cha bhiodh iad dheth là Christmas ann. 

  

Maighread 14:08  Ò cha bhitheadh.  

  

Coinneach: 14:09 Agus tha cuimhn' agam a bhith a’ dol a-mach 's na bodaich a' faighneachd dhomh dè fhuair mi bho Santa Clause.   

  

Maighread : 14:13 Tha cuimhne a'mas air airson bhithinn a' leantainn na daoine a bha sin, a bha ag obair air an rathad, agus bhiodh iad a' toirt cèic thugam, à Steòrnabhagh, airson an tea-break, mar gum bithinn ag obair còmhla riutha.  Mac a’ Ghiodain … tha cuimhne a'm air.  

  

Coinneach:  14:26 Ò tha, tha. 

  

Maighread 14:27 Tha, 's bhiodh iad a' toirt dhomh cèic le …  cream-buns agus rudan mar sin, rudan fancy à Steòrnabhagh, 's bhithinn a' falbh còmhla riutha, 's bhithinn a' tighinn dhachaigh, leis na frocaichean breagha a-rithist, – bhithinn a' tighinn dhachaigh làn teàrr.   

  

Coinneach: 14:40 Seadh. 

  

Maighread :14:41 Bhitheadh. Dh'fheumadh mo mhàthair an sadail às. Cha b' urrainn dhi an cumail. Bha ‘ad làn teàrr.  

  

Coinneach: 14:46 Ach nuair a chanas sinne ri ginealach an là an-diugh, “Haoidh, rugadh agus thogadh mi ann an-seo.  Tha cuimhne a'masa nuair a thàinig am bùrn an seo.  Tha cuimhn' a'm nuair a bhiodh …. 's e an tobar a bh’ againn.  A' dol dhan tobar - is, och, abair gu robh thu mòr nuair a leigeadh iad dhut a dhol dhan tobar. 

  

Maighread: 15:00 Bha  

  

Coinneach: 15:01 Ach tha làn chuimhne amas nuair a thàinig am bùrn dhan a bhaile.  Tha mise smaoineachdainn gur e ……. deireadh 56, toiseach 57.   

  

Maighread: 15:07 Chan eil cuimhne amas air an sin idir.  

  

Coinneach: 15:08 Bhàsaich mo sheanair ann a’ December 56 ‘s tha cuimhne a’m … bha ’ad ag obair air a’ bhùrn ann an seo aig an àm sin.  

  

Maighread: 15:15 ’S ann ann an 56 a rugadh mise.  

  

Coinneach: 15:16 ’S ann.  À uill, thàinig tòrr dhan an àit’ a-rèist’.  

 

Maighread: 15:19 Thàinig piseach mòr air an àite bhon uairsin.  

  

Coinneach: 15:22 Ach, seall a-nis.  Siud Lot Gionn, 's Lot a Gheab, 's Lot Phòisean ann an-seo.  'S tha pàirt dhan a' ghàrradh ann an-siud fhathast ... a bh’ air na pàircean, agus nuair a bha sinne beag..  

  

Maighread: 15:32 Tha.  Bha gàrradh ann an-seo.  

  

Coinneach: 15:34  Bha gàrradh ann an-seo, right a-mach an rathad.  

  

Maighread: 15:37 Bha 

  

Coinneach: 15:37 Seo a-nise an t-sràid ìosal.  Bha thusa am measg na toffs air an t-sràid àrd 

  

Maighread: 15:42 Na toffs !  Agus cha robh feansaichean ann an uairsin, nuair a bha mise beag, agus bhiodh sinn a' coiseachd ... bhiodh sinn a' coiseachd a-nuas tarsainn air na lotaichean chun na trì gheataichean.  Bha e cho furast', ach nuair a thàinig na feansaichean bha aighead ri coiseachd timcheall agus cha robh e cho goireasach.  

  

Coinneach: 15:57 Bha, 's cha robh na 'tha seo ann a bharrachd. Ach tha e àraid nuair a thòisicheas tu a' bruidhinn air rudan mar sin, rudan air am bheil cuimhn' agam.  Tha cuimhn' agam fhathast air aon dha na taighean-aire, nuair a bhàsaich do sheanmhair. 'S e teoba na balaich òg an uairsin ... bhiodh tu a’ falbh timcheall nan taighean a' cruinneachadh shèithrichean. 

  

Maighread: 16:14 Ò bhitheadh.  

  

Coinneach: 16:14 Agus bhiodh cailc aighead 's bhiodh tu a’ cur number.  

  

Maighread: 16:17 Number fo na ... 

  

Coinneach: 16:18 Air bonn na sèithrichean 

  

Maighread: 16:19 Bha 

  

Coinneach: 16:20 Gus nach deidheadh na sèithrichean air ais dhan an taigh cheàrr.  

Ach an uairsin.  Seo na Trì Gheataichean ceart gu leòr ma thà, agus bha do sheanair fhèin mar a bha mo sheanair 'sa air feadhainn dha fheadhainn a thàinig dhan a' bhaile seo an toiseach.  

 

Maighread: 16:32 Bha, bha 

  

Coinneach: 16:33 'S chaidh sinn seachad air a' charragh-cuimhne aig ceann a’ rathaid ann a’ sin,  a chuir sinn suas mar chuimhneachan air na daoine sin, ach an rud a bha annasach mu dheidhinn, nuair a bha sinne a' fàs suas cha chuala mis' iad a-riamh a' bruidhinn mu dheidhinn, an cuala tusa ? 

  

Maighread: 16:43 Och, bhiodh mo sheanair uairean a' bruidhinn mu dheidhinn, a chionn 's gum biodh sinn ga cheasnachadh mu dheidhinn, ach cha thòisicheadh e fhèin a' bruidhinn air ach dìreach ma chuireadh sinn ceist air mu dheidhinn. Cha robh, cha robh iad a' dèanamh tòrr bruidhinn mu dheidhinn idir.  

  

Coinneach: 16:56 Càite an robh do sheanair-sa a’ fuireach mus tàinig e a' Chol Uarach? 

 

Maighread: 16:58 Thall an Col, aig 55,  55 Coll.  'S ann leam fhìn a tha an lot sin an-diugh. Thall ann... Lot Noah a chanas iad ris, ach 's e Lot Aonghais Bhig...  

  

Coinneach: 17:07 Nise bha mo sheanair-sa, 's Ailig an t-Siaraich 's dha na thrì aca ... bha iad a-muigh .. taobh-a-muigh ... air a’ mhòinteach ... taobh a-muigh Cheann A-Muigh Chuil ann a-sin. 'S e taighean-dubha a bh' aca ann, fhios aighead ?   

  

Maighread: 17:16 Ò an robh? 

  

Coinneach: 17:17 Chan 'eil ach beagan bhliadhnaichean bho thug Etta Anne mise a-mach ann a-sin.  Bha i a' sealltainn dhomh càite an robh làrach taigh-dubh mo sheanar ann an-sin, mus tàinig iad a-nuas a Chol Uarach ann an-seo. 

  

Maighread: 17:27 Agus bha iad air oir a' bhaile ... air iomall a' bhaile.  

  

Coinneach: 17:29 Ò a-muigh air cùl a' bhaile. 

  

Maighread: 17:31 À ! 

  

Coinneach: 17:31 Cha robh lotaichean aca ann.  

  

Maighread: 17:32 Cha robh lot 

  

Coinneach: 17:33 Cha bhiodh unnta ach seòrsa de squatters, 's rudeigin mar sin.  

  

Maighread: 17:35 Ò, 's e, 's e 

  

Coinneach: 17:36 Smaoinich! Na daoine sin, as dèidh a' chogaidh agus an rud a chaidh a ghealltainn dhaibh, agus na chàill iad de chàirdean agus eile ... agus.  Co dhiù, thàinig iad ann an-seo an uairsin, ann an... Thòisich iad a' raidadh ann an 1919 agus tha sinn a' clàradh seo an dràsta dìreach mar chuimhneachan gu bheil ceud bliadhna bho an-dràsta.  

  

Maighread: 17:53 Tha. 

  

Coinneach: 17:53 Tha e fada, fada ach chan 'eil e fada idir ann an dòigh.  

  

Maighread: 17:55 Chan eil, ann an dòigh.  Chan eil.  Agus roinn iad a-mach an tac nan lotaichean mar a tha sinn a' faicinn an diugh. Ach tha clann nan daoine sin agus na h-oghaichean aca agus na h-iar oghaichean air togail taighean air na lotaichean bhon uair sin. Tha tòrr togalaichean ùra air na lotaichean an-diugh.  

  

Coinneach:  18:17 Nise, an rathad a tha a-steach an sin.  Na mo chuimhne-sa, a-rithist bha e mar rathad mòintich.  

  

Maighread: 18:23 Bha. Ò bha.  Bha son greis mhòr. Cha deach a thearradh nuair a chaidh a' chòrr dhan a’ bhaile a thearradh idir, cha chreid mi.  

  

Coinneach: 18:29 Tha sin gar toirt a-steach ...  Bha .... Tha an taigh a thog Iain Shreachain ann a' sin, ach bha taigh aig a’ Chuibhlear ann an-sin.  

  

Maighread: 18:35 Bha, tha cuimhn' agam air.  

 

Coinneach: 18:36 Agus an uairsin, shuas aig a’ mhullach, bha Taigh Gone.  

  

Maighread: 18:39 Taigh Gone, leis fhèin ann an shin.  

  

Coinneach: 18:40 Dòmhnall Gone, a bha pòsta aig piuthar mo sheanmhar.  

  

Maighread: 18:42 Bha. Agus bha e air an iomall ann an-sin, a-muigh leis fhèin ach ann an àite breagha, sealladh brèagha a-nall chun an tràigh.  

 

Maighread:  18:53 Seo sinn a-nise os cionn Gil Thàisiadar,  far am bithinn a' cluich nuair a bha mi òg agus a’ cur seachad iomadach latha, gu h-àraid Là na Sàbaid, bhiodh sinn shìos an seo a' falach. Chan fhaiceadh dhuine sinn. Chan fhaodadh sibhse sin a dhèanamh air an t-sràid ìosal ann.   

  

Coinneach: 19:08 Chan fhaodadh. Dh'fhaodadh sinne a dhol a-mach chun a’ mhòintich ach chan fhaodadh chun an tràigh.  

  

Maighread: 19:12 Bha, bha sinne air falach shìos an seo. 'S e gil àlainn a tha seo.  Chan eil i, 's dòcha, cho brèagha an-dràsta bhon a tha i gu math donn, ach tha i làn raineach agus bhiodh sinne a’ cluich anns an raineach, agus dè bhiodh againn air anns a' Bheurla?  The Valley of Dreams, ‘s rudan àraid mar sin.  

  

Coinneach: 19:26 Seadh 

  

Maighread: 19:27 Ò bha, bha i breagha, agus tha leas innt’ ...  Leas Bial na Gile. 'S dòcha gum faic thu an làrach aice ann ana-shin, ach tha i nas brèagha as t-samhradh  - tha i uaine.  

  

Coinneach: 19:37 Dè bha san leas? 

  

Maighread: 19:38 Uill, bhiodh iad a' cur rudan innte - muinntir an tac, bhiodh 'ad a' cur rudan innte agus bhiodh iad ag ràdh gum biodh ’ad a' cur tombaca innte, ach chan eil fhios a'm a bheil sin fìor no nach eil. Ach chì thu seileastair a' fàs innte cuideachd, fhathast.  

  

Coinneach: 19:51 Nach robh taigh am bad-eigin a-muigh an seo cuideachd? 

  

Maighread: 19:53 Bha, tha taigh ...  Bha seann, seann taigh shuas an sin. Chì thu an làrach aige fhathast. 

  

Coinneach: 19:59 Ò tha.  

  

Maighread: 19:59 Agus chì thu làrach nam feannagan cuideachd, ma choimheadas tu ann an shin. Chì thu bonn nam feannagan. Nach iad a bha a’ tighinn faisg air oir a’ ghil?  Agus 's e Taigh Thàisiadar a th' air.  

  

Coinneach: 20:11 Am bheil càil a bheachd againn cò bh’ ann an Taigh Thàisiadar?  

  

Maighread: 20:12 Och, tha mi smaoineachdainn gu bheil e cho aosta 's gu bheil ...  Tha an t-ainm a' sealltainn dhuinn gur ann bho na Lochlannaich a thàinig an ainm.  Thàisiadar (hár sætr). Hár,  high,  high above agus 's e Gil Thàisiadar a bhios againn air an seo uairean, ach 's e Gleann nan Caorach a th' oirre cuideachd, air na mapaichean, ach cha tug sinne a-riamh Gleann nan Caorach oirre ach dìreach Gil Thàisiadar. Ach 's e togalach gu math mòr  a bh’ ann, agus chanadh tu gur e steading 's dòcha a bh’ ann. Agus tha e gu math mòr. Chì thu an làrach aige gu math soilleir fhathast, ma choimheadas tu ris air mapaichean.  

 

Coinneach: 20:49 Rud a tha inntinneach mu dheidhinn seo cuideachd ge-tà, tha a’ ghil a' dol tro na lotaichean. Tha na lotaichean air an taobh seo ach tha iad fhathast a' leantainn oirre air an taobh eile, nach eil? 

  

Maighread: 20:57 Cha chreid mi gu bheil a Choinnich, ach tha aon lot, tha aon lot ann, air an taobh sin.  'S e Lot Niall Chaluim Dhuirl a th' air an taobh sin. Ach nuair a thig i gu crìoch far am bheil am feansa a tha sin thall, agus an uairsin 's e,  tha ... common grazing a th' ann.  

 Agus bhiodh sinn a' cluich shìos an sin, far am bheil an rubha beag a tha sin thall. Bhiodh sinn a' cluich ann a-sin cho tric. 'S ann a’ sin a tha cùl an lot againne.   

  

Coinneach: 21:23 Ò, 's è, tha cuimhn' agam a-nise.  

 

Maighread: 21:25 Agus cùl Lot an Stal ann an shin.  'S, ò bha sinn a' cuir seachad tòrr ùine an sin, 's bhiodh sinn uairean a' toirt tentaichean sìos, 's bhiodh sinn a' campachadh ann. Ach tha e duilich 'faighinn sìos chon A' Ghil an-diugh oir tha na lotaichean air cùl nan taighean - tha iad làn còinneach an-diugh 's tha e duilich 'faighinn sìos chon A' Ghil.  

  

Coinneach: 21:43 Co dhiù, A' Ghil, falaichte' air a mhòr-chuid an-diugh ach e ann an-sin, làn cuimhneachain dhut fhèin air làithean d' òige, sibhse a bh' air an t-sràid àrd co-dhiù. 'S nach lean sinn oirnn a-nis. Nach fhaigh sinn sealladh ...   Gheibh sinn sealladh math dhan a' chòrr dhan a’ bhaile bhon an t-sràid àrd, nach fhaigh? 

  

Maighread: 21:58 Gheibh gu dearbha fhèin, agus chì sinn pàirtean dhan a' bhaile à seo cuideachd.  

  

Coinneach: 22:01 Ò chì.  

  

Maighread: 22:02 Tha sealladh glè mhath ann dhan an Leathad Uaine mar a bha mi ag ràdh. A phàirc ann a' shin, sìos bho Taigh Mhòilidh ... 

  

Coinneach: 22:11 Taigh Choinnich Tomaisean, Taigh a' Gheab 's Taigh Ghionn. Seo an rud a tha sinn air call - na h-ainmean aca a-nis. 

  

Maighread: 22:16 Tha 

  

Coinneach: 22:17 Tha sinn air a dhol dhan an ath ghinealach.  

  

Maighread: 22:18 Tha 

  

Coinneach: 22:18 Chan e Lot Mhòilidh a th' ann, an-diugh, ach Lot Chingidh. Tha sinn a' dol sìos tro na ginealaichean.  

  

Maighread: 22:23 Tha  

  

Coinneach: 22:24  Agus mar a chì sinn a-muigh ann an-seo a-rithist, Lot a' Pheel. Tha a-nise trì ... ann am bliadhna eile bidh taighean aig trì ginealaichean air an lot.  

  

Maighread: 22:32 Air an aon lot. Bithidh.  Nach ann mar sin a tha. Mar sin a tha an saoghal. 

  

Coinneach: 22:36  Uill, nach math gur ann mar sin a tha e.  

  

Maighread: 22:37 Nach math gur ann.  

  

Coinneach: 22:47 Seo sinn ann am meadhan leathaid; Leathad a' Pheel a chanadh sinne ris a-riamh, oir shuas ann an-seo bha seann taigh a' Pheel agus ann an-seo an-diugh tha ginealach a Pheel ann an-seo. Tha Calum Dan a' Pheel shìos an sin, tha Norman aig Calum Dan ann an-seo agus tha Jamie, mac Norman, a' togail taigh ann an-seo.  

 

Aon rud nach do chuimhnich mi, a Mhargaret, cuideachd. An rathad mòr, 's e Rathad an Rìgh bhiodh againn' air.  

 

Maighread: 23:08 Rathad an Rìgh, 's è,  Rathad an Rìgh.  

  

Coinneach: 23:10 Nise, ge bith carson is e Rathad an Rìgh, chan 'eil fhios agam. Bheil fhios aighead-sa? 

  

Maighread: 23:12 Tha mi creids’ gur ann is gun robh e air a phàigheadh leis an riaghaltas. 

 

Coinneach:  23:15 Dh'fhaodadh e a bhith. 

  

Maighread: 23:16 Aidh, 's dòcha gur e sin as coireach.  

  

Coinneach:  23:17 Nise a-rithist, nuair a bha sinn a’ fàs suas ann an-seo, cha robh rathad ceart ann an-seo idir.  

  

Maighread: 23:22 Cha robh 

  

Coinneach: 23:22 Ach tha cuimhn' agam air aon stòiridh. Fhios aighead, nuair a bha sinn crosta, nuair a bha sinn òg?   

  

Maighread: 23:27 Robh thusa crosta? 

  

Coinneach: 23:27 Bha fear air an t-sràid àrd, agus tha mi a’ smaoineachdainn gur e àm na Bliadhn' Ùir’ a bh’ ann 's bhiodh e a’ glasadh a’ gheat.  Bhiodh e a’ cur uèir air. Thug sinne linn plyers a ghearradh an uèir. 'S thog sinn an geata, ach dh'fhidir e sinn 's dh'fheuch e às ar dèidh, 's ghabh sinne a-mach mar an Fhear Mhillidh, 's sìos ann an-seo ach gu mì-fhortanach bha slaighd againn air an leathad. Ràinig sinne sìos, 's an ath rud a chunna sinn 's e torch a' dol sìos Lot Chaluim Dhoilidh ann an-seo, agus ... och .... 

  

Maighread: 23:53 An e Seumas Rancain a bh’ ann? 

  

Coinneach: 23:53 Chan è, chan e idir  

  

Maighread: 23:55 Ò, Seumas bochd. 

  

Coinneach: 23:56 Chan è.  Brus Thòthaid.  

  

Maighread: 23:57 Brus, àidh .  Ò bhiodh sinn a' dèanamh sin aig àm na Bliadhn' Ùir’. Chan eil fhios a'm am biodh iad ga dhèanamh anns a chuile baile, ach! Bhiodh sinn a' goid snèipean cuideachd.  

  

Coinneach: 24:03 Ò bhitheadh.  Tha cuimhn' agam  

  

Maighread: 24:05  Carson a bhiodh sinn a' goid snèipean?  

  

Coinneach: 24:06 Chan eil fhios agam.  Chan e an t-acras a bh 'oirnn idir  

  

Maighread: 24:08 Ò chan e, ach tha mi a’ smaoineachdainn gur e cleachdadh a bh’ ann agus bidh iad ga dhèanamh ann an àiteachan eile, no bhà iad ga dhèanamh ann an àiteachan eile - thall air an taobh siar cuideachd ... a’ goid na snèipean. Ach bhiodh sinn a' fàgail na rùsgan aca air an rathad, nach bitheadh ? Gus am faiceadh iad gu robh sinn gan goid. Nach sinn a bha gòrach? 

  

Coinneach: 24:24 Bha sibhse na bu chrosd' na bha sinne! 

Ann an-seo, ge-tà, rathad na mòinteach son an t-sràid àrd ann a-sin, rathad na mòinteach son an t-sràid ìosal ann a-sin. Nise, bha an fhaing ùr ... bha i ann an-seo. Tha i ann fhathast, ach a-nise, a-muigh air cùl a’ chnuic a tha sin, far am bheil an doca an-diugh, bha an fhaing againne ann an-sin, far am biodh sinn ag obair air caoraich. Mar is tric bhiodh iad a' lomadh 's rudan mar sin, mus deach an fhaing a bha seo a thogail.   

  

Maighread: 24:47 Cha robh càil a dh'fhios a'm air an sin.  

  

Coinneach: 24:48 Bha, far am bheil an doc’.  Sin an tè a bha sinne a’ cleachdadh.  Agus seall ann a-seo shìos, far am bheil iad a' togail an taigh a tha seo an-dràsta. A bheil cuimhne aighead ... nuair a bha mise beag bha muileann gaoith' ann a-sin.  

  

Maighread: 24:58 Bha muileann gaoithe ann, bha. Tha cuimhne a’m air an sin. Agus 's è a’ phàirc a tha a-muigh an sin, 's è Pàirc Inagro a bh' oirre. 

  

Coinneach: 25:03 Ò 's è, 's è.  

  

Maighread: 25:05 Bheil cuimhne aighead air an sin? 

  

Coinneach: 25:06 Chan 'eil. 'S e sin an t-ainm a thug Calum Dan air an taigh aige, Inagro. 

  

Maighread: 25:08 Inagro, sin as coireach,  'S è gróf.  ''S è allt a th' ann an 'gróf', anns a’ chànan Lochlannaich, agus tha allt ann, nach eil? 

  

Coinneach: 25:18 Uill, tha an t-allt ann an-sin.  Sin far am biodh sinne a’ cluich nuair a bha sinn òg.  Bhiodh sinn a' dèanamh a chuile seòrsa, 's ghlacadh tu sìol èisg ann 's rudan dhan t-seòrsa sin.  Ach a-rithist, bha ....  's è àite inntinneach a bha seo.  Bha am Peel, bha e inntinneach e fhèin.  

  

Maighread: 25:31 Bha e air a bhith ann an Ameireagaidh.  Dh'fhalbh e air a Mhàrloch no air a' Mhetàgama, nach do dh'fhalbh? 

  

Coinneach: 25:38 Ò, an e sin mar a bha e fhèin agus Ullaigean cho eòlach air a chèile.  

  

Maighread:  25:40 Tha mi a’ creids’. 

 

Coinneach:  25:41 Nise, bha bùth ann an-seo aige.  

 

Maighread: 25:43 Bha.  
 

Coinneach:  25:44 Agus ri mo chuimhne-sa bha beairtean aige far am b’ àbhaist a' bhùth a bhith. 'S tha cuimhne a'm Een a bhith ag obair air a bheart 's chan eil fhios cò bha ag obair air na beairtean eile. 'S bha iad an uairsin, ma tha cuimhn' aighead... bha garaids mhòr aca ann an-seo.  
 

Maighread:  25:53 Bha, 's bhiodh iad a' dèanamh blocaichean cement.  

 

Coinneach: 25:55 Bhitheadh, agus bha làraidhean aca cuideachd. Bha seann làraidh aca shuas ann a-sin 's bha iad dìreach air a fàgail 's sin far am biodh sinne a' cuir seachad ar làithean nuair a bha sinn òg, mas fhior a' dràibhigeadh an làraidh.  

 

Maighread:  26:04 Bhithinn-sa a’ cluich còmhla ri Iain George Sheòrais a' Pheel, bha e mo cho-aois, agus uaireannan bhiodh a’ gharaids falamh.  Bhiodh iad air falbh le na làraidhean tha mi creids’, agus bhiodh sinne air ar fàgail ann an-sin anns a gharaids leis a chuile càil a bha sin. Toys agus abair gu robh e mìorbhaileach, ach an latha bha seo ... bha tanca petrol ann, no diesel no rudeigin a bha iad a' cleachdadh airson na làraidhean agus dh'fhosgail sinne an tap 's chan fhaigheadh sinn air a dhùnadh 's bha diesel no petrol a' ruith sìos an leathad ann an-seo gus am faca Maggie Mary e. Fhuair sinn ar mì-thalamh. Bha sinn crosta.   

Agus bha tanca mhòr bhuidhe shuas an sin cuideachd, làraidh mhòr bhuidhe, 's thòisich sinn ga peantadh uaine. 'S ann a tha e iongantach nach robh mise 's a phrìosan.  
 

Coinneach: 26:47 À uill, cha b' è sibh an ginealach fo dheireadh a bha mar sin idir. Bha am balach agamsa agus am balach aig Norman, bha iad dhan an sin cuideachd. Cha bhiodh fhios againne càit' am bitheadh iad.  Bha cù againn ris an canadh sinn Bran agus nam faiceadh sinn an cù bhiodh fios againn càit' an robh iad, ach nam bithinn a' dol a thòiseachadh ag innse na sgeulachdan a tha sin...  Och uill, chan 'eil mi a’ smaoineachdainn gun fheàrr dhuinn ann an-seo.  

 

Maighread: 27:05  Làithean ar n-òige. 
 

Coinneach: 27:07 'S è bha tighinn na mo chuimhne-sa ach Taigh Dhòmhnaill 'ic Easdar, Taigh Bhrus, Lot a' Chogaidh, Lot Chulpain, mo sheanair, Lot Dharais, Lot Iain Bhig, Lot Ailig an t-Siaraich, 's Lot Phòisean.  Agus an uairsin Lot Gionn, Lot Iain Bhig, Lot Dhòmhnaill Tholstaidh, Lot Choinnich Tomaisean. 


Air an t-sràid àrd bha thu a' tòiseachadh ann an-seo, Lot a' Pheel, Lot Chaluim Dhoilidh, Lot Rancain, Lot Dhòmhnaill Piugh, Lot A' Stal, Lot A' Bhìlich, Lot an Tàillear, Lot Bhochain agus Lot Sheonaidh Tos.  

 

Maighread: 27:41 Agus Lot a' Chuiblear. 

 

Coinneach: 27:42  Lot a' Chuibhleir agus Lot Iain Shreachain, ged a bha e iomadach bliadhna mus tàinig Iain Shreachain a dh'fhuireach an seo, agus an lot a bu mhotha a bha sa bhaile 's è an lot a bh' aig Dòmhnall Gone, a-staigh an sin, far an robh sinn an uair ud.  

  

Maighread: 27:55 Muinntir a' Chogaidh.  Cha do thog iadsan taigh air an lot idir, ach bhiodh iad ga cleachdadh airson caoraich.  
 

Coinneach: 27:59 A' chuimhne agams' air Lot a' Chogaidh, bha làir ac'  
 

Maighread: 28:02 Ò an robh ? 

 

Coinneach:  28:03 Bha each ac'.  'S chan e each snog a bh' innte,  Cha robh i snog idir.  Bhiodh i a’ bìdeadh, bha iad ag ràdh, 's mar sin ghabh sinne feagal bhon an each 's cha bhiodh sinn a' dol faisg oirre.  'S dòcha gu robh iad ag ràdh sin mar a bha iad ag ràdh ris a chuile duine.  Bha tobar aig a chuile taigh an seo.  
 

Maighread: 28:16 Bha, tha cuimhne a'm far an robh an tobar againn fhìn.  

 

Coinneach: 28:17 Uill, tha tobar Rancain an-siud fhathast  
 

Maighread:  28:19 Tha, bidh an tè againn ann fhathast cuideachd, anns an lot.  

 

Coinneach: 28:21 Ach bhiodh sinn a' dol dhan an tobar agus tha cuimhn' a'm fhathast, bha tobar mhath aig muinntir Bhrus.  Bu chaomh leam nan iarradh iad orm a dhol an sin.  Bha thu a' faighinn am peile sionc 's bha thu ga leigeil sìos gus an cluinneadh tu brag.  

 

Maighread:  28:35 Bha 

 

Coinneach: 28:35 Agus an uairsin ga shlaodadh suas.  

 

Maighread: 28:37 Agus am bheil cuimhn' aighead air na tancaichean mòra bha shuas ann a' shin, aig ceann Lot a' Pheel?  Shuas anns an fhraoch.  Bha tancaichean mòr ann. An ann son bùrn a bha iad, no dè ach .... agus bha leacan mòra cement air am muin.  
 

Coinneach: 28:52 Uill, nach e sin a bha a’ mhuileann-gaoith a' dèanamh?  Nach ann airson a bhùrn? 

 

Maighread:  28:55  Bha iad cunnartach.  Tha mi an dòchas gun do dhùin iad 'ad. Bhiodh iad a' maoidhinn oirnn gun a dhol faisg oirre, gun fhios nach tuiteadh sinn innte.   

 

Coinneach: 29:04 Co dhiù, sin an t-sràid ìosal 's tha sinn a-nise a' dol chun a’ cheathramh ginealach dha na daoine a thàinig an seo.  Chì thu far an robh na pàircean, tè ann an-seo, tè shìos an-siud, 's mar a bha thu ag ràdh a-staigh an rathad. An uair sin ann an-seo shìos .... Shìos ann an-seo, sin Allt a' Gheòidh. 'S a-muigh ann an-siud, Tobhta Shìthich agus Gleann Fàil.   

 

Maighread: 29:30 Allt an t-Snìomh.  

 

Coinneach: 29:31 Ò, cha robh sin agam idir a-nise..  

 

Maighread: 29:35 'S chì thu a-nise Gearraidh Ghuirm  

 

Coinneach: 29:37 Ò uill, chì thu sealladh mhath de Ghearraidh Ghuirm  

Maighread: 29:40 No Cnoc a' Ghearraidh Ghuirm.  
 

Coinneach: 29:41 Chaidh tòrr obair a dhèanamh air na lotaichean sin aig àm an IDP (Integrated Development Programme) 's mar sin, 's chaidh a chuile h-aon aca an treabhadh 's an cliathadh agus feur ùr a chur orra, 's tha iad gan gearradh, 's chì thu an diofar a rinn e.  

 

Maighread: 29:50 Chì, tha e snog, nach eil? 

  

Coinneach: 29:53 Co dhiù, sìos chun an t-sràid ìosal agus an uairsin suas a Ghearraidh Ghuirm.  

  

Maighread: 29:56 Glè mhath.  

  

Coinneach: 29:58 Inntinneach a bhith ann an-seo an dràsta, airson dìreach a-muigh ann an-siud tha sinn dìreach air a bhith aig tobar Rancain.  Bha tobar ann, mar a bha mi ag ràdh, aig a chuile taigh ann an-seo, ach bha cuid aca 's bha iad na b' fheàrr na feadhainn eile.  

  

Maighread: 30:09 Bha 

  

Coinneach: 30:09 Tha cuimhne a'm, bha tobar uamhasach math 's cha chan mi nach eil i aig Taigh Dhòmhnaill 'ic Easdar. Bhiodh sinn a' dol ann a dh'fhaighinn bùrn nuair a bhiodh sinn a' dol dhan a' mhòine. Tobar Rancain a-nise, bha an tobar sin ... bha am bùrn againn fhìn na b' fheàrr, ach an tobar a bha siud cha robh am bùrn aice cho math idir, ach eil fhios aighead dè bhiodh iad ga cleachdadh airson? Airson a bhith a’ glanadh nam .... airson a bhith a’ nighe nam plaidichean. Tha cuimhn' a'm mo sheanmhair is m' auntie, 's bhiodh iad a' dol tarsainn an rathad 's a’ glanadh nam plaidichean leis a' bhùrn à tobar Rancain.  

  

Maighread:  30:32 Nach e sin a tha àraid ma thà, gu robh am bùrn a' tighinn à diofar àiteachan?  

  

Coinneach:  30:36 Uill, tha ...  seall, tha sruth a-steach ann a-sin, 's tha allt ... 

  

Maighread:  30:39 Ò tha,  Allt Inagro 

  

Coinneach: 30:42 Nise, tha cuimhne a'm, bha .... a' coimhead suas chun an t-sràid sin.  Bha tè aig Een shuas far am bheil an strèanair sin. Bha tè aig Een ann a-sin. An robh tè agaibhse. 

  

Maighread:  30:48 Bha.  Bha i air an aon loidhne.  'S dòcha gun robh na tobraichean gu lèir ann a-sin, anns an aon loidhne. Tha mi a’ faicinn far an robh an tobar againne, thall dìreach pìos às dèidh a phost telegram sin.  

  

Coinneach:  31:00 Tha cuimhn' agam aon Bhliadhn Ùr cuideachd - tobar ann am meadhan Lot Chaluim Bhochain ann a-sin cuideachd. 'S bhiodh iad a' fàgail peile ri taobh an tobar airson nuair a dheidheadh iad a dh'fhaighinn bùrn gum biodh am peile aca airson a shlaodadh suas. Dè rinn sinne? Chuir sinn am peile fodha anns an tobar ! 

  

Maighread: 31:13 Ò Shiorraidh 's e cho crosta ’s a bha sibh! 

 

Coinneach:  31:17 Ach 'eil fhios aighead, sin na cuimhneachain a bhios againn.   

  

Maighread: 31:21 Och, ’s e, 's e.

  

Coinneach:  31:22 Seall ann an-seo an dràsta, Taigh a' Chuilithean air ar beulaibh, Taigh Iain Bhig ann an-seo.  

  

Maighread: 31:26 Tha 

  

Coinneach: 31:26 Uill, as bith cuin a dh'èireadh sinn' anns a mhadainn bhiodh a' bheart sin a' gliogadaich. Tha mise a’ smaoineachdainn gu robh e a’ tòiseachdainn aig còig uairean sa mhadainn. 

  

Maighread: 31:32 An Cuilithean? 

  

Coinneach: 31:33 An Cuilithean, àidh. Ach Col Uarach cuideachd, nuair a bha sinne a' fàs suas, chunnt mise suas e 's tha mi a’ smaoineachdainn gu robh ceithir beart deug.  

  

Maighread: 31:39 Bha. Cha mhòr nach robh beart anns a chuile taigh. Chluinneadh tu am fuaim a bha sin, eadar fuaim nam beartean agus fuaim daoine a' gabhail na sailm, feasgar gu h-àraid. Tha cuimhn' a'm air an sin.  Bhiodh tu a’ coiseachd a-mach an rathad 's chluinneadh tu daoine a' gabhail an leabhair.   

  

Coinneach: 31:52  Seadh, agus tha cuimhn' agam cuideachd, a' bruidhinn air an sin, bha beart aig d’ athair son greiseag shuas ann a-sin. 

  

Maighread: 31:56 Bha, bha. 

  

Coinneach: 31:57 Agus phòidsig e Dòmhnall Chuimhnidh bhon An Tittan, airson a’ bhith lìonadh nan iteachain. An robh fhios aighead air an sin?  

  

Maighread: 32:01 Cha robh càil a dh'fhios a'm air an sin.  

  

Coinneach:32:04 Agus, 's e an t-adhbhar, tha mi a’ smaoineachdainn gun deach Dòmhnall thuigesan, seach An Tittan ... bha machine aig An Tittan anns an t-seada bheart aige ... chan fhaca mise machine a-riamh cho slaodach ris.  Bha e a’ dol .... 

  

Maighread: 32:15 32:14 À, seadh.  

  

Coinneach: 32:16 Nise, bha na machines againne, dh'fheumadh tu cumail riutha, bha na h-iteachain a' dol orra luath.  

  

Maighread: 32:19 Bha, bha, gu math luath.   

  

Coinneach: 32:20 Bha machine d' athar-sa na bu luaithe 's cha robh Dòmhnall a' toirt leth cho fada ris na h-iteachain.  

  

Maighread: 32:24 Chan eil mi a’ tuigse carson a bha Dòmhnall Chuimhnidh a' lìonadh na h-iteachain dha m' athair.  Bha sinne ga dhèanamh. 'S dòcha gu robh sinne ro bheag an uairsin.  

  

Coinneach:  32:31 Tha mi creids’ gun robh. Tha mi creids’ gun robh.  Cha robh mi a’ dol a' ràdh sin, ach eil fhios aighead, cha robh siud ach airson greiseag. 

  

Maighread: 32:35 À, tha cuimhne a'm gum bithinn ga dhèanamh alright.

  

Coinneach: 32:37 Agus rud eile tha chuimhne a'm,  An Tittan cuideachd.  Tha mi a’ smaoineachdainn gu robh mi ag innse seo ron seo. Nuair a bhiodh sinne a' tighinn bho bhus na sgoile, nam faiceadh sinn An Tittan a-muigh aig ceann a bhàthaich ann a-sin, bhiodh sinn ag ràdh  "Oh no !" 

  

Maighread:  32:47  Carson? 

  

Coinneach: 32:48 Bhiodh e gar h-iarraidh airson a bhith a’ beamigeadh a’ chlò dha.  Cha robh duine aige a bheamigeadh a’ chlò agus bha sinne .... smaoinich nan iarradh tu air leanabh aig deich bliadhna dh'aois a-nis. Bha e math eil fhios aighead.  

  

Maighread: 32:57 Bha. Bha sibh ag ionnsachadh tòrr bhon a' sin fhèin, nach robh? Bha. O bha, bha beart ann an tòrr thaighean. Beart aig a' Phope, 's beart aig Iomhar a' Bhounce.  

  

Coinneach: 33:03 Bha dà bheart ann an taigh Sheonaidh Tos. Bha dhà ann an taigh Chaluim Bhochain mur an robh trì. Bha dhà aig taigh Chaluim Bhochain co dhiù.  

  

Maighread: 33:10 'S bha dhà ann a taigh Iomhar a' Bhounce 

  

Coinneach: 33:13 Bha, 's tè aig Dolan,  

  

Maighread: 33:13 Bha. 

Coinneach: 33:14 'S tè, mar a bha mi ag ràdh, tè a' Chuilithean. 'S e an Cuilithean a b' fhaide bha fighe an seo.

   

Maighread: 33:17 Murdigean Ailig? An robh beart aige? 

  

Coinneach: 33:18 Cha robh, 's ann a thàinig Murdigean dhachaigh à Astràilia cho fad 's as aithne dhomh.  

  

Maighread: 33:21 Thàinig.  

  

Coinneach: 33:22 'S bha tè, airson greiseag, ann an Taigh Noffan, bha dhà anns an taigh againne airson greiseag cuideachd.  Bha tè aig Aonghas Dhòmhnaill 'ic Easdar. Nuair a thàinig mise dhachaidh an toiseach 's ann ag obair air a’ bheart a bha mi. 

  

Maighread: 33:29 Ò an ann? 

 

Coinneach: 33:29  Son bha bheart againn fhathast agus ... ach bha Aonghas Dhòmhnaill 'ic Easdar. Fhios aighead, 's e am pàirt a bu lugha ormsa, duine le druim fada, 's è bhith a’ snaidhm.  

  

Maighread: 33:38 Bha, bha.  Bha sinn duilich. 

  

Coinneach: 33:39 Bha Aonghais Dhòmhnaill 'ic Easdar ... bha e beag agus bha e fhèin air sguir an uairsin, ach chuirinn fios air. Thigeadh e steach, 's bhiodh e mar sin.  Cho luath. Dhèanadh e ann an dà fhichead mionaid an rud gu lèir.  Bha e a’ còrdadh ris agus gu dearbha bha e na fhaochadh dhòmhsa.   

  

Maighread: 33:52 Uill, bha e a’ còrdadh ri cuid a dhaoine agus cha robh e a’ còrdadh ri feadhainn eile.  

  

Coinneach: 33:56 Ach, bhiodh m' athair-sa nis',  bhiodh e a’ deilbh pàtrain anns an t-seada bheart againn fhìn. Fhios aighead, leis na corrain; na bobanan a bhiodh air fhàgail.  

 

Maighread: 34:04 Ò seadh! 

  

Coinneach: 34:05 Agus dhèanadh e pàtran, 's bha beart dheilbh aige. Dhèanadh e pàtran is dòcha gum biodh trì slat breabadair.  Tha fhios aighead fhèin dè cho fada 's a tha trì slat breabadair?  

  

Maighread: 34:15 Chan eil! 

  

Coinneach: 34:16 Ochd troighean, ochd troighean a th' ann an slat breabadair.  

  

Maighread: 34:19 Chan 'eil fhios a'mas air tòrr mu dheidhinn breabadaireachd.  

  

Coinneach: 34:21 Nach eil? 

  

Maighread: 34:22 Chan eil. Dìreach gum bithinn a' lìonadh na h-iteachain, agus gum biodh na snàithlein a' briseadh 's gum biodh m' athair mì-thoilicht'  

  

Coinneach: 34:29 Co dhiù, seo sinn air an t-sràid ìosal ann an Col Uarach, an dràsta. Mar a bha mi 'g ràdh, chaidh sinn suas Leathad Bhochain, thàinig sinn sìos Leathad a' Pheel 's a-nis tha sinn a' dol a dh'fheuchainn oirnn agus an ath thuras a bhios... an ath thuras a stadas sinn 's ann shuas aig an Gearraidh Ghuirm.  

  

Maighread: 34:40 Glè mhath  

  

Coinneach: 34:44 Pàirt eile de Chol Uarach a rèir nan clàran, ach Col Uarach agus Gearraidh Ghuirm, gu math tric ged a bha iad a' cruinneachadh aig coinneamhan baile, cha robh sinn còmhla mar a bu tric dhan tìde idir, ach 's è pàirt de Chol Uarach a bha ann an Gearraidh Ghuirm agus seo far a bheil sinn an dràsta, le sealladh de Chol Uarach agus an loch shìos ann a-sin, 's a' mhòinteach a Mhargaret.  

  

Maighread: 35:08 Tha, tha sealladh math dha Col Uarach an seo agus Loch Chuil Uaraich. Cha chanadh tu gur e loch a th' ann, ach boglach uaireannan, ach nuair a bhios i làn tha i, gu dearbha, na loch.  

Coinneach: 35:19 Agus air a bhliadhna seo tha i air a bhith gu math làn. Ach 's dòcha, ma thòisicheas sinn thall an sin leis an t-sealladh a tha sinn a' faighinn thall an sin.  An tràigh. Tràigh Chuil.  

  

Maighread: 35:25 Tràigh Chuil. 

  

Coinneach: 35:26 Cho brèagha ! 

  

Maighread: 35:26 Agus chì thu an cnoc àrd a tha sin, Cnoc a’ Chladaich. Chanainn gur ann bhon a’ chnoc sin a tha an t-ainm Col a' tighinn. Koll ... Lochlannais a-rithist (round topped hill). Chanainn gur e sin e, agus 's ann an sin a tha Col a' tòiseachadh co dhiù. Nach eil na lotaichean ann an Col a' tòiseachadh ana-shin?  Agus tha, an uair sin, tha ... chì thu Port Chuil ana-shin cuideachd agus an oitir, an sandbank a tha sin. Chì thu e uairean nuair a bhios am muir a' tighinn a-steach. Chì thu an oitir a tha sin.  

  

Coinneach: 36:06 Tha e annasach, aig diofar amannan, tha còrraichean bàta ann an-sin agus chan fhaic thu e ach uairean, ach a' rèir càite a bheil a’ ghainmheach, 's bha mise a’ faighneachd do chuideigin dè bh’ ann 's bha iad ag ràdh gur e ... gum biodh iad a' briseadh suas seann bhàtaichean 's a’ dèanamh feum dha na pàirtean 's a' fàgail an còrr ann an-siud. Chan 'eil fhios agam a bheil sin ceart no nach eil ach tha mi a’ smaoineachdainn gur dòcha gu bheil.  

Nise, cuideachd, air fhalachd ann an-seo bha geodha a' mhinistear ann. 

  

Maighread: 36:28 Bha.

  

Coinneach: 36:28 Agus an uairsin, nach robh slag ann an-sin cuideachd far am biodh iad a' cumail choinneamhan?  

  

Maighread: 36:31 Bha, Slag Bheag na h-Òrduighean, agus  b' àbhaist dha craobh bheag a bhith ann ach chan' eil fhios a'm dè an stuth a chaidh a chur ann, an e gainmheach no an e dìreach sgudal air choireigin a chaidh a chur ann, bho chionn iomadach bliadhna, agus bhàsaich a’ chraobh bheag a bha sin. Ach bhiodh iad a' cruinneachadh an sin, 's dòcha mus robh eaglais ann, agus Slag Bheag nan Òrduighean a bhiodh ac' oirre, shìos anns na bacannan, faisg air an taigh againn fhìn ana-shin.  

  

Coinneach: 36:54 Là breagha air choireigin, bidh cuideigin a' cladhach ann a-sin 's thig iad tarsaing air cnàmhan de bhò a bh’ againne. Sin far an deach a tiodhlacadh.  

  

Maighread:  36:59 Ò an ann ? 

  

Coinneach:  37:03 Ach a-rithist, sin an cleachdadh a bh’ againn leis a’ chrodh. Bhiodh tu a' dol sìos gu bonn an lot ann a-sin 's a ag èigheachd "trobhad, trobhad, trobhad, trobhad " 

  

Maighread: 37:12 'S thigeadh a’ bhò.  

  

Coinneach:  37:13 Thigeadh a’ bhò.  Bha bò anns a chuile taigh. Agus an uairsin ... an loch, aig diofar amannan dhan a' bhliadhna bhiodh feur math air an loch ann a-sin. Aig amannan eile dhan a' bhliadhna, gu math cunnartach.  

 

Maighread: 37:22 Bha 

  

Coinneach: 37:23 'S an uairsin a' dol a-mach chun a' mhòintich cuideachd a-nis.  Tha na pàircean ann a-sin.  Chì thu pàirc an t-sràid ìosal ann a-sin glè mhath, ann a-sin. 'S ann ann an 1960 a chaidh, no timcheall air an sin, a chaidh na craobhan sin a chur anns a’ chiad àite.   

  

Maighread: 37:34 'S ann.  

  

Coinneach: 37:35 Agus tha chuimhne a'm ... bha mi cuideachd gan cur.   

  

Maighread: 37:38 Tha cuimhne a'm nuair a thachair e, ach bha mi rò òg.  

  

Coinneach: 37:42 1960, dè bha thu, trì an e? Co-dhiù, tha cuimhne a'm Ìomhar a' Bhounce a bhith ann an-sin agus bha am bodach a bha seo ... cha chreid mise nach e Aonghas nan Cearc a bh’ ann a chanadh iad ris.  Co dhiù bha e ann a-sin 's thuirt e ri Iomhar ... a’ faighneachd .... a' bruidhinn mu dheidhinn dè cho fada 's gus am fàsadh iad, 's chan’ eil fhios dè ....  thuirt am bodach ris "I wouldn't be worrying about that if I were you" ars' esan.  'S thuirt Iomhar ris "I think my chances are better than yours".  

  

Maighread: 38:08 Ò cha tuirt! Sàtan!

  

Coinneach: 38:11 Ach seall air an sin.  Bhàsaich na craobhan sin.  Tha an doca ann an-sin. Sin far an robh an fhaing a bha siud. Seo na craobhan eile a chaidh an cur. 'S e sgeama a bha sin a chaidh a thogail, ò, mu thimcheall air còig bhliadhna fichead, 's chì thu mar a dh'fhàs na craobhan a-muigh air a’ mhòinteach ann an-sin. 'S bha daoine a' cuir sìos orra 's nach fhàsadh iad.  

  

Maighread: 38:26 Tha iad a' fàs, tha.  

  

Coinneach: 38:28 'S a-nis nach eil tobhta? Nach eil àite iongantach a-muigh an seo cuideachd - càrn? 

  

Maighread: 38:33 Tha. 'S ann a tha e shuas an taobh seo. Barpa, agus tha .... chan' è càrn a bh’ ann, tha mi a’ smaoineachdainn, ach àite far am biodh iad a' tiodhlacadh dhaoine, mu Linn an Iarainn no cho fada air ais ri sin. Tha e gu math aosta. Tha e shuas air mòinteach Ghearraidh Ghuirm, eadar sin agus mòinteach Àrd Thung.  

  

Coinneach: 38:53 Uill, 's e seo an rud a dh'fheumas sinn cuimhneachadh cuideachd.  Tha sinn ann an-seo 's tha dà shràid ann an Gearraidh Ghuirm cuideachd, mar a th' ann an Col Uarach. Tha e cho furasta fhaicinn à seo - an t-sràid ìosal 's an t-sràid àrd. Tha dà shràid ann an-seo.  An tè seo a' dol a-mach chun a’ mhòintich 's an tè eile a' dol a-steach chun a' chladaich.  

  

Maighread: 39:05 Tha 

  

Coinneach: 39:06 Agus a' ceangal suas ris an rathad gu Àrd Thung.  

  

Maighread: 39:08 Tha, agus tha cuimhne a'masa nuair nach robh an ceangal sin cho làidir 's a tha i an-diugh. An rathad sin.  

  

Coinneach: 39:15 Ò cha robh.  Dh'aithnichinn fhìn comhairle 's bha e mar mheadhan -  comhairliche, 's bha e mar mheadhan air an rathad sin a bhith air a thoirt bho rathad singilte gu rathad dùbailte.   

  

Maighread: 39:23 Agus a bheil mi a’ bruidhinn ris a’ chomhairliche sin.  

  

Coinneach: 39:24 Uill, fuirich gus am faigh mi sgàthan. Ach a bheil cuimhne aighead.  Thèid sinn a-nall an sin 's dòcha, airson crìoch a chur air an turas ghoirid a tha seo an dràsta. Taigh 'No Boots'. 

  

Maighread: 39:34 Ò àidh tha, sin an taigh  

  

Coinneach: 39:34 Taigh Iain 'ain Dhòmhnaill.  

  

Maighread: 39:35 Sin aig ceann an rathaid  

  

Coinneach: 39:37 Sin an taigh bho dheireadh a bh’ ann, nach e? 

  

Maighread: 39:38 S’ e, 's e, sin an taigh mu dheireadh a bh’ ann.  

  

Coinneach: 39:40 Agus bhiodh sinne a' dol chun a’ chreagaich an uairsin. Dheidheadh sinn gu bonn Lot No Boots, ann a-sin agus sin Na Sgeirean Beaga.   

 

Maighread: 39:45 Agus Hùbridh 

  

Coinneach: 39:46 Ò 's ann a bha Hùbridh thall an Àrd Thung.  

  

Maighread: 39:48 Ò, an ann thall an taobh sin? Agus bha Slìbridh thall ann am Vatisker. 'S cha d'fhuair mi a-mach a-riamh dè bha Slìbridh agus Hùbridh a' ciallachadh. Bhiodh e math sin fhaighinn.  Dh'fhaighnich mi dha daoine gu math fiosraichte 's cha robh fios aca nas motha.   

  

Coinneach: 40:01 Ann an Àrd Thung'. 'S ann a dh’Àrd Thung a bhiodh sinn a' dol. Bha Hùbridh ann, bha Na Sgeirean Beaga ann (a' rèir an tìde mhara), bha Hùbridh ann 's bha An Leum  ann.  

  

Maighread:  40:07 Agus Cleth Loch.  

  

Coinneach: 40:09 Dè bha sin a-nis ? 

  

Maighread : 40:09 Cleth Loch, sin àite eile thall air na creagan sin, ann a' shin, faisg air Gearraidh Ghuirm. As bith dè tha sin a' ciallachadh. Chan' eil fhios a'm.  

  

Coinneach : 40:17 Uill, feumaidh sinn seo a ràdh. Chan' eil seo ach cuairt bheag againne timcheall Col Uarach a' comharrachadh gu bheil ceud bliadhna bho chaidh Col Uarach a chlàradh mar bhaile oifigeil. Bidh daoine a' coimhead ri seo 's dòcha 's bidh iad ag ràdh "och, carson nach tuirt iad siud".  Tha cothrom aca.  Tha an Comann Eachdraidh ann agus tha sinne ro thoilichte gun cluinn sinn an tuilleadh fiosrachadh mu dheidhinn gin sam bith de na rudan a thuirt sinn a cheartachadh, no feadhainn nach tuirt sinn am fiosrachadh a thoirt dhuinn.  

  

Maighread : 40:38 Tha, agus daoine nas sine na sinne cuideachd. Bidh barrachd fiosrachadh aca-san. Ma tha sin ann.  

  

Coinneach : 40:42 Ma tha sin ann. Mas fàillig sinn, nach tèid sinn far a bheil an rathad eile ma thà, 's chì sinn à sin, 's dòcha, a’ chrìoch cuideachd, ri Àrd Thung.  

 

Maighread : 40:50 Glè mhath.  

  

Coinneach : 40:54 Chaidh sinn air ais gu Rathad an Rìgh 's an uairsin thionndaidh sinn a-steach ann an-seo, 's tha sinn aig deireadh Ghearraidh Ghuirm ann an-seo. Taigh Iain 'ain Dhòmhnaill, Taigh No Boots mar a bh’ ann uaireigin, ach an-diugh an taigh far a bheil an comhairliche, Dòmhnall Crichton, a' fuireach.  

  

Maighread : 41:09 Nach e bràthair An Tàillear a bh’ ann?   

  

Coinneach : 41:11 An e? 

  

Maighread : 41:12 Cha chreid mi nach e 

  

Coinneach:  41:13 Cò an tàillear? 

  

Maighread : 41:14 An tàillear a bha a’ fuireach ann an .... 

  

Coinneach : 41:14 Ò, an tàillear a bha shìos againn fhìn. Ò dh'fhaodadh e a bhith, dh'fhaodadh e a bhith.  

  

Maighread : 41:18 Cha chreid mise' nach e.  

  

Coinneach :41:19  'S e MacLean a bh' air An Tàillear, nach e? 

  

Maighread : 41:21 'S e. 

  

Coinneach : 41:24 Tha thu air ceist a chur orm ann an-sin. Siud aon dhe na ceistean dhuibhse, ach tha Margaret cinnteach, ach chan' eil math dhuinn ... 

  

Maighread : 41:29 Ò, dh'fhaodainn a bhith ceàrr, ach bha mi a’ smaoineachdainn gu robh càirdeas air choireigin ann.  

  

Coinneach : 41:32 Seall a Mhargaret, an sealladh a tha seo.  

  

Maighread : 41:33 Nach eil sin dìreach àlainn. Tha sin dìreach àlainn.  

  

Coinneach : 41:38 Tha Sgìre a' Bhac cha mhòr gu lèir aighead ann a-sin.  

  

Maighread : 41:40 Tha.  

  

Coinneach : 41:41 Col, Ceann a-Staigh Chuil  

  

Maighread : 41:42 'S chì thu cidhe Bhrèibhig ann a' shin, tha. 'S an eaglais, chì thu i ann a' shin, 's an sgoil 's a h-uile càil. Ò tha, tha sealladh breagha an sin. Ach 's dòcha gum bi e gu math fiadhaich uaireannan ma bhios stoirm ann, an dùil am bi?  

  

Coinneach : 41:56 Ach 's e rud tha inntinneach mu dheidhinn Gearraidh Ghuirm an-diugh, chan e a-mhàin gu bheil na taighean ann a bhuineadh dha na daoine a bh’ ann bho thùs.  Bha Taigh a' Bhog ann 's bha Taigh Mhurchaidh Bodaich ann (muinntir Dhòmhnaill 'ain Bhàin). 

  

Maighread : 42:09 Ò bha, bha 

 

Coinneach :42:11  'S na daoine sin agus mar sin.  Ach a-nise, cuideachd, tha sràid eile ann an-seo air a bhith air a thogail air talamh ionaltraidh a' bhaile. Tha deugachadh thaighean ann an-seo a-nise. Thug am baile cothrom do dhaoine òg às an sgìre taighean a thogail ann an-seo agus tha sràid ùr, 's cha mhòr baile ùr ann a-sin.   

  

Maighread : 42:28 Tha.  

  

Coinneach : 42:29 'S tha sin math.  

  

Maighread : 42:29 Ò, tha sin math, tha.  

  

Coinneach : 42:33 Tha crìochan an seo shìos, dìreach shìos ann a-sin, eadar Àrd Thung agus Col Uarach.  

  

Maighread : 42:39 'S è, sin a chrìoch,  crìoch a' bhaile. Ach tha crìoch eile shuas pìos eadar seo agus Àrd Thung.  

  

Coinneach : 42:45 Tha, agus tha sin inntinneach. Rud a tha inntinneach mu dheidhinn gu bheil daoine a' faicinn àite iomchaidh, mar a bha an seo, son taighean a thogail 's tha a-nise dà thaigh ùr air a thogail ann a-sin.  

  

Maighread : 42:53  Tha, tha mi a’ faicinn sin. Tha sin math.  

  

Coinneach : 42:54 Agus far a bheil an t-ionad a-nise, far am bheil iad a' toirt cùram do dhaoine aig a bheil trioblaidean na dibhe agus drugaichean, 's rudan dhan t-seòrsa sin, neo a tha a’ faighinn seachad air.  Sin far an robh cuideachd ... a bheil cuimhn' aighead cò an taigh a bha sin? 

  

Maighread: 43:03 Taigh Tom Currie ? 

 

Coinneach: 43:03 'S è, agus roimhe sin? 

  

Maighread: 43:04 Roimhe sin ... Seòras Ailig John ? 

  

Coinneach: 43:07 Phillip Ailidh nach e? 

  

Maighread: 43:09 Ò an robh? 

  

Coinneach:  43:10 Bha Phillip Ailidh ann cuideachd.  

  

Maighread: 43:11 Ò chan' eil cuimhne a'm. 

 

Coinneach: 43:12 'S bha Ìomhar a' Bhounce a' fuireach anns an taigh tarsainn bhon a’ gharaids. 

  

Maighread: 43:16 Ò bha.  

  

Coinneach : 43:17 47, tha cuimhn' agam air Iomhar an sin. Ach 's è Taigh Tom Currie a bh’ againn' air. 

  

Maighread:  43:21 'S è, Taigh Tom Currie, 's è.  

  

Coinneach: 43:23 Chan eil sgeul air an sin an-diugh, ach tha rudan nas fheàrr ann, ach ...  'S dòcha airson aon sealladh beag a-rèiste, aig deireadh ar cuairt ann an-seo, dh'fhaodadh sinn gu leòr a ràdh mu dheidhinn an fheadhainn a bha a’ fuireach ann an-seo cuideachd. Tha cuimhn' agam air Fuda 's air .. 

  

Maighread: 43:33 Tha 

  

Coinneach: 43:34 Às An Rubha a bha Fuda, bha e pòsta aig nighean A' Bhog, 's Calum Chailein 's ...    

 

Maighread: 43:39 Muinntir Sheòrais Fhionnlaigh  

  

Coinneach: 43:41 Muinntir Sheòrais Fhionnlaigh cuideachd. Gu dearbh, bha. 

  

Maighread: 43:42 Tha.  Bhithinn a' dol an sin.  Bha Dorothy Sheòrais Fhionnlaigh air mo chlas anns an sgoil.  

  

Coinneach: 43:46 'S Taigh Mhurchaidh a' Chargain  Nise, thòisich sinn a' dol tron a' seo ach tha sinn air cuideigin fhàgail às. Faodaidh sibh pèin na beàrnan a' lìonadh an àirde. Ach mar a bha mi ag ràdh, cha robh sinne cho eòlach air a' phàirt seo de Chol Uarach idir. Ann an dòigh annasach, ach bha iadsan dhaibh pèin bha sinne dhuinn fhìn, ach mar a bha mi 'g ràdh, triop anns a' bhliadhna, nuair a bhiodh coinneamh bail' ann ... tha cuimhne a'm. A chiad coinneamh-baile air am bheil cuimhne agamsa 's ann an Taigh Choinnich Tomaisean a bha i.  

  

Maighread : 44:09 Ò, an ann? 

  

Coinneach : 44:10 Agus sinne ag èisteachd aig an uinneig. 'S ò, bhiodh trodan uamhasach a' dol air adhart, 's an uairsin nuair a sguir an taigh, no nuair a chaidh a leagail, 's bhiodh iad an uairsin ga chumail ann am bàthach Choinnich Tomaisean.  

  

Maighread: 44:21 Ò bhitheadh, bhitheadh. Ach bhithinn-sa a’ tighinn a-nuas an-seo, cha b' ann dìreach nuair a bhithinn a' tighinn a-nuas còmhla ri Dorothy Sheòrais Fhionnlaigh, ach aig Oidhche Shamhna.  Bhiodh sinn a' coiseachd a-nuas a Ghearraidh Ghuirm 's bhiodh sinn a' dol dhan a chuile taigh a bha seo, agus le sin fhuair sinn eòlas air na taighean seo ... ’s na daoine a bha fuireach anns na taighean seo.  Mura biodh sin cha bhiodh eòlas sam bith agamsa air na taighean-sa 's na daoine a bh’ ann. Bhitheadh. Bhiodh sinn a-dol chun a chuile taigh a bha sin 's bha sin snog. Tha mi toilichte gun do thachair sin.  

  

Coinneach: 44:47 Agus a-rithist - ceud bliadhna dhan a' bhaile a bhith air a sheatlaigeadh, mar bhaile.  Ann an Col Uarach 's è an tac a bh’ ann. Bha daoine, uaireigin, air a bhith a’ fuireach ann an Gearraidh Ghuirm.  

  

Maighread: 44:56 Bha 

  

Coinneach: 44:57 Ach chaidh an tilgeadh às, agus ann an dòigh, 's e mar gum biodh ... 's e ath-chruthachadh pàirt de bhaile a bha seo an uairsin.   

  

Maighread:  45:02 'S è. Baile breagha,  baile breagha.  

  

Coinneach:  45:08 Agus sinn cho fortanach, là breagha againn' ann an-seo cuideachd. 'S fheàrr dhuinn a dhol, aig deireadh ar sgeòil, mus atharraich sin.  

  

Maighread: 45:17 Seo sinn a-nise aig crìoch a’ bhaile, taobh Àrd Thung. Nach e a Choinnich?  

  

Coinneach: 45:21 'S è, 's è.  Seo an rathad.  'S e an rathad seo a chrìoch.  

  

Maighread: 45:24 Seadh.  

  

Coinneach : 45:26 Cuimhn' aighead.  'S e mòinteach a tha muigh an seo.  'S mòine nan taighean gheala, bha iad a-muigh an seo.  

  

Maighread: 45:31 Bha, bha iad shìos ann a' shin fhèin, dìreach eadar sinn agus na taighean sin.  

  

Coinneach: 45:36 Tha dà sheata taighean comhairle ann an-seo.  

  

Maighread:45:38  Tha.  

  

Coinneach: 45:38 Chaidh a’ chiad seata a thogail 's bha iad ann airson iomadach bliadhna 's an uairsin thug am baile seachad beagan talamh airson an fheadhainn seo ... tha mi a’ smaoineachdainn gur e seachd no ochd dhan an fheadhainn ùra a tha sin. Gheibh thu sealladh math eile dhan an t-sràid eile ann an-seo, nach fhaigh?

  

Maighread: 45:53 Tha, tha sràid ùr an sin. A bheil ainm air an t-sràid sin a Choinnich ? 

 

Coinneach: 45:57 Chan eil. 

  

Maighread: 45:58 Chan eil ainm air fhathast?   

  

Coinneach: 45:59 Chan eil.  Sràid Choinnich.  

  

Maighread:46:01  Boom, boom

 
 Coinneach : 46:05 No an toir sinn Margaret’s Close air? 

  

Maighread: 46:07 Cha toir sibh Margaret’s càil idir air.  

  

Coinneach: 46:09 Ach tha thu a' faighinn ..... Nach eil thu a’ faighinn brod an t-sealladh à seo?  

  

Maighread:  46:12 Tha, tha sealladh math à seo.  

  

Coinneach: 46:13 De Chol Uarach agus, cha mhòr  

  

Maighread: 46:15 Agus Col gu lèir.  

  

Coinneach: 46:17 Cha mhòr nach eil Col Uarach gu lèir, ach dìreach an tràigh 's an t-sràid eile ann an Gearraidh Ghuirm, ann a-sin. Agus bha rabhd aighead an-siud, nach robh?   
 

Maighread: 46:24 Bha, agus chan' eil ach agam ach rud beag dheth. Bha mo mhàthair ... bhiodh i ga ràdh an dràst' 's a-rithist. ‘Col Uarach beag àlainn le dà shràid is bùth’. Sin uireas a th' agam dheth.  

  

Coinneach: 46:36 An t-sràid àrd, an t-sràid ìosal agus bùth a' Pheel.  

  

Maighread: 46:37 Bùth a’ Pheel, tha mi creids’ gur e. 'S è.  

 

Coinneach : 46:40 Tha e annasach cuideachd, tha .... Dh'ainmich thu do mhàthair ann an-siud, agus thug sin na mo chuimhne cuideachd, 's cha robh bùth ann ri mo linn-sa.   

  

Maighread: 46:47 Cha robh.  

  

Coinneach: 46:47 Bha sinne an urra ri bhanaichean.  

  

Maighread: 46:49 Bha, bhiodh bhanaichean a' tighinn.  

  

Coinneach: 46:51 Di-Luain bha bhan Lipton. 

  

Maighread: 46:53 'S bhan a' Chreagain.  

 

Coinneach: 46:54 Disathairne, bhan a' Chreagain agus bha Calum a' Chreagain... Nis, chan eil fhios a'm cò bh’ ann an Calum, ach Calum a' Chreagain co dhiù, bha e rudeigin greannach. Agus, cuimhn' aighead nuair nach robh rathad ceart againne, cha tigeadh e a-mach idir an t-sràid ìosal? Dh'fheumadh sinne a dhol a-steach gu Taigh Phòisean, a dh'fhaighinn na lofaichean, agus chan eil fhios a'm a bheil cuimhn' aighead, bhiodh lofa-chùil ann.  

  

Maighread: 47:11 Ò bha i math.  

  

Coinneach: 47:12 Lofa chùil, agus bha i sin rud beag na bu shaor, sgillinn no dhà.  Ach 's e rud, bha i blàth. Bhiodh dàrna leth an lof' agamsa air a slaodadh a-mach mus ruigeadh mi dhachaigh.  

  

Maighread: 47:19 Bha, bha mi an aon rud. Bha mi an aon rud.  

  

Coinneach :47:22  Bhan Aonghais a' Bhìlich, Dimàirt.  

  

Maighread:  47:23 Bha 

  

Coinneach: 47:24 Agus an uairsin nach do ghabh do mhàthair fhèin a-null sin airson greiseag.  

  

Maighread: 47:26 Ghabh, ghabh 's bhiodh iad a' dol timcheall an sgìre gu lèir.  

  

Coinneach: 47:28 'S Diciadain, bhan Dougie.  

  

Maighread:47:30  Bha 

  

Coinneach: 47:32 Diardaoin, bhan Bular, bhan Cheinidh Bular. Dihaoine, an Co-op le Fringo agus Disathairne, às dèidh dha Angaidh Òg, le bhan Cheinidh Bular, run Tholstaidh a dhèanamh, bhiodh e a’ tighinn gu taigh a mhàthar-chèile (banntrach Ailig an t-Siaraich) agus gheibheadh sinne, ma bha càil a dhìth oirnn, an sin an uairsin.   

  

Maighread: 47:48 'S an uairsin bha bhan an Rubha. Às dèidh sin.  

  

Coinneach: 47:50 Bha sin as dèidh sin.  

  

Maighread:47:52  Tha cuimhne a'm an uairsin, bhiodh i a’ tighinn oidhche Dhiardaoin, aig àm Top of the Pops, agus bha telebhisean, a’ chiad telebhisean, a’ chiad telebhisean a bh' air an t-sràid àrd co dhiù, 's ann aig Seumas Rancain a bha e agus leigeadh Seumas leinn a dhol a dh'fhaicinn Top of the Pops agus Man From Uncle, a chuile h-oidhche Dhiardaoin, agus bhiodh sinn a' faighinn Wine Gums aig bhan an Rubha 's bhiodh sinn a' suidhe an Taigh Rancain. Agus bha a’ chailleach - bha i aosta an uairsin, agus bha aodach seann-fhasanta' oirre,  aodach dubh, sgiorta mhòr fhada agus bhiodh currac oirre agus bha i na suidhe ann an sèithear mhòr, mhòr a' coimhead Top of the Pops agus Man From Uncle, agus Steptoe & Son, agus bhiodh i a’ samhlachadh Steptoe ri fear a bha a’ fuireach shìos ann an Col, bho chionn fhada - Uisdean Beag. Tha, sin an cuimhn' a th' agamsa air na bhanaichean a tha sin.  

  

Coinneach : 48:39 Uill, dh'ainmich thu an telly ana-shin. Bhithinn-sa a’ dol a dh'fhaicinn Man From Uncle ann an Taigh a' Chuilithean. Bha telly aige-san.  

  

Maighread: 48:44 Ò, bha telly aige-san.  

  

Coinneach: 48:45 Ach, cuideachd, bhiodh sinn a' dol a dh'fhaicinn Z-Cars ann am bedroom An Tittan. Bha e mar gum biodh tu ga fhaicinn tro shneachd.  

  

Maighread: 48:52  Ò, bha.  

  

Coinneach: 48:54 Ach sin mar a bha sinne. Cha robh bùth againn' idir ach cha robh càil a dhìth oirnn. 'S ann as dèidh sin an uairsin a thòisich daoine mar Uilleam Ailig a' tighinn leis an fheòil cuideachd. Agus bha Aonghas a' Laundry bha bhan aige a’ bhiodh tighinn timcheall cuideachd. Cuimhn' aighead, bha a’ bhùth dhearg aca son greiseag.   

  

Maighread: 49:08 Ò bha, ach bha sinn a' faighinn rudan eile.  Bha feòil againn fhìn agus bhiodh sinn a' faighinn gu leòr iasg cuideachd. Bha sinn ag ith tòrr iasg tron an t-seachdain agus Là na Sàbaid bhiodh feòil aighead agus soup agus tapioca  's custard, 's rudan mar sin. Uill, anns an taigh againne cò-dhiù. Chan eil fhios a'm ciamar a bha sibhse. 

  

Coinneach: 49:23 Och, tà bha sibhse air an t-sràid àrd of course.  

  

Maighread: 49:25 Bha, bha sinne spaideil. 

  

Coinneach: 49:26 Ò bha, bha.  Ach a bheil cuimhne aighead, cuideachd, a-rithist cha bhiodh e ceadaichte leis an lagh an-diugh, nuair a bhiodh iad a' marbhadh caoraich?  Bhiodh iad fhèin a' marbhadh nan caoraich 's bhiodh iad air an crochadh ac' anns na bàthaichean agus bhiodh iad ann an sin. Mar sin bha thu a' tuigse gu math luath dè bh’ ann. Tha cuimhne a'm, bha aon sheann chaora againn',  's e Daoilidh a bh’ againn' oirre. 

  

Maighread: 49:46 Ò bha ainm agaibh oirr’ ! 

  

Coinneach : 49:47 Bha ainm againn oirre. Agus nach do mharbh 'ad Daoilidh. 

  

Maighread: 49:50 Ò bha sin duilich 's i air a h-ainmeachadh.  

  

Coinneach: 49:52 'S chan ithinn 's an fheòil. Chan ithinn na chops idir. No, chan ithinn na chops idir aig Daoilidh.  Ach, sin .... nuair a thòisicheas tu bruidhinn air na rudan sin tha ceud rud eile ann a dh'fhaodadh sinn a ràdh mu dheidhinn cuimhneachain a th' againne agus tha mi creids', feadhainn nas sine na sinn agus feadhainn nas òige na sinn air Col Uarach. Mas e, a-rithist, agus gu bheil stòiridhean mar sin agaibh bhiodh sinne uamhasach toilichte an cluinntinn.  

  

Maighread: 50:15 Bhitheadh gu dearbha.  

  

Coinneach: 50:15 Cha robh sinne a’ toirt a' chreids’ gur e eachdraidh mhòr a bha seo ann, ach dìreach an sgeulachd againn fhìn.  

  

Maighread: 50:20 Dìreach. Sin e, na cuimhneachain againn fhìn air a’ bhaile bheag àlainn againn fhìn. Sin e, agus abair latha àlainn airson a bhith ga choimhead.  

  

Coinneach: 50:29 Uill, gu dearbha às an seo fhèin, an dràst'.  Ò, fhad 's a bhios sinn a' cumail oirnn' 's fheàrr dhuinn dìreach a ràdh, taing dhuibh airson a bhith a’ coimhead ri seo agus cumaibh oirbh a bhith a’ coimhead ris na videos a tha sinn a' dèanamh airson Comann Eachdraidh Sgìre a' Bhac. Tha sinne ga dhèanamh an-diugh, mar phàirt de ar beatha, latheigin bidh e mar phàirt de dh'eachdraidh na sgìre cuideachd.  

Clilstore Comann Eachdraidh Sgìre a' BhacStòras Beò nan Gàidheal

Short url:   https://clilstore.eu/cs/10540