Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Beatha a' chroiteir

BiBeoBack · Beatha a' chroiteir

Dòmhnall Sheonaidh a-muigh sa mhonadh
E a-muigh a’ buain na mòine
E ga bhuain o cho luath
Mas tig an geamhradh fuar
Dòmhnall Sheonaidh a-muigh sa mhonadh
E a-muigh a’ buain na mòine
E ga bhuain o cho luath
Mas tig an geamhradh fuar

Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan

Seo agaibh beatha a’ chroiteir
Seo agaibh beatha a’ chroiteir

Iain MacGuaire muigh sa gheàrraidh
E a’ ruith leis a’ chù
E as dèidh na caoraich mhaola
Ach an dèan e an rùsgadh
Iain MacGuaire muigh sa gheàrraidh
E a’ ruith leis a’ chù
E as dèidh na caoraich mhaola
Ach an dèan e an rùsgadh

Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan

Seo agaibh beatha a’ chroiteir
Seo agaibh beatha a’ chroiteir

Seonaidh Alasdair air a’ mhachair
E a’ treabhadh fada is thall
E a’ cur sìol eòrna
Ach am fàs an t-arbhar ann
Seonaidh Alasdair air a’ mhachair
E a’ treabhadh fada is thall
E a’ cur sìol eòrna
Ach am fàs an t-arbhar ann

Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan

Seo agaibh beatha a’ chroiteir
Seo agaibh beatha a’ chroiteir

Dòmhnall Ailig Raghnall a-muigh aig fairge
Sìos gu tuath le bàta ùr
E a’ togail ’s a’ tarraing clèibh
Ach am faigh e giomach liath
Dòmhnall Ailig Raghnall a-muigh aig fairge
Sìos gu tuath le bàta ùr
E a’ togail ’s a’ tarraing clèibh
Ach am faigh e giomach liath

Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan

Seo agaibh beatha a’ chroiteir
Seo agaibh beatha a’ chroiteir

Alasdair Ruadh a’ gearradh an arbhair
Air latha foghar fuar
Mas ith na geòidh glas e
’S nach bi greim aig beathach tron bhliadhna ùr
Alasdair Ruadh a’ gearradh an arbhair
Air latha foghar fuar
Mas ith na geòidh glas e
’S nach bi greim aig beathach tron bhliadhna ùr

Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Wey hey!
Beatha a’ chroiteir
Wo ho!
Beatha a’ chroiteir
Beatha a’ chroiteir daonnan

Seo agaibh beatha a’ chroiteir
Seo agaibh beatha a’ chroiteir

 

From Bi Beò album "Ma sgaoil", with kind permission

Clilstore "Bi Beò Back"

Short url:   https://clilstore.eu/cs/10534