Clilstore Facebook WA Linkedin Email
Login

This is a Clilstore unit. You can link all words to dictionaries.

Seanchas: Coinneach Bàn, Fear-taca Lacasaigh, le Magaidh Smith

Seo agaibh seanchas à Sgìre nan Loch ann an Leòdhas, agus thachair seo timcheall air seachd ceud deug ’s a leth-cheud. Aig an àm sin, ’s ann aig na Sìophartaich a bha fearann Leòdhais gu lèir.

Agus a h-uile bud talamh a bha beagan torrach, far am faigheadh iad air arbhar a dhèanamh, bha iad air a dhèanamh na thac, agus bha iad air cuideigin de na daoine aca fhèin a chur a-steach nam fir-tac.

Far a bheil Lacasaigh agus Ceòs an-diugh, ’s e tac a bha sin uaireigin, agus am fear a bha fos cionn an taca ’s e sin Coinneach Bàn. Nise, bha Coinneach Bàn bha e a’ fuireach shuas ann an Sgìasgair, tha sin far a bheil an t-seann chladh ann an Lacasaigh.

Na daoine a bha a’ fuireach air an tac, bha iad beò - bha feòil aca, beathaichean-mairt, beathaichean-chaorach, bha cearcan aca, bhiodh iad a’ sealg eòin is na h-uighean, agus bhiodh iad a’ cur coirce agus eòrna. Bha iad a’ dèanamh min-choirce airson bonnaich agus airson lite. Abair thusa obair, saothair, ach ’s e an t-saothair bu mhotha ’s e a bhith a’ briseadh an t-sìol, an sìol coirce.

Bha na daoine a bha romhpa air a bhith uabhasach innleachdach agus bha iad air dòigh fhaighinn air an t-sìol a bhleith le clachan-brà. Bha iad a’ gearradh dà chlach mhòr chruinn às a’ chreig, agus anns a’ cheann àrd, anns a’ chlach a b’ àirde, bha da tholl ann, bha aon far an robh an t-sìol a’ dol sìos agus fear eile far am biodh bioran ach am faigheadh iad air a’ chlach àrd a chur mun cuairt. Agus nuair a dheidheadh an t-sìol sìos eadar an dà chlach bhathas a’ bleith an t-sìl, agus thigeadh e a-mach mar min air na cliathaichean.

Nise bha Coinneach Bàn agus fir-taca eile, smaoinich iad air dòigh far am faigheadh iad air barrachd den an arbhar agus den an t-sìol agus den a’ mhin a thoirt bho na daoine. Agus thòisich iad le na seann muilnean a bh’ air na h-aibhnichean, gan toirt air ais, agus gun deidheadh na daoine dhan a’ mhuileann agus gum faigheadh fear an taca an cuibhreann fhèin den an t-sìol agus den a’ mhin.

Nise ann an Lacasaigh tha Abhainn Allaidh eadar Lacasaigh is Ceòs agus bha trì muilnean air an abhainn sin, is aithne dhuinn. Tha e coltach, a’ mhuileann as fhaisge air an rathad, ’s e sin Muileann an Taca. Agus an uair sin bha A’ Mhuileann Mheadhan agus Muileann ’an Thormoid shìos ann am beul na h-aibhne. Thathas cuideachd ag ràdh gun robh Muileann an Taca air Abhainn Lacasaigh, ach chan eil mi buileach cinnteach mu dheidhinn sin.

Bha Coinneach Bàn, bha e a’ dol a dhèanamh cinnteach nach biodh na daoine a’ cleachdadh na bràthan aca fhèin aig an taigh, agus gum feumadh iad a dhol gu Muileann an Taca leis an t-sìol. Airson dèanamh cinnteach nach biodh iad a’ bleith an t-sìl is nach robh esan a’ faighinn cuibhreann dheth, chuir e roimhe gum falbhadh e le na clachan-brà aca.

Chaidh e timcheall Lacasaigh is Ceòs leis an each agus leis a’ chairt agus chruinnich e na clachan-brà. Chaidh Coinneach Bàn sìos gu beul na h-aibhne agus aig a’ Pholl Gorm ann an shin chuir e na bràthan ann an sloc agus sin an t-àite air a bheil Sloc nam Bràthan aca chun an latha an-diugh.

Bhiodh mo sheanair ag ràdh riumsa aig grunn tràighe gum faiceadh tu na bràthan ann an shin, agus feamainn a’ fàs orra.

Nise, cha do ghabh a h-uile duine ris a’ bheachd a bh’ aig Coinneach Bàn, gum feumadh iad uile a dhol gu muileann na taca air an abhainn. Bha fear ann an Ceòs air an robh An Gobha, duine mòr làidir mar gach gobha eile agus dhiùlt esan am bràth a thoirt do Choinneach Bàn.

Latha bha seo, bha An Gobha aig tiodhlacadh air Eilean Chaluim Chille. Nise ’s e sin an aon chladh a bh’ air an astar aig an àm sin. Fhad ’s a bha e aig an tiodhlacadh thuirt cuideigin ris gun robh Coinneach Bàn a’ dol a ghabhail a bhrath agus gun robh e a’ dol sìos gun an taigh aig a’ Ghobha agus gun robh e a’ dol a dh’fhalbh leis a’ bhràth aige. A’ chiad eathar a dh’fhalbh à Eilean Chaluim Cille an latha sin bha An Gobha innte. Agus a’ mhionaid a bhuail e a’ chladach ann an Ceòs, thuirt e ri na fir a bha air na ràimh iad fuireach far an robh iad, gum feumadh an t-eathar a dhol air ais gu Eilean Chaluim Chille leis-san air a neo le Coinneach Bàn ro dheireadh an latha.

Rug e air a’ chiad duine a thachair e ris. Thuirt e ris gum faca e Coinneach Bàn a’ dol a-mach an rathad agus gun robh bràth aige sa chairt. Thug An Gobha na beannaibh leis agus tha e coltach gun do ràinig e agus gun do rug e air Coinneach Bàn leis a’ chairt eadar Lacasaigh agus Baile Ailein. Fhuair Coinneach Bàn às leis an latha sin agus chaidh An Gobha dhachaigh leis a’ bhràth aige fhèin.

Nise bha seanchas eile ann mu dheidhinn Coinneach Bàn nuair a bhiodh e a’ cruinneachadh a’ mhàil. Na daoine a bha a’ fuireach air an tac cha robh càil aca, bhiodh iad a’ pàigheadh a’ mhàil le ’s dòcha mult no pìos clò, ach co-dhiù an triop seo bha dhà no thrì bhuinn airgid ann agus bha aig Coinneach Bàn ris a h-uile càil a chaidh a phàigheadh airson a’ mhàil a thoirt dha na Sìophartaich.

Ach b’e na bh’ ann an triop seo, bha siamarlan aig na Sìophartaich ann an Steòrnabhagh, fear air an robh Cailean Dearg, agus bha e fhèin agus Coinneach Bàn air a dhol a-mach air a chèile gu dubh. Smaoinich Coinneach Bàn gun deidheadh e fhèin gu Caisteal Bhrathainn leis a’ mhàl, le na buinn-airgid a bha e air fhaighinn. Agus bha an slighe cho fada, bha aca ri dhol a-null air an eathar agus an uair sin coiseachd bhon a’ chladach gu taobh eile…faisg air taobh eile Alba. Agus thug e leis dà sgalag, dà shearbhanta. Thug e leis dà daga agus claidheamh agus gunna-fras, agus dh’fheuch e air Caisteal Bhrathainn.

Nise, cha do chord seo ri Cailean Dearg idir, bha e glan às a chiall. Agus thuirt e, ‘Cuiridh mise air dòigh air’. Chuir e fios chun a h-uile mèirleach a b’ aithne dha air an taobh seo de dh’Alba gun robh Coinneach Bàn air an t-slighe gu Caisteal Bhrathainn le poca airgid. Nise mar a bha an dùil, Cailean Dearg.

Bha Coinneach Bàn agus an sgalagan air an t-slighe gu Caisteal Bhrathainn agus aig àite ris an canadh Càrn a’ Chaorainn leum ceathrar mhèirlich air Coinneach Bàn agus an dà sgalag. Thog a’ chiad mèirleach an daga agus cha do dh’obraich i. Le sin, fhuair Coinneach Bàn air a’ chiad mèirleach a mharbhadh leis an daga aige fhèin. Dh’fheuch e an uair sin air an dàrna mèirleach agus chuir e an ceann dheth leis a’ chlaidheamh. Bha an dà sgalag bha iad a’ cumail an dà mhèirleach eile agus loisg…bha iad ga chumail…gan cumail leis a’ ghunna-fras. Nise, chleachd Coinneach Bàn an dàrna daga airson an treas mèirleach a mharbhadh, agus dh’fheuch e air a’ cheathramh mèirleach agus cha do bhuail e ann, ach thug e pìos dhen a’ chluais dheth agus dh’fhalbh an ceathramh mèirleach a-mach dhan a’ choille aig Càrn a’ Chaorainn.

Chùm iad orra, chaidh iad gu Caisteal Bhrathainn leis am beagan airgid a bha iad air a chruinneachadh bho dhaoine a bha a’ pàigheadh a’ mhàil agus thill iad dhachaigh.

Nise, bliadhnaichean às dèidh sin, bha bean Coinneach Bàn, chunnaic i an truaghan duine a bha seo a’ tighinn a-nuas an rathad, agus bha iad ag ràdh gur e tramp a bh’ ann, ach truaghan air choireigin co-dhiù, agus ghabh i truas ris agus thug i a-steach e gu biadh shuas anns an taigh ann an Sgìasgair. Agus mar a bha e na chleachdadh agus tha e na chleachdadh fhathast aig na fir, nuair a shuidheas iad aig a’ bhòrd tha iad a’ toirt dhiubh am bonaid, agus mhothaich Coinneach Bàn gun robh pìos dhen a’ chluais a dhìth air an duine bochd a bha seo agus thuirt e ris ‘Dè thachair riut?’ agus thuirt an tramp ‘O uill, chaill mi pìos den a’ chluais aig sabaid aig Carn a’ Chaorainn’. Thuirt Coinneach Bàn ris ‘’S e mise a rinn sin, ach gabh thusa do bhiadh. Chan eagal dhut dheth an triop seo’.

Clilstore Language Sciences InstituteSoillseSabhal Mòr OstaigIsland Voices

Short url:   https://clilstore.eu/cs/10037