This is a Clilstore unit. You can .
Tha mi a’ dol a dh’innse seanchas. Seanchas à Sgìre nan Loch ann an Leòdhas.
Mar a bhios fhios agaibh, ’S ann le Clann ’ic Leòid, Na Leòdaich, a bha fearann Leòdhais thar iomadh ginealach. Ach timcheall air sia ceud deug ’s a h-aon dheug, 1611, thug an crùn talamh Leòdhais dha na Sìophortaich- Clann ’ic Choinnich.
Nuair a thàinig Iarla Shìophoirt, nuair a ràinig e a-nall bho tìr-mòr bha feagal air gun èireadh Clann ’ic Leòid na aghaidh, agus ghairm e gum feumadh a h-uile duine a bha càirdeach do cheann-chinnidh Clann ’ic Leòid a chur gu bàs. Agus sin a rinn iad.
Ach bha dithis ann nach d’ fhuair iad. Dòmhnall agus Torcuil, na balaich aig Tormod. Cha lorgadh iad ann an àite sam bith iad. Thuig Iarla Shìophoirt gun robhas gam falach, agus dh’innis e dha daoine a bha timcheall air gun robh esan a’ dol a thoirt làn a chròig de dh’airgead do dhuine sam bith a bheireadh thuige na balaich Dòmhnall no Torcuil, biodh iad beò no biodh iad marbh, cha robh e gu diofar.
Nise, bha Dòmhnall agus Torcuil a’ falach ann an taigh a’ bhreabadair ann an Crosabost ann an Sgìre na Loch. Nuair a chuala am breabadair gun robh e a’ dol a dh’fhaighinn làn a’ chròig de dh’airgead, bhrath e na balaich, agus thàinig na saighdearan aig Iarla Shìophoirt agus dh’fhalbh iad le Dòmhnall agus Torcuil. Cheangail iad na làmhan aca agus chuir iad sèinichean man casan. Chaidh falbh leotha ann an eathar a-null gu tìr-mòr. Chaidh iad air tìr agus choisich iad an uair sin gu Caisteal Bhrathainn, a tha faisg air Inbhir Pheofharain, sin Dingwall.
Chaidh na balaich a chìpeachadh ann an rùm dorch fon talamh. Agus bha cùirt ann agus chaidh binn-bàis a thoirt orra. Nuair a chuala Dòmhnall seo, thuirt e ri fear dha na h-oifigearan a bha a’ cumail sùil orra, ‘Seach gur e seo an oidhche mu dheireadh againne, bu chaomh leam, nam biodh sibh cho math, rud no dhà iarraidh’. ‘Dè a-nis an seòrsa rud a dh’iarradh tu?’ ars’ an t-saighdear a bha air an ceann. ‘Dh’iarrainn tocasaid uisge-beatha, ballan-ime (pìos craicinn le ìm ann) agus ceann trì chaoraich dhubh-cheannach’. Uill, ghabh an t-oifigear beagan de thruas riutha is fhuair e mar a bha e ag iarraidh. Thàinig an tocasaid uisge-beatha agus dh’iarr e air an oifigear an tùc a thoirt às an tocasaid. Thug Dòmhnall drama dha a bhràthair Torcuil agus ghabh e fhèin tè. Thug e an uair sin cead dha na saighdearan a bha timcheall iad na thogradh iad a thoirt às an tocasaid.
Uill, às dèidh greiseag, bha na saighdearan gan dalladh leis an deoch. Greiseag bheag eile is bha iad fuar agus srann aca air an làr. Ghabh Dòmhnall an cothrom is spìon e na ceann-caorach às a chèile agus thug e asta an carbard, sin am pìos le na fiaclan, agus thòisich e a’ sàbhaigeadh air na sèinichean a bha ma chasan. Agus abair saothair. Mar a bha gach cnàimh a’ teasachadh, bha e ga thomadh anns an ìm ach am fuaraicheadh e. Chùm e air, agus an dèidh ùine fhuair e air na sèinichean a bha ma chasan fhosgladh.
Ach bha e air uimhir a dh’ùine a thoirt agus bha feagal air gun dùisgeadh na saighdearan, gun tigeadh iad timcheall agus gum beireadh iad air. Agus thuig e, an suidheachadh anns an robh iad, gun robh e na b’ fheàrr nam faigheadh aon duine aca às le am beatha.
Uill, leig e beannachd le a bhràthair Torcuil agus thug e às. Nuair a thàinig a’ mhadainn, bha Dòmhnall air an allaban air na monaidhean agus chaidh Torcuil a chrochadh aig Cnoc na Croise.
Chùm Dòmhnall air gu deas agus ràinig e baile ann an Siorrachd Lannraig, ’s dòcha gur e Glaschu a bha sin, agus chaidh e dhan an arm agus e air ainm duine eile a thoirt seachad.
Nise bha Dòmhnall na dheagh shaighdear, bha e umhail is bha e dìcheallach agus dh’obraich e a shlighe an-àirde anns an arm.
Às dèidh seachd bliadhna, thug an fheadhainn a bha fos a chionn, thug iad dha cead a dhol dhachaigh, agus thuirt e riutha gun robh a dhachaigh cho fad às agus nach ruigeadh e agus nach fhaigheadh e air ais anns an ùine a bha iad air a thoirt dha, mura toireadh iad dha eathar agus sianar a bha eòlach air eathar, a bha làidir air na ràimh agus eàsgaidh mu sheòl. Thug iad sin dha, bha iad a’ saoilsinn uimhir dheth.
Thàinig an t-eathar agus na sianar làidir air na ràimh agus dh’fhalbh iad, is cha do stad iad gus an do ràinig iad am bàgh mu choinneamh Crosabost, Tòb Shuardail no is iongantach.
Chuir Dòmhnall dithis dha na balaich air tìr, suas gu taigh a’ bhreabadair, agus nuair a thill iad thuirt iad nach fhaca iad duine ach aon bodach ag obair air beart. Dh’aithnich Dòmhnall gur e am breabadair a bhrath e a bh’ ann.
Nuair a thuit an oidhche, fh’fhalbh Dòmhnall agus e ann an èideadh an airm leis a chlaidheamh crochaichte ma mheadhan, le na sianar dha na sgioba.
Agus chaidh iad suas gu taigh a’ bhreabadair. Dh’fhidir am breabadair iad a’ tighinn is chaidh e dhan doras. Thuirt Dòmhnall ris ‘A bheil thu gam aithneachadh?’. ‘Chan eil’ ars’ am breabadair. ‘A bheil cuimhne agadsa air na bràithrean Dòmhnall agus Torcuil a bhrath thu dha na Sìophartaich air sgàth làn do chròig de dh’airgead?’ ‘O, tha deagh chuimhne agamsa air an sin’ ars’ am breabadair.
‘Uill’ arsa Dòmhnall, ‘’S e mise an dearbh Dhòmhnall sin, agus dearbhaidh mi a-nise dhut neart mo làimhe’, agus le aon sguab dhan a’ chlaidheamh chuir e an ceann far a’ bhreabadair.
Chaidh Dòmhnall agus an sgioba air ais chun a’ chladach agus ghabh an t-eathar a-mach an loch.
Nise, chan eil fhios an tàinig Dòmhnall no duine a thàinig a-mach bhuaithe a-chaoidh air ais a Leòdhas, ach tha beul-aithris na Sìophortaich chun an latha an-diugh ag ràdh gun do chuir na Sìophortaich às dhen a h-uile duine a bha càirdeach de cheann-feadhna na Leòdaich. Ach a-rèir an t-seanchais seo, an dùil an do chuir?
Short url: https://clilstore.eu/cs/10036